Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Dec 17, 2017
- 6 min read

Diluain 11mh:
Thathar an dùil gur i a-nochd an oidhche as fhuaire dhan bhliadhna a bhios ann air feadh na Rìoghachd Aonaichte – 15c fo ìre reòthaidh ann an cuid de dh’àiteachan. Bha e 11.6c fo ìre reòthaidh an-dè ann an Chillingham Barns, Northumberland, ged a b’ e oidhche Shathairne an oidhche a bu fhuaire a bh’ ann gu ruige seo am-bliadhna aig 12.6c fo ìre reòthaidh. Tha an fhuachd air torr mòr thrioblaidean adhbhrachadh air feadh na dùthcha, le na ceudan de sgoiltean dùinte, na mìltean de thaighean gun chumhachd agus tubaistean rathaid. Tha dùil gun lean an aimsir seo fad na seachdaine.
Cha tèid deasbad air reifreann eile air ballrachd an Aonaidh Eòrpaich, sin na co-dhùin Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às dèidh do chòrr is 130,000 neach an ainmean a chur ri athchuinge. Bha athchuinge coltach ri seo ann an-uiridh nuair a chuir barrachd na 4.1 millean neach an ainmean ris. Tha an riaghaltas ag ràdh gum bi bhòt brìoghmhòr ann an Taigh nan Cumantan an ath-bhliadhna far am bi comas ann bhòtadh airson ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach le aonta air neo gun aonta sam bith. Tha iad ag ràdh gun do bhòt “a’ mhòr-chiud làidir” airson an t-AE fhàgail agus gur e sin a nì an Rìoghachd Aonaichte.
Dimàirt 12mh:
Tha luchd-iomairt ag iarraidh gun tèid na riaghaltean atharrachadh às dèidh dhan chompanaidh-adhair EasyJet fear à Glaschu a dhiùltadh ri linn ’s gu bheil HIV aige. Thuirt am fear gur e briseadh-dùil a bh’ ann, agus gun deach innse dha roimhe gum biodh e comasach dha itealan a stiùireadh, ged a dh’fheumadh pìleat-taice a bhith ann cuide ris. Thuirt Ùghdarras na h-Itealanachd Shìobhalta gur e riaghaltasan Eòrpach a chur bacadh orra cead a thoirt do dhaoine le HIV itealan a stiùireadh leotha fhèin, ach thuirt Buidheann Sàbhailteachd Itealanachd na h-Eòrpa gu bheil iad a’ coimhead ris na riaghaltean atharrachadh. Thuirt EasyJet nach ann an urra riutha-san a tha an co-dhùnadh sin, ach gun cuireadh iad fàilte air atharrachadh far a bheil e sàbhailte.
Tha a’ chompanaidh Netflix air dìon a chur orra fhèin às dèidh dhaibh Tweet a sgaoileadh far an do dh’innis iad gu bheil 53 daoine air a’ fiolm Nollaig as ùire aca a choimhead gach latha fad 18 latha. “Cò an neach ghoirtich sibhse?”, thuirt an teachdaireachd a sgrìobh iad. Thuirt cuid air Twitter gu bheil sinn a’ sealltainn gu bheil cus fiosrachaidh aig Netflix mu dheidhinn na feadhna a chleachdas an t-seirbheis, agus gu bheil e “eagalach”. Thuirt Netflix gur e prìobhaideachd an luchd-cleachdaidh aca an rud as cudromaiche agus gu bheil seo a’ sealltainn treandaichean san fharsaingeachd. Tha a’ chompanaidh-chiùil Spotify air fiosrachadh mar seo a chleachdadh gus sanasachd a chruthachadh o chionn 2016.
Diciadain 13mh:
Tha am Prìomh Mhinistear Theresa May ag ràdh gu bheil Brexit fhathast gus tachairt, fiù ’s às dèidh dhi bhòt cudromach a chall an-diugh. Bhòt Taigh nan Cummantan airson atharrachadh air Bile ais-tharraing bhon Aonadh Eòrpach 309-305 a chuireas ann gu laghail gum bi bhòt seasmhach air an aonta Bhrexit mu dheireadh. Bhòt 11 Buill-Phàrlamaid Thòraidheach an aghaidh a’ Phàrtaidh aca fhèin, agus bhòt dà Bhuill-Phàrlamaid Làbarach air a shon. Tha Ministear na Cabineit Jeremy Hunt ag ràdh nach cuir seo stad air Brexit.
Tha Co-fharpais nan Abairtean air tighinn gu crìoch ann an Sealainn Nuaidh agus ’s e abairt à siabann TBh a bhuannaich. Bhuannaich “Na innis dhomh gur e siud do bhod!” a’ cho-fharpais, a thèid a chumail le Oilthigh Massey gach bliadhna, le 18% de na 7,238 bhòtaichean uile gu lèir. Chaidh an abairt seo a chraoladh an toiseach anns a’ Ghearran, ach dh’fhàs e a bhith na rud a chòrd ri mòran air na meadhanan sòisealta.
Diardaoin 14mh:
Tha Riaghaltas na h-Alba air am buidseat as ùire aca fhoillseachadh an-diugh, is iad air fiosrachadh a sgaoileadh mun dòigh san tèid cumhachdan cìse a chleachdadh san àm ri teachd. Thèid còig roinnean-cìse ùra a stèidheachadh – 19sg, 20sg, 21sg, 41sg agus 46sg – is seo a’ ciallachadh gum bi 55% de dhaoine a’ pàigheadh nas lugha de chìsean chosnaidh. Cha bhi aig daoine a chosnas nas lugha na £33,000 gach bliadhna cìs chosnaidh a bharrachd a phàigheadh, ach bidh aig an fheadhainn as beartaiche nas motha a phàigheadh a rèir na chosnas iad. Cuiridh seo suas ri £160m not a bharrachd dhan eaconamaidh gach bliadhna, ach tha rabhadh ann nach toir seo buaidh cho mòr air fàs na h-eaconamaidh uile gu lèir.
