top of page

Ceann na Seachdaine


Diluain 4mh:

  • Tha Caibineat na h-Èireann a' coinneachadh an-diugh gus na h-ìre aig a bheil còmhraidhean Bhrexit a dheasbad agus a’ bhuaidh a bhios air a’ chrìch eadar Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann. Tha Theresa May anns a' Bhruiseil an-diugh a' coinneachadh ri ceannardan an AE, agus ise a' feuchainn ris na còmhraidhean a ghluasad air adhart gu aonta-malairt. Thuirt Ceannard an DUP, Arlene Foster nach gabh iad ri eadar-dhealachadh conn-riaghlach a nì diofar eadar Èirinn a Tuath agus an RA a thaobh na h-eaconamaidh air neo politigs. Tha ceist na crìche fhathast a' cur bacadh air còmhraidhean Bhrexit eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach.

  • Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba leis an aonadh Unite cuideam a chur air RBS cur às dhan phlana airson còrr is 60 de na bancaichean aca a dhùnadh air feadh Alba. Thuirt Unite ann an litir gu Ministear nan Cùisean Dùthchail, Paul Wheelhouse, gu bheil na tha a’ tachairt mì-mhoralta leis gun do gheall Banca na h-Alba gun cumadh iad banca fosgailte nam b’ e am banca mu dheireadh ann an sgìre a bhiodh ann. Thuirt Mgr Wheelhouse gur ann aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha smachd air na bancaichean. Chuir còrr is 5,000 neach an ainm ri athchuinge air-loidhne ag iarraidh air RBS am banca ann am Barraigh a chumail fosgailte.

Dimàirt 5mh:

  • Tha triùir fhireannach a-nis fo chasaid mhuirt às dèidh dhan tè-naidheachd rannsachaidh Daphne Caruana Galizia bàsachadh ann am spreadhadh sa chàr aice. Chaidh dithis bhràithrean, George agus Alfred Degiorgio, agus Vincent Muscatt a chur an grèim, ach thuirt iad uile gun robh iad neo-chionntach. Tha Riaghaltas Màlta deònach duais de €1m a thoirt do dhuine sam bith a bheir brath air murtair Caruana Galizia. Thuirt a mic nach robh iad ag iarraidh gum biodh prìs air fiosrachadh agus nach eil “ùidh aca ann an ceartas gun atharrachadh”.

  • Thuirt Ceannard an DUP Arlene Foster gun do ghabh i iongadh nuair a chuala i mun aonta a dh’iarr am Prìomh Mhinistear Theresa May, gus an suidheachadh leis an Aonadh Eòrpach a rèiteachadh. Bha Riaghaltas na RA am beachd Èirinn a Tuath a chumail gu ìre taobh a-staigh an aonaidh-chusbainnean agus a’ mhargaidh shingilte, agus bha an t-AE deònach gabhail ris. Chuir an DUP stad air sin ge-tà, seach gu bheil iad airson ’s gum fàg Èirinn a Tuath an t-AE, agus na siostaman aige, uile gu lèir – ged a bhòt an sluagh airson fuireach ann, 55% an aghaidh 45%.

Diciadain 6mh:

  • Tha na thuirt an Ceann-suidhe Trump air trioblaidean agus ainneart adhbhrachadh ann an Iosrael agus chaidh 31 neach, aig a’ char as lugha, à Palestine a dhroch ghoirteachadh ann an caismeachd na aghaidh. Tha am brath a thug e seachad, ’s e gum bu chòir prìomh bhaile Iosrael a bhith ann an Ierusalam, air ceannardan stàite an t-saoghail a chur na aghaidh cuideachd. Tha Mgr. Trump ag iarraidh gun tèid Tosgaireachd nan Stàitean Aonaichte a ghluasad a dh’Ierusalam, mar a chaidh aontachadh o chionn còrr is 20 bliadhna.

  • Tha 11 bliadhna air a dhol seachad on a chaidh an aplacaid Babbel a chruthachadh le Lorenz Heine agus a charaidean às a’ Ghearmailt, is e ag iarraidh Spàinntis ionnsachadh, on a bha e a’ faireachdainn gun robh gainnead de ghoireasan-ionnsachaidh freagarrach ann aig an àm. Tha a-nis còrr is 1m neach a’ cleachdadh is a’ pàigheadh airson na seirbheis, agus bidh mu 100,000 neach ga luchdachadh a-nuas gach latha as ùr. Tha a’ chompanaidh cuideachd ag obair còmhla ris na gnìomhachasan mòra, leithid Apple agus Netflix. Tha iad a-nis a’ tabhann leasanan ann am Fraingis, Gearmailtis, Beurla, Spàinntis agus eile – agus a bharrachd air cànain fhèin, bidh iad cuideachd a’ teagasg cultar agus cànan-cuirp.

