top of page

Cò dha am buin ar cànain?


’S ann tric a bhios mi a’ meòrachadh air na rudan ud a tha coltach is eadar-dhealaichte eadar a’ Ghàidhlig, cànan a lorg àite nam chrìdh o chionn beagan bhliadhnaichean, agus Catalanais, cànan mo mhuinntir is tìr m’ àraich.

A bharrachd air corra fhacal a tha coltach san dà chànan, tha an dà shluagh air a bhith a’ fulaing, gu ìre mhath, na h-aon shuidheachaidhean cruadalach rè nan linn.

Bha na meadhan-aoisean fuilteach cogail air feadh na Roinn-Eòrpa, agus sinne a’ sabaid an aghaidh a chèile is eadarrainn fhèin gun sgur. Ach b’ e na pòsaidhean rìoghail a mhill a’ chùis dhuinn. Is ann tron 15mh is an 16mh linn a thòisich rìghrean is bànrighrean a’ teannadh dhùthchannan ri chèile, agus iad air a bhith a’ pòsadh nam measg fhèin fad treiseig aig an àm. Gu sgiobalta luath, chaidh sinn fo smachd choigreach; na tìrean Catalanach fo theaghlach rìoghail Chastilla, agus Alba fo rìgh ann an Sasainn. Dh’fheuch iad nach biodh an co-choslachadh is lunnadh ro fhollaiseach, ach bha am pròiseas a’ dol air adhart gu soirbheachail; bha Sasainn is Castilla gu bhith a’ leudachadh, agus chanadh iad Breatainn is an Spàinn riutha.

Ach dh’fhàs gnothaichean fiù ’s na b’ fhasa dhaibh nuair a thòisich na cogaidhean seilbheach san 18mh linn: Cogadh nan Seumasach an Albainn, is la Guerra de Successió san Spàinn. Bha dithis thagraiche ann, fear dhiubh a bha a’ gealltainn dhuinn, Catalanaich no Gàidheil, na seann dòighean is riaghailtean tradaiseanta againn a chumail, agus fear eile ris an robh ar nàbaidhean a’ cur taic. Shabaid mòran dhinn gu dall air taobh nan daoine ud, dòchasach a bhith a’ gabhail ar gnothaichean-ne os làimh mar a bha againn uaireigin, agus chaill sinn.

Aon uair is a thachair seo, bha leisgeul aig an t-sluagh eile ar dùthchannan a ghabhail is a sgriosadh, agus ar maslachadh dìreach airson a bhith mar a bha sinne. Cha robh ar cànain no ar dòighean math gu leòr tuilleadh, cha robh iad sìobhalta, agus ghabh sinn ris.

Bha dà linn dorch romhainn, anns an deach cànan is cultar “nas fheàrr” a thoirt dhuinn mean air mhean, ach is ann aig deireadh an 19mh linn is tron 20mh linn a thàinig an caochladh a bu mhotha; leis an tionndadh gnìomhasach is fàs nam bailtean mòra. Aig an ìre seo, dh’adhbharaich factaran eaconamach, am measg eile, gu bheil ar sluaghan, is ar cànain, mar a tha iad san latha an-diugh. Air an dàrna làimh: bochdain, eilthireachd is fuadaichean air a’ Ghàidhealtachd, agus na Gàidheil a’ gluasad dha na bailtean Gallta, a bha air tionndadh dhan Bheurla mar-thà - air an làimh eile, imrich a-steach dha na Dùthchannan Catalanach, le ceudan de mhìltean a thàinig à Andalucia is Castilla. Gu sìmplidh, bha a’ Ghàidhealtachd a’ fàsachadh, b’ fheudar dha na Gàidheil fàgail agus beò-shlàint a chosnadh far an robh aca ri Beurla ionnsachadh, agus bha sluagh nan Dùthaich Catalanach a’ fàs, ge-tà, le daoine nach do ghabh an-còmhnaidh ris a’ chànan againn. Le seo, tha dealbh gu math eadar-dhealaichte againn an-diugh anns an dà dhùthaich. Tha timcheall air 10.000.000 aig a bheil Catalanais, an coimeas ri 57.000 aig a bheil a’ Ghàidhlig, ach, tha diofar eile ann, a tha, dh’fhaodhte, nas cudromaiche do shlàint a’ chànain: Fèin-aithne.

Tha dàimh theann dhaingeann ann eadar na facail Catalanach agus Catalanais, ’s e rud deatamach a th’ ann, chan eil fèin-aithne Catalanach ciallach às aonais a’ chànain, bhiodh e falamh, gòrach. An coimeas ri seo, tha an ceangal eadar fèin-aithne Albannach is a’ Ghàidhlig gu math lag, fiù ’s am measg nan nàiseantach, mar gum biodh muinntir na dùthcha air dìochuimhneachadh na tha am facal Scoto a’ ciallachadh: Gàidheal.

Na mo bheachd-sa, ’s e sin a tha ri neartachadh, feumar sealltainn dha na h-Albannaich air fad gu bheil a’ Ghàidhlig a’ buntainn dhaibh, gur i cànan na dùthcha, is gu bheil cothrom ann fhathast an t-àite air a bheil i airidh a thoirt dhi. Tha fada cus aineolas ann fhathast mun Ghàidhlig, gu h-àraid “far nach robh i riamh ga bruidhinn”, agus tha e na dhleastanas dhuinne aig a bheil i a cleachdadh cho tric ’s as urrainn dhuinn, iomairt air a son, agus sealltainn gu bheil i beò, fasanta, feumail agus Albannach.

bottom of page