top of page

Upstart Alba - Samhchair nam Pàiste

  • Sue Palmer
  • Feb 6, 2018
  • 5 min read

O chionn trì fichead bliadhna, mhothaich daoine a bha a’ coiseachd sna sràidean beaga Aimeireaganach nach robh na h-eòin a’ cèilearachd tuilleadh.

Dh’adhbhraich an dragh leabhar fhoillseachadh, Silent Spring la Rachel Carson, a mhìneachas an dòigh anns an do mharbh frasadh barra le DDT [dichlorodiphenyltrichloroethane] fiadh-bheatha agus an t-èic-eòlas ionadail. Chan e a-mhàin gun do dh’adhbhraich an leabhar sin casg a chur air puinnseanan biastagan, ach thug Silent Spring an gluasad àrainneachdail sin do dh’aire dhaoine eile.

’S mathaid gu bheil sibh air mothachadh gu bheil fuaim eile air ar n-àrainneachd làitheil fhàgail o chionn beagan bhliadhnaichean cuideachd? Cuin a chuala sibh iolaichean agus gaireachdainn chloinne mu dheireadh - ’s iad a’ cluich, ri geamannan, ri bothain a thogail, a’ ruith, a’ leum air neo ri falach-fead a chluich a-muigh sa choimhearsnachd?

’S e iomairt a th’ ann an Upstart Alba a tha ag amas air aire dhaoine a tharraing do dh’athrraichaidhean ann an nàdar leanabachd a tha a’ toirt droch bhuaidh air ar cuid cloinne. ’S e lùghdachadh ùine a chur seachad a-muigh an rud as motha a th’ air tachairt.

Chan e is gu bheil aon adhbhar sònraichte air cùl sin. Tha barrachd trafaig-rathaid ann, chan eil coimhearsnachdan cho làidir ’s a b’ àbhaist dhaibh a bhith agus tha uairean-obrach pharantan uile as coireach. A thuilleadh air iad sin, tha barrachd ri dhèanamh a-nis am broinn an taighe agus tha an t-eagal air daoine a-nis an cuid cloinne fhàgail a-muigh [air sàilleibh na leughas iad sna meadhanan, ’s dòcha].

Ach ’s e an t-adhbhar air cùl a h-uile càil seo sìmplidh. ’S e th’ ann an cluich a-muigh ach pàirt chudromach de bhith-eòlas chloinne a chuireas ri slàinte inntinn agus bodhaig fad bheatha. Mar as motha an crìonadh a thaobh chluich a-muigh, mar as pailte a dh’fhàsas ro-reamhaireachd, gainnead bhiotaman D agus trioblaidean corporra. Bidh buaidh leantaineach aig seo air an t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta cuideachd.

Gur dòcha gur e an rud as miosa am meudachadh ann an trioblaidean inntinne am measg cloinne agus daoine òga – a tha a-nis aig ìre èiginneach ann an Alba. A rèir artagail anns an leabhar-latha meadaigeach The Lancet anns an t-Samhain 2017, tha ceangal eadar seo agus an gainnead de dh’ùine a chuireas clann seachad a-muigh.

’S e an t-adhbhar gun tug e dhuinn cho fada an t-suidheachadh èiginneach seo a mhothachadh – bho shealladh inbhich – ’s e is nach eil sinn a’ smaoineachadh air cluich mar rud cudromach. Tha sinn ga fhaicinn mar chlann a’ seachnadh foghlam. Agus ciamar as urrainn na nì pàistean is iad a’ cluich feum sam bith a dhèanamh? Ach a-nis, tha sinn a’ faicinn rannsachadh saidheans-inntinne agus bith-eòlais a’ dearbhadh gu bheil buaidh cho mòr aig cluich, chan ann a-mhàin do shlàinte, ach do shoirbheas ann am foghlam.

Gu dearbha, ’s e cluich an dòigh-ionnsachaidh as nàdarra do chloinn – ’s ann mar sin a bhios iad ag ionnsachadh nan comasan a dh’fheumas iad fad bheatha. Tro bhith a’ cur seachad tìde anns an t-saoghal a-muigh, tha clann a’ leudachadh na sgilean cruthachail aca, tha iad ri fuasgladh cheistean agus tha iad a’ fàs subailteach nam beatha. Tha seo cudromach cuideachd a thaobh chonaltraidh eadarra agus cho-obrachaidh. Tha e riatanach airson sgilean phearsanta ionnsachadh, leithid leanaltas agus fèin-smachd, a dh’fheumas iad fad bheatha.

Chan eil dòigh ann na comasan sin a theagasg do chloinn – le tidsearan air neo coimpiutairean aig an taigh – feumaidh iad èirigh anns gach pàiste gu nàdarra, ann an dòigh a chaidh aithneachadh tro èabhlaid fad bhliadhnaichean mòra. Tha seo dhà-rìribh chudromach anns a’ chiad seachd bliadhna, nuair a bhios clann a’ stèidheachadh nan lìonraidhean-inntinne a bheir buaidh air am beathannan uile.

