Bochdainn agus neo-ionnannachd an àird an Alba
- Alasdair Laing
- Mar 22, 2018
- 1 min read

Tha ìre na bochdainne ann an Alba fhathast ag èirigh, a rèir fhigearan oifigeil.
Anns gach bliadhna eadar 2014 agus 2017, chaidh an àireamh de dhaoine a bha a’ fuireach ann am bochdainn an àird. Bha aon mhillean duine uile gu lèir a’ fuireach ann am bochdainn.
’S e th’ ann am “bochdainn” ach daoine a tha beò air 60% air neo nas lugha de theachd a-steach chumanta na dùthcha - sin £10,200 sa bhliadhna.
Sheall na staitaistigean as ùire gu bheil 8% de dhaoine a’ fuireach ann an “bochdainn leantainneach” cuideachd - sin far a bheil daoine beò air nas lugha na £9,700 sa bhliadhna.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad “dhà-rìribh dealas” a thaobh a bhith a’ cur às do bhochdainn agus gum biodh iad a’ cur romhpa planaichean sin a dhèanamh ro 2030.

Thuirt Ministear an Ionnannachd, Angela Constance, gu bheil a’ freagairt air neo-ionnannachd “aig cridhe a h-uile càil a nì sinn gus Alba a dhèanamh na dùthaich nas cothromaiche, nas ionnainne”.
Às dèidh cosgaisean taigheadais, bha 24% de chloinn ann an Alba a’ fuireach ann am bochdainn eadar 2014-17 - an àird 1% air 2013-2016.
Tha ìrean bhochdainn nas àirde am measg boireannach shingilte na fireannach singilte, clann ann no às.
Às dèidh cosgaisean taigheadais, bha 13% de pheinnseanairean a’ fuireach ann am bochdainn - an àird 1% air 2013-2016.
Tha na dùbhlanaichean ag ràdh gu bheil na figearan seo a’ dearbhadh nach eil na tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air a bhith a’ dèanamh ag obair agus gum bu chòir iad £5 a bharrachd san t-seachdain a chur ri sochairean-chloinne.
Kommentarer