Bhòt Comisean Cian-Conaltraidh na Stàite anns na Stàitean Aonaichte an-diugh gus riaghaltas na aotroime a chur air Solaraichean Eadar-lìon na dùthcha. Tha a-nis cead aca astaran nas luaithe a thabhann do chuid de sheirbhisean seach feadhainn eile agus cosgais a chur an luib seo – ach feumaidh iad seo a’ mineachadh gu soilleir. Tha gu leòr daoine an aghaidh nan atharrachaidhean seo, ach tha luchd-taic ag ràdh gun adhbhraich seo seirbheis nas fheàrr air an dùthaich. Tha companaidhean mòra air bruidhinn a-mach mun a seo, leithid Netflix agus Wired.com.
Dihaoine 15mh:
Tha fiosrachadh ùr a’ sealltainn nach bi ach mun leth-phàirt de dhaoine fo aois 25 a’ cleachdadh chasgan le cèilean ùra is iad ro feise. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a-nis air iomairt ùr a stèidheachadh, a’ chiad tè ann an ochd bliadhna. A rèir rannsachaidh a rinn Slàinte Phoblach Shasainn, ’s e is gu bheil daoine a’ smaointinn gu bheil feise a’ faireachdainn nas fheàrr gun chasgain an t-adhbhar ’s nach bi leth-chuid aca gan cleachdadh. Fhuair còrr is 141,000 daoine galaran feiseil, leithid chlamydia agus gonorrhea ann an Sasainn agus a’ chuimrigh an-uiridh.
Bhuail trèana agus bus-sgoile còmhla faisg air Perpignan ann an taobh deas an Fhraing. Thathar ag ràdh gun deach sianar sgoilearan a mharbhadh aig a’ char as lugha, agus chaidh 18 daoine a ghoirteachadh, cuid dhaibh gu dona. Chan eilear cinnteach an deach rudeigin ceàrr leis an staran-rèile. Thuirt SNCF, companaidh thrèanaichean na Frainge, gun deach ùrachadh o chionn ghoirid agus gun robh e ag obair gu ceart, ach thuirt seanmhair nighinn gu robh e briste agus nach do dh’obraich an solais dheirg gu ceart.
Disathairne 16mh:
Tha am Pàrtaidh Shaorsanachd, a tha fada gu deas, a-nis ann an co-bhanntachd oifigeil le Pàrtaidh nan Daonna san Ostair – agus ’s e seo a’ chiad riaghaltas fad deas anns an Roinn Eòrpa an Iar. ’S e Sebastian Kurz, 31, a tha a-nis seannsalair na dùthcha, an ceannard dùthcha as òige san t-saoghail. Tha an dà phàrtaidh air aithisg 180 duilleagan de dh’fhaide fhoillseachadh far a bheil iad ag aontachadh gur e “sealladh Eòrpach” a tha iad a’ tabhann. Tha grunn mhinistearan aig a’ Phàrtaidh Shaorsanachd, ged nach e sin am pàrtaidh as motha a th’ ann sa cho-bhanntachd.
Tha Alilig Rowley, Leas-Cheannard a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an Alba, air an dreuchd aige a leigeil dheth, is e ag ràdh gu bheil e air seo a dhèanamh air sgàth a theaghlaich. ’S I Lesley Laird a bhios na àite gus an taghadh am pàrtaidh leas-cheannard as ùr. Nuair a leig seann Cheannard a’ Phàrtaidh, Kezia Dudgale, dhith an dreuchd aice san Lùnastal, b’ e Ailig Rowley a chaidh na h-àite, ach dh’fhàg e ri linn chasaidean droch-dhìolach an aghaidh seann chèile.
Didòmhnaich 17mh:
Tha a’ chompanaidh Facebook a’ dol às àicheadh casaidean gun toir an làrach droch bhuaidh air an dol a-mach agus slàinte-inntinn aig daoine. Ann am post bloga, thuirt a’ chompanaidh ged a tha fiosrachadh ann a seallas sin, tha e an urra ris an dòigh anns am bi daoine a’ cleachdadh an làraich. Thuirt stiùiriche rannsachaidh Facebook, David Ginsberg, gu bheil e cudromach gun coimheadear air gach taobh den argamaid, agus ged a tha cuid a’ fualang le trom-inntinn air a sgàth, tha cuid eile ann a tha a’ faighinn buannachd às. Feumaidh daoine barrachd a chur air na duilleagan Facebook gus an tlachd as motha fhaighinn às, sin a rèir Mgr. Ginsberg.
Tha a’ chompanaidh Twitter air na cunntasan aig a’ phàrtaidh phoilitigeach ‘Breatainn air Thoiseach’ a thoirt a-nuas. Chaidh na cunntasan aig an dithis cheannard cuideachd a thoirt a-nuas. Chan eil comas aca a-nis postaichean a chur an àird agus chan eil comas aig daoine eile na postaichean aca fhaicinn. Tha am pàrtaidh riamh air a bhith na chonnspaid mhòir agus anns an t-Samhain, sgaoil Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte trì teachdaireachd mì-thlachdmhòr bho Bhreatainn air Thoiseach. Thuirt Twitter anns an Dàmhair gum biodh iad a’ cur casg air postaichean le dealbhan de swastikan Nàsach, agus dealbhan eile den leithid.
Comments