Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Nov 26, 2017
- 5 min read

Diluain 20mh:
Tha Seansailear na Gearmailte ann an staing às dèidh dha chòmhraidhean riaghaltais a’ tuiteam às a’ chèile. Tha Angela Merkel air a bhith feuchainn fad mìos gus riaghaltas co-bhunntaich a stèidheachadh, ach an-diugh choisich a’ phàrtaidh FDP air falbh bho na còmhraidhean ri linn “dhìth spèis”, agus bha am Pàrtaidh Uaine mì-thoilichte mu phoileasaidhean uaine agus àrainneach. Thuirt Angela Merkel nach biodh i toilichte riaghaltas beag-chuid a’ ruith agus dh’fhaodadh gun tèid taghadh coithcheann a chumail a-rithist gus a’ chùis a rèiteachadh, sin a rèir Chinn-suidhe na dùthcha.
Tha a’ chompanaidh adhair Brithish Airways gus poileasaidh ùr a chur an sàs a leigeas le daoine a phàigh nas motha de dh’airgead airson nan suidheachan aca a dhol air bhòrd na pleanaichean aca air thoiseach air an fheadhainn nach do phàigh an aon uairead. Thuirt cuid de dhaoine gur e “cogadh nan clasaichean-sòisealta” a bhios ann a sheallas cò aig a bheil an t-airgead agus cò aig nach eil.
Dimàirt 21d:
Tha Ceann-suidhe Zimbabwe, Robert Mugabe, air an dreuchd aige a leigeil dheth, ‘s e ag ràdh ann an litir gum fàg e an dreuchd cho luath ’s a ghabhas. Thàinig am fios seo às dèidh seachdain far an do ghabh an airm smachd air oifis a’ Chinn-suidhe nuair a chur Mgr. Mugabe an leas cheann-suidhe às an dreuchd aige. Tha daoine anns an dùthaich mì-thoilichte mun dol riaghlaidh aige agus iad cuideachd a’ creidsinn gu bheil e am beachd a’ bhean aige a chur na àite. ’S e a-nis Phelekezela Mphoko a bhios os cionn na dùthcha.
Bu chòir fios nas fheàrr a bhith aig Prìomhaire Èireann a thaobh Bhrexit, sin a rèir Arlene Foster ’s i a’ bruidhinn às dèidh coinneimh leis a’ Phrìomhaire, Theresa May. Thuirt i gur ann an “àite chudromach” a tha còmhraidhean agus gu bheil na thuirt Prìomhaire Èireann “cion-umhail”. Tha Riaghaltas Èireann den bheachd nach bu chòir crìoch chruaidh a bhith ann eadar a’ Phoblachd agus Èirinn a Tuath, ach tha an t-AE air a ràdh gum biodh aig Èirinn a Tuath riaghailtean an AE a’ leantainn ma ’s e seo a thachras.
Diciadain 22na:
Thugadh seachad binn-beatha do Ratko Mldič, seann cheannard airm nam Bosniach Serb anns a’ chogadh Bhosniach sna 90an, ’s e air murt-sluaigh a dhèanamh. Fhuaireadh cionntach e de deich a-mach e aon casaid deug anns a Hague an-diugh. Thuirt Mladič, nach robh sa chùirt aig an àm, gur e breugan a th’ anns a h-uile rud a chaidh a ràdh. Thathar ag ràdh gun do “chur Mladič gu mòr” ri còrr is 7,000 ann am murt-sluaigh. Tha Mgr. Mladič a’ dol às àicheadh nan casaidean agus ag ràdh gun dèan e ath-thagradh.
Diardaoin 23mh:
Cha tèid air Dùn Dè a bhith an sàs as a’ cho-fharpais Eòrpach “Cathair-bhaile Chultarach na h-Eòrpa 2023” leis gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a’ fagail an Aonaidh Eòrpach ann an 2019. Bha 5 cathair-bhailtean Breatannach anns a’ cho-fharpais, Dùn Dè nam measg, ach ann an litir bhon Choimisein Eòrpach thuirt iad nach eil e “comasach” dhan Rìoghachd Aonaichte a bhith an sàs ann. Thuirt labhraiche bho gioba Dhùn Dè gur e “fìor bhriseadh dùil” a th’ ann. Chan eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag aoantachadh leis a’ Choimisein Eòrpach.
Tha e “do-chreisinneach” nach bi turasdalan dhaoine ann an 2022 nas àirde na bha iad ann an 2008, mus robh staing an ionmhais ann, sin a rèir buidheann beachdaichidh neo-eisimeileach. Tha ìre na h-atmhorachd fhathast nas àirde na am meudachadh ann an turasdalan agus chan eil fàs air a bhith ann o chionn seachd mìosan. Thuirt Paul Johnson, ceannard Institiùd airson Sgrùdaidhean Ionmhasail, gu bheil seans ann gun caill sinn dà dheicheadan de dh’fhàs.
