top of page

Tha an RA air gèilleadh dhan AE ann an còmhraidhean Bhrexit

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Nov 17, 2017
  • 1 min read

Làmhan ri chèile

An-dè ann am Berlin, thug David Davis seachad rabhadh ann an dòigh gu math modhail, ach cuideachd a sheall cho mì-thoilichte ’s a tha an Rìoghachd Aonaiche mun dòigh as am bheil còmhraidhean Bhrexit a’ dol air adhart. Thuirt e cuideachd gu bheil an aonta a thig às na còmhraidhean seo gu math cudromach dha na dùthchannan Eòrpach eile, gu h-àraidh a thaobh nan eaconomaidhean aca. Ach thuirt e gu bheil iad airson gluasad air adhart, agus gur e co-dhùnadh nan dùthchannan air fad a tha sin.

Thuirt Mgr. Davis gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air gèilleadh mar-thà air cùisean ceangailte ri coirichean daonna agus coirichean bhòtaidh. Chan eil an t-Aonadh Eòrpach airson còmhraidhean a leantainn gus am bi aonta ann air an t-sùim airgid a bhios an RA a’ pàigheadh mus fhalbh iad, coirichean daonna agus Èirinn a Tuath.

Ann an sèisean cheist agus freagairt às dèidh na h-òraide, chaidh casaid a chur air Riaghaltas Bhreatainn, le fear-naidheachd às a’ Ghearmailt, gu bheil coltas ann gu bheil iad bun-os-chionn. Thuirt Mgr. Davis gu bheil riaghaltasan a’ fàs troimh-a-chèile o àm gu àm, agus gur i seo ùine throimh-a-chèile a th’ ann, ach nach mair e fada.

Coinnichidh am Prìomhaire, Theresa May, ri ceannardan an AE gus bruidhinn air Brexit, ’s i a’ feuchainn gus aonta fhaighinn ro dheireadh na bliadhna gus an lean còmhraidhean air malairt.

Comments


bottom of page