Diardaoin 7mh:

  • Tha Stoirm Caroline air Alba a ruighinn an-diugh agus i air cron mòr a dhèanamh air feadh na dùthcha. Chaidh grunn sgoiltean a dhùnadh, tha 4,600 taighean aig tuath fhathast gun chumhachd, tha rathaidean dùinte agus tha sneachd air talamh àrd. Tha a’ ghaoth air a bhith na trioblaid mhòr, le astaran gaoithe a’ ruigsinn 116msu air mullach a’ Chàirn Ghuirm agus 91msu ann an Dùn Ràth – far an deach làrach an stèisein niùclasaich a dhùnadh fad an fheasgair ri linn na h-aimsire. Tha dùil ri barrachd sneachda agus gaoithe sna beagan làithean air thoiseach oirnn.

  • Leanaidh còmhraidhean Bhrexit thar na h-oidhche a-nochd, agus dùil ann gun ruig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach aonta air crìoch Èireann a Tuath. Dh’fhaodadh gun tèid am Prìomh Mhinistear Theresa May dhan a’ Bhruiseil a’ chiad char sa mhadainn Dihaoine mas e is gun tèid aonta a ruighinn. A rèir tè-naidheachd a’ BhBC, Laura Kuenssberg, tha e coltach gu bheil “beachdan cudromach” san amharc. Tha an DUP a-nis toilichte mar a tha Riaghaltas na RA a’ dol air adhart anns na còmhraidhean, às dèidh dhaibh stad a chur air aonta Diluain.

Dihaoine 8mh:

  • Bhuannaich an geama Zelda as ùire, Breath of the Wild, Geama na Bliadhna aig Co-fharpais nan Geamannan 2017. Chaidh an dà dhuais, an Stiùireadh-geama as fheàrr agus an Geama Driod-fhortain as fheàrr a bhuileachadh air cuideachd. Air a’ mhìos sa chaidh, bhuannaich Zelda: Breath of the Wild ceithir duaisean aig Duaisean a’ Bhioran-smachd Òir, an Fhuaim as fheàrr agus Geama Nintendo na Bliadhna nam measg.

Disathairne 9mh:

  • Dhearbh Micheal Gove an-diugh gum biodh cothrom aig daoine bhòtadh airson aonta diofraichte às dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Tha e ag ràdh gum bi cothrom ann bhòtadh air an aonta a gheibh an Riaghaltas san ath-thaghadh choitcheann, ge b’ e cuin a thachras sin. A rèir-san, mur an toigh le daoine na thig a-mach às na còmharaidhean Brexit, faodaidh iad atharrachadh a thoirt air gnothaichean, ma thogras iad.

Didòmhnaich 10mh:

  • Tha an teine fiadhaich ‘Tòmas’ a-nis air còrr is 230,000 acairean de dh’fhearainn a losgadh ann an Ventura is Santa Barbara, California – sgìre a tha nas motha na Baile-mòr Eadhraig Nuaidh. ’S e an teine seo an còigeamh teine fiadhaich as motha a bh’ ann a-riamh anns an sgìre, agus chan eil ach 10% dhiubh fo smachd nan luchd-smàlaidh. Dh’fhàs meud an teine còrr is 50,000 acairean taobh a-staigh aon latha agus ri linn seo, chaidh iarraidh air an t-sluagh air an dùthaich agus faisg air a’ mhuir na dachaighean aca fhuadachd.

  • A rèir fianais a lorg Buidheann Fhaisneis na Gearmailte [BfV], tha Sìona a’ cleachdadh na làraich-lìn LinkedIn gus fiosrachadh prìobhaideach fhaighinn air daoine san dùthaich. Tha e coltach gu bheil luchd-brathaidh ann an Sìona a’ cruthachadh agus a’ cleachdadh chunntasan fuadain air LinkedIn, làrach-lìn shòisealta do dhaoine proifeasanta, gus fiosrachadh fhaighinn air luchd-poilitigs agus oifigich na Gearmailte. Chaidh dà chunntas den leithid seo a lorg, boireannaich Shìonach phroifesenta nach robh san dha-rìribh. Chaidh Sìona às àicheadh casaidean mar seo roimhe, ach chan eil iad air càil a ràdh mun ghnothach seo fhathast.

bottom of page