top of page

Ceann na Seachdaine


Diluain 27mh:

  • Dh’fhoillsich an Teaghlach Rìoghail gu bheil am Prionnsa Harraidh gus an carabhaidh Amairgeanach aige pòsadh. ’S i Megan Markle, cleasaiche ainmeil a bhios a’ cluich Rachel Zane anns a’ phrògram Amaireaganach Suits. Tha an dithis aca air a bhith còmhla còrr is bliadhna gu leth a-nis agus dùil gum pòs iad tràth an ath-bhliadhna, agus fuirichidh an dithis aca ann am Bothan Nottingham aig Liùchairt Khensington ann an Lunnainn.

  • Tha oifigich Iapanach a’ feuchainn co-dhùnadh a dhèanamh air cò th’ ann an ochd cuirp a chaidh a lorg air bàta fiodha a thàinig air tìr ann an taobh tuath na dùthcha. Thathar den bheachd gur ann à Còirea a Tuath a tha am bàta beag seo, leis gu bheil seo a’ tachairt gu ìre mhath tric. An t-seachdain sa chaidh thàinig bàta eile le ochdnar a Còirea a Tuath air tìr, is iad ag ràdh gun deach iad air chall. Thathar a’ cur choire air Riaghaltas Chòirea a Tuath a tha ag iarraidh air iasgairean biadh fhaighinn dhan t-sluagh.

Dimàirt 28mh:

  • Tha Leas-phrìomh Mhinitear na h-Èireann, Frances Fitzgerald, air a dreuchd a leigeil dhith ri linn còrr na dùthcha. Bha dùil gum biodh bhòt dì-mhisneachd ann ma deidhinn air sgàth sgainneil phoileas. Thuirt Taoiseach na dùthcha, Leo Varadkar, gun robh e “dha-rìribh duilich” gun do leig i dhith a dreuchd. Co-dhùin Frances Fitzgerald a dreuchd fhàgail gus nach biodh aig Èirinn taghadh coithcheann a chumail a-rithist.

  • Thèid 58 aithisgean eaconamach fhoillseachadh an-diugh a choimheadas ri Brexit agus am buaidh a bhiod aige air diofar roinnean den eaconamaidh, ach bidh pàirtean air an toirt a-mach ri linn aodhbharan prìobhaideachd. Tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil an Riaghaltas a’ dèanamh dìmeas air a’ phroiseis agus nach eil iad airson na fìrinne innse. Tha am Pàrtaidh Toraidheach ag ràdh nach eil aithisgean fa leth ann idir, ach pàipearan eadar-dhealaichte air an robh feum aca cuir ri chèile.

Diciadain 29mh:

  • Tha connspaid air nochdadh ann an Sealan Nuaidh am measg buidhnean craolaidh is iad ag ràdh nach gèill iad do ghearanan bhon phobail. Tha cuid de dhaoine mì-thoilichte gu bheil stèiseanan rèidio nàiseanta a’ cleachdadh fhaclan agus abairtean Māori anns na prògramman aca, nuair nach bi ach 5% de dhaoine ga bruidhinn. Tha Kanoa Lloyd, aig a bheil program rèidio, a air a bhith a’ cleachdadh Māori as na prògramman aice fad còrr is dà bhliadhna agus thòisich Rèidio Shealain Nuaidh a’ cleachdadh Māori ann an 2016.

  • Tha e coltach gu bheil an Riaghaltas Aonaichte deònach £50bn not a phàigheadh gus an t-aonadh Eòrpach fhàgail, sin a rèir Theresa May. Aig toiseach gnothaichean, bhathar a’ smaoineachah gum feumadh iad £60bn not a phàigheadh, agus anns an t-Sultain thuirt Theresa May gum biodh an RA deònach £20bn a phàigheadh, ach dhiùlt an t-Aonadh Eòrpach sin. Tha Michel Barnier, labhraich Bhrexit an AE, a-nis ag ràdh nach eil iad air co-dhùnadh a dhèanamh agus gun lean còmhraidhean. Tha figearan an Riaghaltais a’ sealltainn gu bheil an RA a’ cosg £8.8bn not gach bliadhna gus a bhith na phàirt den AE.

Diardaoin 30mh:

  • Tha figearan oifigeil a’ sealltainn gun do thuit àireamhan imreachd a Bhreatainn gu lèir, eadar na tha a' falbh 's a' tighinn, còrr is 100,000 eadar an t-Ògmhìos 2016 agus air a’ bhliadhna seo gu 230,000. 'S e nas lugha dhaoine a' tighinn à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich as motha a thug buaidh air an àireimh, a tha sìos an taca ris a’ bhliadhna ron reifreann air Brexit.