Dihaoine 24mh:
Dh’fhaodadh gun tèid riaghaltas ùr na h-Innis Tìle a stèidheachadh gu foirmeil an ath-sheachdain, sin a rèir Katrín Jacobsdóttir ceannard Pàrtaidh Uaine an Taoibh-chlì. Chumadh taghadh coitcheann anns an Dàmhair, far nach d’fhuair pàrtaidh sam bith mòr-chuid agus tha dùil a-nis gun tig trì pàrtaidhean còmhla gus riaghaltas le mòr-chuid a stèideachadh – ’s iad am Pàrtaidh Neo-eisimeileachd, Am Pàrtaidh Adhartach agus Pàrtaidh Uaine an Taoibh-chlì. Tha mòran dhe na luchd-bhòtaidh an Innis Tìle mì-thoilichte ge-tà, leis nach eil iad airson ’s gum bi am Pàrtaidh Neo-eisimeileachd ann an riaghaltas sam bith, agus gu bheil Pàrtaidh Uaine an Taoibh-chlì gus obrachadh còmhla riutha.
Mharbh luchd-ceannairc cha mhòr 300 neach ann am mosg anns an Èipheit an-diugh, ann an sgìre Sinai. Chaidh co-dhiù 100 neach a bharrachd a leòn. ’S e seo an ionnsaigh as miosa o chionn 2013. Thuirt Ceann-suidhe na h-Èipheite, Abdul Fattah al-Sisi gun cleachd e “ainneart” an aghaidh an fheadhainn a rinn seo. Thathar a’ smaoineachadh gur e IS [an Stàit Ioslamach] a tha air cùl seo, leis gu bheil iad air a bhith ceangailte ri ionnsaidhean eile anns an dùthaich.
Disathairne 25mh:
Tha Astràila air slaic a thoirt air planaidhean Brexit na Rìoghachd Aonaichte cuotathan bìdhe bho dhiofar dhùthchannan a roinneadh. An-dràsta, tha cead cuid de bhathair a thoirt a-steach dhan AE gun chosgais shlàn, ach às dèidh Bhreixt, thathar an dùil na cuotathan seo a roinneadh eadar an RA agus an t-AE. Thuirt Ministear na Malairt nach eil seo idir cothromach agus gun cuiread seo bacadh air na tha iad a’ reic thall thairis. Thuirt labhraiche bho Riaghaltas na RA gu bheil iad airson a’ dèanamh cinnteach nach bi trioblaidean mòra ann do dhùthchannan eile san àm ri teachd agus gu bheilear airson còmhraidhean “fosgailte, ion-ghabhalta” a chumail.
Chuir deigh agus sneachd dàil gu ruige 90 mionaidean air tursan rèile air feadh na dùthcha an-diugh. Bha e -5.2 fo ìre reothaidh ann an sgìre Eadhraig a-raoir agus leis a sin, bha feum aig carabadan-rèile ruith aig astaran nas slaodaiche. Ann an Sasainn agus anns a’ Chumrigh, tha comhairlean air còrr is 1.5 milean tunnaichean de shalainn a chur gu aon taobh airson nan rathaidean thar a’ gheamhraidh. Tha barrachd shalainn aig 9 a-mach à 10 comhairlean na bha an-uiridh. Tha dùil ann ri barrachd sneachd agus deigh anns na beagan làithean romhainn.
Didòmhnaich 26mh:
Tha an rabhadh èiginneach a chaidh a ghairm ann am Bali a-nis air àrdachadh, is oifigich nan Innd-Innse ag iarraidh gum fàg mu 100,000 neach nan dachaighean aca ri linn cho cunnartach ’s a tha am bholcanò a spreadh anns an dùthaich. Tha am port-adhair air dùnadh agus tha mu 40,000 neach air an sgìre fhàgail mar-thà. An turas mu dheireadh a spreadh Beann Agung ann an 1963, bhàsaich còrr is 1,500 neach agus dh’fhàg mu 75,000 neach nan dachaighnean aca.
Cha tèid co-dhùnadh ceart a dhèanamh air crìoch Èirinn a Tuath mus bi aonta mhalairt ceart ann leis an Aonadh Eòrpach. ’S e an t-Aonadh Eòrpach fhèin a tha as coireach gu bheil dàil air a bhtih ann gu ruige seo, sin a rèir Rùnaire Stàit na Malairt Eadar-nàiseanta, Liam Fox. Thuirt e nach eil an Rìoghachd Aonaichte deònach crìoch chruaidh a bhith ann, ach bidh an RA a’ fàgail an aonaidh-chusbainnean agus a’ mhargaidh shingilte. Chan eil Riaghaltas Èireann airson ’s gum bi crìoch chruaidh ann nas motha, ach chan eil iad idir cinnteach ciamar nach biodh.
Comments