Sgoilearan Gàidhlig ag amas air soirbheachas Nollaig
- Alasdair Laing
- Dec 1, 2017
- 2 min read

Òran Nollaig ùr air a bheil 1,000 guth a’ sgaoileadh toileachas agus còmhlan rock à Lannraig a Tuath ag amas air cairtean luchdachadh a-nuas na h-Alba
’S e Nollaig a th' ann! (It’s Christmas!) tiotal òrain ùr Làn Chomais; còmhlan rock air a dhèanamh an àrd le sgoilearan aig a bheil Gàidhlig bho Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar nan Allt. Fhuair Làn Chomais taic bho mile sgoilearan fo Siorrachd Lannraig a Tuath a sheinn air dà rann.
B’ ann aig Fèis Lannraig a Tuath a thoisich buill Làn Chomais a’ cluich. Thàinig iad ri chèile mar chòmhlan anns a’ Mhàirt 2017 agus bha e soilleir bhon a’ chiad dol a-mach gur ann làn chomais a bha iad gu dearbh.
Bhon a fhuair iad taic airgid bho Comhairle Lannraig a Tuath agus bho Bhòrd na Gàidhlig tha Kevin Rodgers, tidsear Gàidhlig aig Àrdsgoil Greenfaulds, air a bhith gan cuideachadh.
Thuirt Kevin: “Aig Àrd-sgoil Greenfaulds, tha sinn air a bhith a’ sireadh dòigh airson sealltainn dhan choimhearsnachd an seo gu bheil Gàidhlig beò anns an sgìre againn fhèin”.
“Tha Làn Chomais dòchasach gum faigh an òran a-steach gu cairtean luchdachadh a-nuas na h-Alba agus gun seall seo gu bheil Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath a cheart cho cudromach ri Gàidhlig ann an àite sam bith eile ann an Alba.”
Cho math ris a’ chòmhlan, tha sgoilearan bho Àrd-sgoil Greenfaulds, Bun-sgoil Chondobhrait agus Bun-sgoil Baird a’ seinn air a chlàr – mile guthan gu h-iomlan.
Thuirt Emily Nic Dhonnchaidh, seinneadair: “Fhuair sinn eòlas air leth leis a seo agus, cho math ris a’ chothrom fhaighinn ìomhaigh na Gàidhlig a bhrosnachadh, fhuair sinn cothrom a bhith ag obair aig ìre proifeasanta le sàr chluicheadairean mar John Sommerville.”
Thuirt Jessica Muir, cluicheadair na fìdhle: “Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn an cothrom a bhith ag obair aig an ìre seo. Tha e na fhior thoileachas a’ bhith a’ brosnachadh ar cànan tro rud a tha a’ còrdadh rinn cho mòr agus tha e cudromach gun toir sinn fios do dhaoine gu bheil daoine òga anns an sgìre seo aig a bheil Gàidhlig cuideachd.”
Tha ’S e Nollaig a’ th’ ann! le Làn Chomais ri fhaighinn air iTunes, Amazon, Google agus Spotify bhon 7mh An Dùbhlachd 2017.
Comments