top of page

Innis Tìle - Pàirt 3

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Nov 27, 2017
  • 2 min read

An Dualchas Eadarainn

Tha dualchas na h-Alba agus dualchas Innis Tìle co-cheangailte gu mòr, ri linn nan Lochlannach agus a’ chuain a tha eadarainn. Chan eil Alba ach 460 mìltean air falbh – ’s e Sealltainn agus na h-Eileanan an Iar na pàirtean as fhaisge air Innis Tìle thairis a’ chuain. ’S ann ri linn ’s gun robh na Lochlannaich beò anns na h-Eileanan an Iar, agus iad a’ siubhal eadar Alba agus Innis Tìle, gun tàinig atharrachadh agus buaidh air a’ Ghàidhlig. Ràinig iad an tòiseach anns an 9mh linn, agus anns an leabhar “Norse Influence of Celtic Scotland” thathar a’ sealltainn a’ cheangail a th’ ann eadar an dà chànan a bhruidhneadh aig an àm.

Tha ceangal gu math làidir ann eadar a' Ghàidhlig agus Innis Tìleas.

Seo agaibh cuid dhe na h-eisimpleirean as inntinniche:

- Thathar am beachd gu bheil an t-ainm “Rocabi”, am baile fon mhuir bhon t-seann-sgeul Ghàidhealach, a’ tighinn bhon Lochlannais “rökr” ‘dubh-thràth’, “rokkva” ‘a’ fàs dorcha’, agus bhon Nirribhis “bö”, Danmhairgis “by” agus Lochlannais “byr” ‘baile’: “baile an dubh-thràth”.

- ‘cnapach’ a’ tighinn bhon Lochlannais “knapi” ‘balach’.

- ‘piocach’ a’ tighinn bhon Lochlannais “pjokk” ‘balach òg’.

- ‘trosg’ a’ tighinn bhon Lochlannais “þorskr”.

- ‘farspag’ a’ tighinn bhon Lochlannais “svart-bakur”.

- ‘tabh’ a’ tighinn bhon Lochlannais “haf” ‘muir’ – “a-mach ’s na haf” [Eirisgeigh].

- ‘bodha’ a’ tighinn bhon Lochlannais “boði”

- ‘Gall-Gàidheal’ ann an Lochlannais “Galgeððlar” – a’ sealltainn gun robh iad am-measg a chèile.

- ‘circe’ a’ tighinn bho Lochlannais “kirkja” [chan ann bho ‘cearc’ – tuiseal ginideach].

- ‘Miùghalaigh’ a’ tighinn bhon Lochlannais “mikinn” ‘mòr’ agus “ey” ‘eilean’.

- ‘St. Kilda’ – thathar am beachd gun tàinig an t-ainm bhon Lochlannais “keldur” ‘tobar’. Tha am facal sin ann an Suainis cuideachd “kilde”.

'S iad eileanan bholcanach a th' anns na h-Eileanan Westman.

Tha eileanan faisg air Innis Tìle ris an canar “Vestmannaeyjar” [Na h-Eileanan Westman] – a chaidh ainmeachadh às dèidh na tràillean a thugadh air ais bho na h-Eileanan an Iar. ’S iad na “Westmen” – an fheadhainn a dh’fhuirich anns na h-Eileanan an Iar.

Comments


bottom of page