Catalòinia - Pàirt 2
- Marcel Gurillo
- Oct 25, 2017
- 3 min read

Mhair na Catalanaich fo sgàth na Spàinne fad corr is 150 bliadhna, gus deireadh an 19mh linn, nuair a thàrmaich struthan cultarail is poilitigeach ann a bha aig amas ri cànan, litreachas is cultar nan Catalanach ath-bheòthachadh (la Renaixença) is fèin-aithne nàiseantach a thogail (el Catalanisme). Bha riaghladh anns an Spàinn aig an àm sin dha-rìribh cugallach, coups d’état gu tric is minic, rìgh a’ falbh is deachdaire a’ tighinn 7c, agus ’s ann mar sin a bha e chun nan 30an.
Ann an 1934 bha an Spàinn na poblachd (an dàrna turas), agus bha riaghaltas le pàrlamaid aig Catalòinia a-rithist. Ach thòisich Riaghaltas Mhadrid ri tionndadh dhan taobh dheas, agus ghairm Riaghaltas Chatalòinia neo-eisimeileachd bhuapa. Cha do mhair seo ach 4 làithean. Chaidh ceann-suidhe Chatalòinia, Lluís Companys, a chur dhan phrìosan, agus treiseag an dèidh sin thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinne, a bhuannaich na Faistitich, agus chaidh an luchd-poileataigs Catalanach a bha an sàs a mharbhadh, an cànan a chur às gu h-oifigeil agus bhon fhoghlam, agus na beachdan poilitigeach Catalanach a thoirmisgeadh. Seo na bha ann fad 40 bliadhna, fhad ’s a bha Deachdaire Franco beò.

B' àbhaist dhan Spàinn a bhith na poblachd anns na 30an.
Chaochail e ann an 1975, agus chaidh àite a thoirt don fhear aig an robh còir a bhith na Rìgh na Spàinne. Bha an duine seo, Juan Carlos I, sìobhalta gu leòr, agus leig e dha deamocrasaidh tilleadh air ais. Thàinig tòrr dhaoine am faollais aig an robh beachdan poiliteagach eadar-dhealaichte, cuid dhiubh a’ tilleadh bho na dùthchannan san deach iad aig àm a’ chogaidh, agus chaidh Bun-reachd na Spàinne a sgrìobhadh ann an 1978, ann an dòigh ’s a bhiodh an luchd-poileataigs ùr, agus an fheadhainn a bha ann fhathast bho Linn Franco, sàsaichte. Chaidh fèin-riaghladh a thoirt do Chatalòinia, le pàrlamaid, riaghaltas, foghlam Catalanach, meadhanan tron chànan 7c, ach fhathast fo riaghaltas ann am Madrid, mar a bha na 16 co-chomainn eile.
Sna seachd bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha am pàrtaidh “tòraidheach”, Partido Popular, air a bhith stèidhichte ann am Madrid, le Mariano Rajoy mar cheann-suidhe na dùthcha; ge-tà, ann an Catalòinia cha bhi ach timcheall air 10% gan bhòtadh, agus ’s e na Nàiseantaich Catalanach a bhios aig an stiùir gu cunbhalach is gu daingeann. Nach eil seo a’ cur càil nur cuimhne nas motha?
Nise, an t-airgead. Tha Catalòinia air fear de na co-chomainn as beartaiche agus gnìomhasaiche den Spàinn, còmhla ri Dùthaich nam Basgach agus Madrid fhèin. Cuiridh na Catalanaich timcheall air 20% ri maoineachadh na Spàinne, agus, bhon iomlan de dh’airgead a chruinnicheas Catalòinia, gheibh iad air ais timcheall air 60% dheth, agus thèid 40% dheth do sgìrean eile den Spàinn. Aig an àm a tha seo, agus taibhse a’ chrìonaidh eaconamaich fhathast ann, tha seo air a bhith a’ brosnachadh mì-chofhurtachd am measg nan Catalanach.

Bhòt daoine airson neo-eisimeileach ann an 2014, ach chan e bhòt dhà-rìribh a bh' ann.
A bharrachd air sin, tha Riaghaltas na Spàinne air a bhith a’ toirt ionnsaigh air fèin-riaghladh Chatalòinia, le bhith a’ cur às no a’ bacadh tagradh sam bith a nì Pàrlamaid Chatalòinia airson an cànan no an dùthaich a leasachadh, agus gu seachd àraid air an fheadhainn mu Fhoghlam tro Mheadhan na Catalanais. Nì Riaghaltas na Spàinne seo tro Chùirt a’ Bhun-reachd (Tribunal Constitucional). Ged a bu chòir don dà chuid a bhith fa-leth, riaghaltas agus cùirt, ann an dha-riribh chan eil. Gu sìmplidh, mana h-eil rudeigin a’ còrdadh ri muinntir Rajoy, bidh e “an aghaidh a’ Bhun-reachd”, agus cuiridh Cùirt a’ Bhun-reachd casg air. M.e: Thoirmisg Pàrlamaid Chatalòinia tarbhan a mharbhadh airson spòrs ann an 2010, mar a tha e toirmisgte sna h-Eileanan Canariach, ach chuir Cùirt a’ Bhun-reachd casg air agus tha e coltach gun tig las corridas air ais. ’S e a tha iad ag iarraidh ach Catalòinia a “Spàinneachadh”, mar a thuirt Ministear Foghlaim na Spàinne J. I. Wert ann an 2012.
Le seo, agus mar fhreagairt air faireachdainnean an t-sluaigh, chùm Riaghaltas Chatalòinia reifreann ann an 2014 a’ faighneachd de mhuinntir na dùthcha ma bha iad ag iarraidh a bhith neo-eisimeileach bhon Spàinn, mar phoblachd, agus bhuanaich Sí le 80.8% bho 41.6% de luchd-bhòtaidh a ghabh pàirt ann, ge-tà, b’ ann dìreach airson tomhas a dhèanamh a bha seo, agus mar a bhiodhte an dùil, cha do ghabh Madrid ris.
Comments