top of page

Nintendo Labo - Nintendo Switch


Ri fhaotainn: 27mh an Giblean 2018

Prìs: £59.99

Aois: 6+

Aig toiseach na bliadhna, sgaoil Nintendo teachdaireachd ag ràdh gum biodh “dòigh ùr ann ri cluich” a’ tighinn a dh’aithghearr. Thuigeadh cuid gun robh iad gus consoil ùr a thoirt a-mach air neo rud a chuireadh ris an Nintendo Switch ann an dòigh air choiriegin. Cha robh dùil ann idir gur e càirt a bhiodh ann. Ach, feumaidh sinn uile cuimhneachadh gur e companaidh nan càirtean-cluiche a bh’ ann an Nintendo an toiseach.

’S e th’ ann an Nintendo Labo ach dòigh ionnsachaidh ann an cruth geama. Thathar air “Dèan. Cluich. Lorg” a chur air mar fhacal-suaicheantais. Anns a’ bhogsa seo, “Toy-Con 01”, tha 5 diofar rudan ann ri thogail: dà Chàr RC, piana, baidhc, taigh agus slat-iasgaich. Tha cuideachd cuibhrinn Joy-Con ann, a’ chiad rud a nithear gus faighinn cleachdte ris na stuthan uile gu lèir. Gheibhear geama, 28 pìosan càirt, bannan rubair, pìosan streang agus eile.

Cleachdar an Nintendo Switch fhèin gus an geama a ruith agus leanar na tha a’ dol air an sgrìon gus gach rud a thogail – mar seòrsa leabhar-oilein didsiteach. Tha seo gu math furasta a thuigsinn, gu math soilleir agus, aig amannan, gu math èibhinn cuideachd. Airson na feadhna nas motha, bheir Nintendo fiù ’s cobhair seachad air cuin a bu chòirear fois a ghabhail! Tha Nintendo ag ràdh gu feum daoine eadar deich mionaidean agus còrr is trì uairean a thìde a chur seachad a’ togail gach fear den na Toy-Cons. Tha an dà Chàr RC a’ toirt mu dheich mionaid a thogail agus leis a’ bhathair-bhog air an Nintendo Switch fhèin tha e comasach an stiùireadh – agus faodar an càmara IR a chleachdadh cuideachd, gus an stiùireadh le ‘teas’. Faodar fuaimean a chur ann cuideachd, a’ cleachadh a’ phàirt “Lorg” den gheama – bather-bog prògramachaidh sìmplidh a leigear prògramman agus siostaman a chruthachadh a cleachdas na Toy-Cons.

Ged a tha na Toy-Con uile gu math inntinneach agus sònraichte, ’s e am piani as toigh leinn as motha. Bheir seo mu thrì uairean a thìde a chur ri chèile, le tòrr dhiofar rudan ri dhèanamh, ach aig an deireadh bidh piana ceart agaibh a chluicheas fonn ann an iomadh dhòighean. Faodar fuaim cait a bhith ann air neo fuaim duine air neo fuaim piana ceart. Faodar an tòna atharrachadh, faodar càirtean triceid a chur ann agus leis an stiùidio faodar òran a chlàradh agus a mheasgachadh.

Chan e seo an aon bhogsa Toy-Con a-mhàin – tha bogsa ròbot ann cuideachd. Anns a’ bhosga sin, gheibhear trusgan a chruthaicheas culaidh ròbot. Leis a sin, faodar diofar gheamanan a chluich agus tha fiù ’s mòd slàinte ann cuideachd – a bhios a’ cunntadh nan calaraidhean. Gheibhear toilicheas mòr às a’ gheama seo, ge b’ e dè an aois a tha sibh. Tha rudeigin ann don a h-uile duine agus ’s fhiach e a’ phrìs a th’ air. Faodar Toy-Con eile a chruthachadh agus a churr is cuideachd agus tha dòighean eile ann am bathar-bog prògramachaidh a chleachdadh a thuilleadh air Toy-Con fhèin.

bottom of page