top of page

#IsMiseGàidhlig


Dè a-nis? Dòtaman. Calum Clachair. Sam Smàlaidh. Na Daoine Beaga. Bidh Albannaich mun aon aois riumsa [sin a’ teannadh air 30 cha mhòr, mo chreach…] uile eòlach air na prògramman telebhisein sin – ged nach tuig ach 2% dhiubh na thèid a ràdh annta. ’S e cùis nàire a tha sin. Chan eil leisgeul ann air a shon. Agus, gu deimhinne, bu chòir nàire a bhith oirnn uile gu ìre.

Thàinig mise dhan Ghàidhlig nuair a bha mi còig bliadhna deug a dh’aois, is mi a’ cur crìoch air an àrd-sgoil ann am Meadhan na h-Alba. Bha i uair air a teagasg anns an sgoil dhan deach mi, ach dh’fhalbh an tidsear agus ceannard na sgoile, aig an robh làn thaic dhan chànan, agus theich an cothrom bhuam. Gu fortanach, bha clas coimhearsnachd ann agus leabhraichean. Fhuair mi leabhar bho leabharlann na sgoile agus chaidh mi gach seachdain dhan a’ chlas a bha sin. Chuir mi seachad an t-uabhas de thìde ag ionnsachadh air mo cheann fhèin, a’ sgrìobhadh air “Fòram na Gàidhlig” iomadh turas gach latha agus a’ coimhead TeleG fad uair a thìde gach oidhche – ge b’ e dè na prògramman a bh’ air. A dh’aindeoin na h-oidhirp a rinn mi, chan ann bitheanta a chaidh mo bhrosnachadh – gu h-àraidh aig an sgoil. Thugadh comhairle orm gun a bhith a’ gabhail gnothach ris a’ chànan le daoine a bha còir aca a bhith gam bhrosnachadh – tidsearan is eile – agus chaidh a ràdh rium cha mhòr gun sguir gur i cànan mharbh a bh’ anns a’ Ghàidhlig, rud gun fheum a bh’ innte agus nach biodh cothroman ann dhomh san àm ri teachd nam bithinn a’ caitheamh ùine air rud cho faoin agus gum bithinn na b’ fheàrr dheth Fraingis ionnsachadh.

Tha mi toilichte a ràdh nach do dh’èist mi riutha agus gun do lean mi orm. Chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 2008 agus rinn mi BA Gàidhlig is Leasachadh. Thòisich mi air Gàidhlig a theagasg do dhaoine air loidhne agus ann an clasaichean coimhearsnachd. Chuir mi seachad ùine nam oide aig Oilthigh Dhùn Dè agus ag obair dha Comhairle Pheairt is Cheann Rois agus Comhairle Shruighlea. Tha mi air nochdadh air prògramman BBC Alba agus ’s ann tric a bhios mi a’ bruidhinn air cùisean air Radio nan Gàidheal. Tha mi an-dràsta a’ cur crìch air cùrsa nam meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig is obair ùr ann an roinn-naidheachdais a’ BhBC a thòiseachadh an ceann mìos. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil mise àraid anns an t-seadh seo. Bha ùidh agam ann an cànain agus cha bhi a h-uile duine ag ionnsachadh chànan dhan aon ìre sa ràinig mise, ach tha seo uile a’ sealltainn gu bheil e comasach fiù ’s nuair a tha an coltas ann gu bheil cha mhòr gach neach eile nad aghaidh.

