top of page

#HOOP #LFAP

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Mar 31, 2018
  • 3 min read

Mar chuideigin a bhios a dh’aithghearr ag obair dha na meadhanan an Alba, tha e na bhriseadh dùil dhomh faicinn nach eil na meadhanan mar a th’ againne an-dràsta a’ dèanamh an dìcheall an naidheachd as cudromaiche a thoirt dhuinn nuair a thachras i. Tha e duilich fhaicinn cuideachd nach eil na meadhanan againn a’ faicinn an luach ann a bhith ag aithris air sgeulachdan den leithid seo, a tha cho cudromach ann an iomadh dòigh – ach gu bheil iad deònach fear-naidheachd a chur gu Sràid Sauchiehall feuch a bheil rollaichean-isbein fhathast gan rèic ann an Greggs ri thaobh togalaich a chaidh na theine.

O chionn seachdain, chaidh caismeachd reusanta mòr a chumail taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba as leth #HOOP [Hands Off Our Parliament] – air neo LFAP [Làmhan Far Ar Pàrlamaid] sa Ghàidhlig. Ghabh co-dhiù trì mile neach pàirt ann, a rèir labhraichean na buidhne, agus sheas iad uile còmhla làmh-ri-làmh timcheall air a’ Phàrlamaid gus a dìon. Bha daoine ann às gach pàirt den dùthaich agus feadhainn a thàinig bho dhùthchannan eile. B’ i caismeachd shìtheil a bh’ innte gun strì sam bith. B’ e an teachdaireachd gu bheil Alba làidir agus nach gèill i do riaghaltas sam bith eile.

’S i iomairt ùr a th’ ann an #HOOP a nochd o chionn beagan sheachdainean gus seasamh an aghaidh Riaghaltas Westminster agus na planaichean a tha san amhairc cumhachdan an Aonaidh Eòrpaich a ghlèidheadh às dèidh dhuinn an t-AE fhàgail an ath-bhliadhna. Mar phàirt den Aonta Bhrexit a bhios ann eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba tha 111 cumhachdan Eòrpach ann a bu chòir tighinn dhan riaghaltas againn leis gu bheil iad a’ dèiligeadh ri cùisean fo smachd Riaghaltas na h-Alba. Ach, tha Riaghaltas Westminster airson ’s gun glèidh iad 24 dhiubh air adhbharan “cothromachd, sàbhailteachd agus so-aonta”. ’S iad cumhachdan air an àrainneachd, sàbhailteachd bìdh, sanasachd bìdh, math nam beathaichean agus conn-riaghladh ceimigean agus eile.

Tha mi a’ tuigsinn glè mhath nach eil brataichean Albannach, luchd-iomairt na neo-eisimeileachd agus Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a’ còrdadh ris a’ mhòr-chuid anns na meadhanan, ach ’s ann air sgàth rud tòrr nas motha a bha seo: a’ dìon na Pàrlamaide a bhòt 75% airson o chionn 20 bliadhna. An dearbh Phàrlamaid a tha 91% de luchd-bhòtaidh airson cumail.

Tha sinn an-còmhnaidh a’ cluinntinn gu bheil daoine san àbhaist seach searbh sgìth de phoilitigs agus gu bheil na meadhanan “gan cur dheth” agus tha a-nis cuid ann a tha fiù ’s den bheachd nach eil “ùidh aig càch ann am fèin-riaghladh”. A dh’aindeoin na beachdan sin, feumaidh sinn uile cuimhneachadh gu bheil làmh an uachdair aig poilitigs air mar a tha a h-uile càil nar beathannan ag obair – agus ’s ann tro fèin-riaghladh a tha poilitigs na dùthcha seo a’ tighinn beò. ’S e cnag na cùise gu bheil Riaghaltas Westminster airson cumhachdan a ghlèidheadh, cumhachdan a bu chòir tighinn dhan Phàrlamaid againne, às dèidh Brexit agus bheir na cumhachdan sin buaidh cho mòr air an àireannachd againn, sàbhailteachd bìdh agus mar a dh’fhaodas sinn bathar Albannach a shanasachadh. Faodaidh sinn cumail sàmhach air neo seasamh na aghaidh.

Ach, mura h-eil na meadhanan againn a’ smaoineachadh gu bheil cùisean den leithid seo cudromach gu leòr, air neo inntinneach gu leòr ’s dòcha, dè fon ghrèin a tha agus ciamar a bhios fios aig càch gu bheil a leithid seo fiù ’s a’ tachairt?

Comments


bottom of page