Innis Tìle - Pàirt 1
- Alasdair Laing
- Nov 21, 2017
- 2 min read
Eachdraidh na Dùthcha

Tìr nam beann-teine. Tìr na deighe. Tìr nan iasg. Fad air falbh ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa, tha eilean mòr iomallach ann ris an canar Innis Tìle. Tha sinne ann an saoghal na Gàidhlig ga h-ainmeachadh mar “Innis Tìle” – rud sònraichte nach eil aig cànan eile san là an-diugh. Ann an Gàidhlig na h-Èirinn, mar eisimpleir, ’s e “an Íoslainn” a th’ aca oirre. ’S ann bhon fhacal Greugach “Thoúlē” a tha “Tìle” ’s e a’ ciallachadh ‘àite a tha cho fada, fada air falbh ’s nach ruig sibh i’ a rèir Virgil. Tha cuideachd “ultima Thule” ann – a chaidh a chleachdadh ann an sgrìobhaidhean seann tìr-eòlas ’s e a’ ciallachadh ‘crìochan an t-saoghail mar as aithne dhuinne e’.

Tha seann eaglaisean den leithid seo cumanta san latha an-diugh ann an Innis Tìle
A rèir Landnámabók, leabhar ainmeil a dh’innseas sgeul-tuineachaidh na h-Innis Tìle, thòisichear a’ fuireach ann an Innis Tìle mu 874. Fhuair Ingólfr Arnarson lorg air Innis Tìle uair a bha seo às dèidh dha seòladh bho Nirribhidh agus thog esan treabhair dha fhèin far a bheil an cathair-bhaile Reykjavík a-nis air a stèidheachadh. Ach, cha b’ esan a chiad dhuine a dh’fhuirich ann ge-tà. A rèir Landnámabók agus Íslendingabók, bha manaich Cheilteach a’ fuireach ann – ’s iad na “Papar”. ’S ann à Alba, no Èireann, a bha na Papar agus tha arc-eòlas a’ sealltainn dhuinn gun robhar ann cho tràth ri 770. Anns na linntean às dèidh sin, thàinig mòran a dh’fhuirich ann bho Lochlann, agus leis a sin, uimhir mhath de Ghàidheil cuideachd.

Öxarárfoss in Þingvellir National Park, where the old parliament was held.
Bhathar a’ cumail pàrlamaid na h-Innis Tìle, an Alþingi, ann an Þingvellir eadar 930 agus 1799, nuair a chaidh a chur às dhi fad 45 bliadhna. Chaidh Àrd-chùirt stèidheachadh ann an 1800 ann an Reykjavík agus 45 bliadhna às dèidh sin, chaidh Àrd-sheanadh a chruthachadh. Ged a bha Innis Tìle fo smachd na Danmhairg, bha làn chead aca na laghan aca fhèin a chruthachadh, gu h-àraidh às dèidh dhaibh fèin-riaghlaidh fhaighinn ann an Dàmhair 1903. Ann an 1918 thàinig Innis Tìle agus an Danmhairg ri chèile ann an ‘aonadh pearsanta’, a mhaireadh 25 bliadhna – b’ e stàit air le a bh’ ann an Innis Tìle a-nis. Nuair a ghabh a’ Ghearmailt còmhnaidh ann an Innis Tìle anns an Dàrna Chogaidh, bhris Innis Tìle an t-aonadh a bh’ aca leis an Danmhairg agus ghabh iad smachd air cuisean-cèin agus dìon na mara leotha fhèin. Anns an Ògmhios 1944 thàinig crìoch air Achd an Aonaidh agus chumadh seisean pàrlamaid aig Þingvellir gus Poblachd na h-Innis Tìle a chruthachadh.
Bha Innis Tìle fo smachd dhùthchannan eile bho 1262 gu 1944: Nirribhidh 1262-1380, an t-Aonadh Kalmar 1397-1523 agus an Danmhairg 1380-1944. Bha iomairt làidir neo-eisimileachd ann a thòisich ann an 1851 fo stùir Jon Sigurðsson.
コメント