’S e an teachdaireachd aig Upstart Alba gum feum – coltach ris a h-uile duine eile tro eachdraidh daonna – clann na 21mh linne ùine agus àite gus ionnsachadh tro chluich, cho tric ’s as urrainn a-muigh air an cuairteachadh le nàdar. A-nis, leis cho doirbh ’s a tha e a’ dèanamh cinnteach gum faigh ar cuid cloinne an uairead de chluich a-muigh, feumaidh sinn beachdachadh air na tha a’ dol air adhart anns na dùthchannan eile a tha a’ dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean seo ann an dòigh nas èifeachdaiche na Alba.

’S ann air sàilleibh a h-uile càil seo a tha sinn ag iarraidh sgeama Lochlannaich a chruthachadh anns na sgoiltean-àraich againn far am biodh clann eadar tri agus seachd ann. Tha sinn airson is gun tog sluagh na h-Alba agus luchd-poilitigs na h-Alba an àire do:

- rannsachadh saidheans-inntinne mu cho cudromach ’s a tha cluich do shlàinte, bhith-beò agus shoirbheachas ann am foghlam eadar aois 0-8.

- dh’fhianais fhoghlaim a tha a’ sealltainn nach eil buannachd fad bheatha ann le bhith a’ toiseachadh san sgoil cho tràth, ach gu bheil e ag adhbhrachadh thrioblaidean inntinne agus faireachaile a mhaireas fad bheatha ann an cuid de chloinn.

- dh’fhianais eadar-nàiseanta a sheallas gu bheil dùthchannan, far nach tòisichear anns an sgoil gu aois sia/seachd, an-còmhnaidh nas àirde na Alba agus an Rìoghachd Aonaichte anns na clàran PISA a thaobh litreachaidh, matamataigs agus saidheans.

’S ann ann an 12% de dhùthchannan an t-saoghail a-mhàin a thòisichear san sgoil nas òige na 6 bliadhna de dh’aois, agus bha a’ mhòr-chuid dhe na dùthchannan sin ann an Iompaireachd na Breatainne! Chaidh aois tòisichidh na sgoile ann an Alba a cho-dhùnadh le Riaghaltas Westminster anns na 1860an – nuair a bha iad ag iarraidh nach biodh clann air na sràidean gus am biodh comas na màthraichean a chur gu obair sna factaraidhean.

Chan eil càil riamh air a bhith ann a tha na fhìreanachadh dhan dòigh ionnsachaidh a th’ againn an seo. Gu dearbha, tha gach fìor eòlaiche air foghlam nan tràth-bhliadhnaichean – Froebel, Montessori, Steiner agus Malaguzzi nam measg – agus na sìc-eòlaichean leasachail, Piaget agus Vygotsky, a’ cumail a-mach gu bheil feum aig cloinn ionnsachadh tro bhith a’ cluich gu ruige aois seachd.

Cha robh e na thrioblaid fad còrr is 100 bliadhna leis gun robh clann fhathast a’ cluich a-muigh às dèidh dhaibh tilleadh bhon sgoil, aig na deireadh sheachdainean agus tro na saor-làithean. Bhiodh clann aois ceithir, còig agus sia còmhla leis an cuid charaidean anns na sràidean, ann an achaidhean agus àitichean fiadhaich eile.

Leis gu bheil cluich gu soar-thoileach a-nis a’ crìonadh gu mòr, chan urrainn dhuinn ar clann a phutadh a-steach gu foghlam cho tràth nam beathannan. Tha an t-àm ann ar cùl a chur ri “sgoileachadh” mar a th’ aca ann an Sasainn, agus coimhead ri na dùthchannan Lochlannach far a bheil tradaisean làidir aca a thaobh foghlam cruthachail ioma-dhòighich. Chan eil e a-mhàin nas fheàrr gu h-acadaimigeach, tha an cuid cloinne [agus inbhich] nas fhallaine nam bodhaig agus nan inntinn.

’S mathaid nach bi cothrom againn am fuaim aoibhneil sin de chloinn a’ cluich a-muigh a thoirt air ais builleach mar a bha dha gach sràid ann an Alba. Ach, ann a bhith a’ cur air bhog ùine stèidhichte aig sgoil-àraich ’s urrainn dhuinn na cothroman as fheàrr a thoirt dhan fheadhainn as òige – agus an dèanamh deiseil airson na ama ri teachd.

Sue Palmer, Ceannard Upstart Alba

Gheibhear Upstart Alba aig www.upstart.scot air Facebook: Upstart Scotland agus air Twitter: @UpstartScot

Tùsan: http://www.thelancet.com/journals/lanchi/article/PIIS2352-4642(17)30092-5/abstract

Comentarios


bottom of page