Tha sinn air mòran a chluinntinn anns na meadhanan thairis air an dà sheachdain sa dh’fhalbh mun a’ Ghàidhlig: Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air fhosgladh. Tha Falcair na Gàidhlig gus £2.5m not de mhaoineachadh a bharrachd fhaighinn. Thèid an treas Sgoil Ghàidhlig fhosgladh ann an Glaschu. Bha dà bheasbad mun a’ Ghàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba. Agus tha BBC Alba air prògramman ùra luach £5.2m not fhaighinn. ’S e fìor dheagh naidheachd a tha seo dhàn chànan agus do chultar nan Gàidheal. A bharrachd air sin, ’s e deagh naidheachd a th’ ann do dh’Alba. Bu chòir sinn a bhith moiteil às na cànain a th’ againn, Beurla Ghallda, Gàidhlig agus Beurla Albannach uile, agus am measgachadh de chultaran a th’ ann. ’S iongantach gu bheil iad uile ann agus fhathast beò. Feumaidh sinn an dìon – chan eil prìs air cultar agus cànan – agus mar a chanas na h-Èireannaich, “Tìr gun chànan, tìr gun anam”. Gu mì-fhortanach, chan ann mar sin a tha sinn mar dhùthaich ged-thà, agus fiù ’s mus an do dh’fhosgail dorsan Bhun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh fosgailte madainn Dhiluain bha na pàipearan-naidheachd nàiseanta agus ionadail agus prògramman naidheachd na dùthcha làn ghràin dhar cànan. Bha tidsearan, seann cheannardan sgoile, Comhairlichean, Buill-Phàrlamaid agus a’ phobail deiseil is deònach càineadh is slaic a thoirt dhan Ghàidhlig. ’S e apartheid eile a bhios ann ma leigeas sinn leotha Sgoil Ghàidhlig. Chan e ach “teuchter language” a th’ innte aig nach eil feum sam bith, a chosgas cus airgid. Nì i cron air ar cuid chloinne agus cuiridh i ann sgàradh anns ar coimhearsnachdan. ’S ann air a sgàth a tha Seirbheis Slàinte na h-Alba a’ tuiteam às a’ chèile. Agus chan e ach pròiseact nan Nàiseantach a th’ anns a’ Ghàidhlig co-dhiù.

Tha mi gu mòr a’ creidsinn, mar a tha cùisean ann an Alba an-dràsta, chan e is gu bheil daoine aineolach a thaobh ar cànain agus ar cultaran air sgàth ’s gun do rinn iadsan taghadh. ’S ann air sgàth is gu bheil an fheadhainn as cumhachdaile aineolach agus gu bheil iad a’ leigeil [air no ’s dòcha ag iarraidh] leinn a bhith mar sin cuideachd. Feumaidh sinn, mar Albannaich, ar guthan a thogail. Feumaidh sinn sealltainn nach leig sinn leotha cur sìos air, agus cur às dha, ar cànain agus ar cultaran. Agus tha an t-àm ann do sgoiltean, gnìomhachasan agus luchd-poilitigs fad is farsaing spèis is taic a thoirt dhan a’ Ghàidhlig – agus a’ Bheurla Ghallda agus a’ Bheurla Albannach. Chan e rud meadhan-bhuidheann a th’ anns a’ Ghàidhlig agus chan e rud cumanta a th’ anns a’ Bheurla Ghallda nas motha. ’S ann don a h-uile duine a tha cànain agus cultaran na dùthcha seo agus chan eil làmh an uachdair aig aon bhuidhean gu sònraichte air tè seach tè dhiubh.

Ged a tha an coltas ann gu bheil an saoghal a’ dol na bhùrach an-dràsta, agus gu bheil gràin-cinnidh agus gràin san fharsaingeachd air fàs cho cumanta, chan ann mar sin a dh’fheumas Alba a bhith. Faodaidh sinn uile tighinn cruinn còmhla airson math ar dùthcha agus sealltainn gu bheil e fallain, air leth chudromach agus àbhaisteach a bhith ioma-chànanach agus ioma-chultarach. Ged is beag sinn a-nis mar luchd labhairt na Gàidhlig, tha sinn ann. Ach, a dh’aindeoin cho beag is a tha sinn, air neo a bhios sinn, feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh ar guthan a thogail cho fad ’s a tha aonan dhinn air fhàgail.

bottom of page