  • ’S ann le dealbhadair Albannach, Johanna Basford, a tha an Google Doodle an-diugh ri linn is gur e Fèill Naoimh Anndreis a th’ ann an Alba an-diugh. Thai se ainmeil ri linn nan leabhraichean dathaidh a chruthaich i do dh’inbhich ann an 2013. Tha i cuideachd air an dealbh a chur air an làrach-lìn aice do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith ga dhathadh.

Dihaoine 1d:

  • Dhearbh seann neach-comhairle na dìon nàiseanta gun do dh’innis e breugan is e a’ bruidhinn ris an FBI mu choinneamhan a bh’ aige leis an Tosgaire Ruisinneach beagan sheachdainnean mus d’fhuair sin Donald Trump ceannas nan Stàitean Aonaichte. Bha e anns an dreuchd aige fad 23 làithean mus deach a chur às ri linn chòmraidhean a bh’ aige còmhla ri Sergei Kislyak, a bha Tosgaire na Rùis aig an àm. Chan e seo a’ chiad turas a dh’innis cuideigin ceangailte ri Ceann-suidhe nan SA breugan dhan FBA, tha dithis eile air seo a dhèanamh am-bliadhna.

  • Tha Banca Rìoghail na h-Alba gus 62 meur a dhùnadh air feadh Alba an ath-bhliadhna, agus còrr is 250 air feadh na Breatainne. 'S e sin an ceathramh cuid de na bancaichean ionadail a th' aca an Alba. Cuiridh seo còrr is 160 cosnadh ann an cunnart. Tha an aon bhanca a th' air fhàgail ann am Barraigh air an liosta sin, agus bancaichean ann am Malaig, Caol Loch Aillse agus Ceann Loch Chille Chiarain. Tha Buill-Phàrlamaid gun dèanadh an dìcheall na bancaichean a chumail fosgailte as na h-àitechean as iomallaiche.

Disathairne 2na:

  • Tha am bataraidh liteam as motha air an t-saoghal air a dhol beò an-diugh ann an Astràilia. Chruthaich a’ chompanaidh aig Elon Musk e agus chaidh a chur ri chèile taobh a-staigh 100 latha, mar a gheall e roimhe. ’S ann air bataraidhean Tesla a tha am fear seo stèidhichte. Tha trioblaidean dealain air a bhith aig Astràilia fad bhliadhnaichean agus iad a-nis an dòchas gun toir seo piseach air an suideachadh. Tha bataraidhean mar seo ann mar-thà ann an dùthchannan eile, ach chan eil iad idir cho mòr.

  • Tha e coltach gum bi aig Google dèiligeadh ri tòrr dùbhlain laghail ri linn mar a fhuair iad fiosrachadh bho fònaichean-làimhe Android ann an 2011 agus 2012. Tha am buidheann Google You Owe Us am beachd gum faodadh gach daoine “suas gu grunn cheudan not” fhaighinn ma ’s e iad gu bheil Google air rudeigin a dhèanamh ceàrr. Tha Google ag ràdh gum feum Richard Llody, a tha os cionn an dùbhlan laghail, a thighinn gu California ma tha e airson càil a dhèanamh mu dheidhinn agus gu bheil iad air dèiligdeadh ri cùisean mar seo roimhe.

Didòmhnaich 3mh:

  • Bhuannaich an còmhlan-ciùil Rak-Su an XFactor an-diugh, is iad a’ tighinn air thoiseach air Grace Davies. Thèid an t-òran aca, Dimello, a chlàradh is fhoillseachadh ro àm na Nollaige is thèid an t-airgead a gheibh iad gu catharranas. Choimhead nas lugha na 5.5m neach air a’ phrògram mu dheireadh anns an t-sreath – an àireamh as ìsle a-riamh, a tha 12m nas ìsle na 2012.

  • Tha Nigel Farrage ag ràgh gun gabh e am peinnsean aige bhon Aonadh Eòrpach is e araidh air. Thuirt e cuideachd air prògram Marr an-diugh nach robh e airson gun cailleadh a theaghlach a-mach. Ged a tha e ag iarraidh nach bi an Rìoghachd Aonaichte mar phàirt den Aonadh Eòrpach, tha e fhathast as an dreuchd aige mar BPE

bottom of page