top of page

Thèid ceadan-siubhail ùra na RA a dhèanamh anns an Fhraing

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Mar 22, 2018
  • 2 min read

Thàinig fios an-diugh gun tèid cead-siubhail ùr na RA a dhèanamh anns an Fhraing, às dèidh do Theresa May dearbhadh gum bi cead-siubhail ùr gorm aig an Rìoghachd Aonaichte às dèidh dhi an t-Aonadh Eòrpach fhàgail ann an 2019.

Dhearbh a’ chompanaidh De La Rue an-diugh nach tèid na ceadan-siubhail a dhèanamh anns an Rìoghachd Aonaichte leis gu bheil e nas saoire an dèanamh anns an Fhraing. Bhuannaich a’ chompanaidh Gemalto an cumhnant bhon Riaghaltas, is iad a’ pàigheadh £490millean air a shon.

Tha an Rìoghachd Aonaichte air a bhith a’ cleachdadh chead-siubhail burgandaidh o chionn 40 bliadhna - ach thig a’ chiad fhear a bh’ ann air ais anns an Dàmhair 2019. Bidh e gorm agus òr.

Ri linn laghan Eòrpach, feumaidh an Riaghaltas cumhnatan a sgaoileadh do bhuidheann sam bith anns an Roinn Eòrpa - chan eil cead aca an toirt do bhuidhnean Breatannach a-mhàin.

Thuirt seann mhinistear a’ chabineit, Priti Patel, a tha airson Brexit, gu bheil e “tàmailteach” agus “reasgach” gum feum seo tachairt. Thuirt neach-labhairt Bhrexit nan Lib Deamaich, Tom Brake, “Tha an rud seo le ceadan-siubhail gorm a-nis na bhuarach. An toiseach, chaidh dearbhadh nach robh feum againn an t-Aonadh Eòrpadh fhàgail gus ceadan-siubhail gorm fhaighinn. A-nis, tha sinn air ionnsachadh gun tèid an dèanamh le companaidh chèin.

Agus ’s e nàrachadh eile a th’ ann gum bi againn ri barrachd a phàigheadh air an son leis gu bheil luach a’ phunnd air lùghdachadh air sgàth Brexit.”

Tha Oifis nan Dùthcha a’ sgaoileadh faisg air 6 millean ceadan-siubhail do dhaoine anns an Rìoghachd Aonaichte gach bliadhna - agus ’s iad an aon bhuidheann aig a bheil còir sin a dhèanamh.

Comments


bottom of page