Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Nov 20, 2017
- 4 min read

Diluain 13mh:
Dhearbh Rùnaire Bhrexit, David David, an-diugh gum bi bhòt deireannach aig Pàrlamaid air aonta Bhrexit. Cha bhi cothrom ann an aonta atharrachadh ge-tà, agus thèid Brexit air adhart fìu ’s mur h-eil aonta ann sa Phàrlamaid air dreuchd mu dheireadh a’ phlana. Thuirt cuid anns an riaghaltas gum biodh a’ bhòt seo “gun chiall”.
Tha companaidh a nì deiteagan feise air dearbhadh gun robh trioblaid anns an aplacaid aca a leig leis na deiteagan aca fuaim a chlàradh nuair a bha daoine gan cleachdadh. Lorg tè clàradh air a’ fòn aice, ach thuirt a’ chompanaidh gur e buga a th’ ann agus gun tachair seo air fònaichean Android a-mhàin. Tha iad am beachd seo a chàradh cho luath ’s ghabhas a dhèanamh.
Dimàirt 14mh:
Bidh NHS Shasainn a’ toirt innealan, coltach ri Fitbits, do chòrr is 5,000 neach ann an oidhirp casg a chur air tinneas an t-siùcair. Thuirt Slàinte Phoblach Shasainn gur i an sgeama-paidhleat seo an ath-cheum tuigseach airson casg a chur air. Thèid deuchainn air adhart ann an ochd sgìrean. Tha gnè a dhà de thinneas an t-siùcair aig mu 3m neach ann an Sasainn mar-thà, ’s figearan a’ sealltainn gu bheil còrr is 22,000 a’ faighinn a’ bhàis tràth leis gach bliadhna.
Sheall figearan ìre na h-atmhorachd san Dàmhair nach tàinig àrdachadh air a’ phrìomh ìre, ’s dùil gum biodh atharrachadh ann. Tha ìre na h-atmhorachd a-nis aig 3%, an ìre as àirde a th’ air a bhith ann o chionn còig bliadhna. Ged a chaidh prìsean bìdh agus deochan gun alcol an àirde, thàinig crìonadh air prìsean connaidh. Dh’àrdaich Clàr-phrìsean Meanbh-reic gu 4%, bho 3.9%.
Diciadain 15mh:
Tha dùil gun bhòt Pàrlamaid na h-Astràilia airson pòsadh co-ionnan ro àm na Nollaige às dèidh dhan t-sluagh bhòtadh air a shon ann an reifreann puist. Ghabh còrr is 79% de luchd-bhòtaidh chlàraichte pàirt ann agus bhòt 61.6% air a shon, le 38.4% na aghaidh. Thuirt Prìomh Mhinistear na dùthcha, Malcolm Turnbull, gu bheil e airson ’s gun cuir an riaghaltas aige an co-dhùnadh sin ann an lagh cho luath ’s a ghabhas.
Chaidh Leas-cheannard a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an Alba, Alex Rowley, a chur às an dreuchd aige rè ùine ri linn chasaidean sàrachaidh agus an dol a-mach aige. A rèir a’ phàipeir naidheachd An Sun Albannach, chuir Mgr. Rowley teachdaireachdan droch-dhìolach dhan t-seann chèile aige. Tha Mgr. Rowley a’ dol às àicheadh seo agus tha e ag ràdh gun coisinn e a chliù air ais. Thuirt seann Cheannard a’ Phàrtaidh, Kezia Dugdale, gun cuireadh i às a dhreuchd e, nam biodh i fhathast anns an dreuchd a bh’ aice.
Diardaoin 16mh:
Tha Poileas a-nis air dearbhadh gun deach 71 daoine a mharbhadh anns an teine a rinn sgrios air Tùr Ghrenfell anns an Ògmhìos.
Tha caileag òg fhathast air chall, ’s rannsachadh ga dhèanamh feuch an e murt a th’ ann. Chaidh Gaia Pope, 19, fhaicinn mu dheireadh Diciadain air CCTV agus chaidh aodach a lorg air tràigh astar bhon taigh aice a dh’fhaodadh a bhith ceangailte leatha. Chaidh triùir fhireannach a cheasnachadh fo amharas muirt, ach cha do thogadh casaid shlàn an aghaidh gin dhiubh.
Dihaoine 17mh:
Tha heileacoptair agus itealan beag air bualadh ann an càch a chèile ann an sgìre Bhuckingham. Bha còrr is 30 luchd-smàlaidh an làthair agus prìomhchas ga chur air beathannan dhaoine a shàbhaladh.
Thuirt Rùnaire Bhrexit, David Davis, an-dè gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air gèilleadh dhan Aonadh Eòrpach ann an còmhraidhean Bhrexit. Thuirt e gu bheil iad air aonta a ruighinn far am faigh saoranaich na Roinn-Eòrpa còraichean bhòtaidh, ach nach eil an t-Aonadh Eòrpach air gèilleadh dhan aon ìre. Chaidh a chur às leth gu bheil an riaghaltas bun-os-cionn, agus dh’aontaich Mgr. Davis gu bheil an riaghaltas troimh-a-chèile an-dràsta ach nach mair sin fada.
Disathairne 18mh:
’S e Richard Leonard Ceannard ùr a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an Alba às dèidh dha a’ cho-fharpais a bhuannachadh an-diugh le 57% den bhòt an aghaidh Anas Sarwar. Tha an dreuchd air a bhith bàn o chionn an Lùnastail nuair a dh’fhàg Kezia Dugdale ’s i ag ràdh gu bheil feum aig a’ phàrtaidh air riaghladh ùr leirsinneach. Thuirt Mgr. Leonard nach robh e idir toilichte gu bheil Kezia Dugdale gus nochdadh air I’m a Celebrity agus gur dòcha gun cuirear às a’ phàrtaidh i air a sgàth.
Tha coltas ann gun seas Robert Mugabe gu aon taobh a-màireach mar cheannard Zimbabwe, às dèidh dhan airm smachd a ghabhail air an riaghaltas an t-seachdain seo. Thuirt iad nach e coup d’état a bh’ ann, ach tha smachd na dùthcha an-dràsta ann an làmhan an airm agus chaidh Mgr. Mugabe a chur an greim anns an dachaigh aige fhèin fad beagan làithean mus an do nochd e an-dè aig cuirm-cheumnachaidh phoblach.
Didòmhnaich 19mh:
Chaidh corp a lorg is poileas a’ rannsachadh bàis Gaig Pope, 19, a chaidh air chall o chionn 11 làtha. Chan eil iad cinnteach aig an ìre seo an e seo corp Ghaia, ach thathar a’ smaoineachadh gur e. Tha rannsachadh fhathast a’ dol gus faighinn a-mach dè an dòigh anns a bhàsaich an tè a chaidh a lorg.
Thuirt Philip Hammon, Seansailear na Rìoghachd Aonaichte, ann an agallamh TBh an-diugh nach eil daoine ann aig nach eil obraichean. Tha íre chion-chosnaidh fhathast aig 4%, ach ’s e seo an ìre as ìsle a th’ air a bhith ann o chionn 30 bliadhna. Thuirt na dubhlanaich gu bheil seo a’ sealltainn nach eil fios aig a’ Phàrtaidh Tòraidhaich air na trioblaidean a tha a’ dol san dùthaich aig an àm seo.
Comments