top of page

Suas le Albais

  • Eòghann MacRìseard
  • Oct 22, 2017
  • 3 min read

A chionn ghoirid, choinnich mi ri caraid à Taobh an Ear-Tuath na h-Alba agus b’ ann air suidheachadh na Gàidhlig a bha sinn a’ bruidhinn. Bha e na bheachd gur i cànan bhrèagha a th’ ann an Gàidhlig ach chan fheum comhairlean sgoiltean Ghàidhlig a stèidheachadh no chan fheum sinn Gàidhlig a chur a-steach ann an suaicheantas Poileas na h-Alba. Ged a bha e a’ tuigsinn gu bheil dleastanasan aca a bhith a’ coileanadh bun-reachdan a thaobh na Gàidhlig, cha robh e a’ tuigsinn an adhbhair a bu chòir do bhuidheann phoblach sam bith a bhith – mar a thuirt e – a’ caitheamh airgid air cànan cha mhòr nach eil daoine a’ bruidhinn.

“...a’ caitheamh airgid air FTMG”

Tha mi làn-chinnteach cha mhòr nach eil a h-uile duine a tha a’ leughadh an alt seo a’ cluinntinn beachdan coltach ris. Chuir e argamaidean air adhairt an aghaidh leasachadh na Gàidhlig; tha sinn a’ caitheamh airgid air FTMG airson cloinne aig a bheil Beurla co-dhiù, tha an uiread de luchd-labhairt na Pòlainnis nas motha na uiread de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, cha robhar a’ bruidhinn Gàidhlig idir ann an iomadh sgìre ann an Alba – agus fhreagair mi; gu bheil foghlam dà-chànanach anabarrach feumail do chloinn, ’s e dualchas na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig agus tha dleastanas againn a bhith ga dìon, ’s e cànan màthaireil a th’ ann an Gàidhlig airson mòran dhaoine ann an Alba agus tha e cudromach gu bheil a h-uile duine air an riochdachadh.

An uair sin, dh’fhaighnich mo charaid dhìom nan robh e cothromach a’ toirt taic airgid do Ghàidhlig nuair nach eil Albais, no Scots, a’ faighinn an aon ìre de thaic. Cha robh freagairt agam. Tha mi an dùil gum biodh an deasbaid deiseil fiù is nach b’ fheudar dhomh na pinntean siud a cheannach.

Cairt Eòrpach nan Cànan-Roinneil ’s nam Mion-Chànan

Ged a bha an RA a’ daingneachadh Cairt Eòrpach nan Cànan-Roinneil ’s nam Mion-Chànan ann an 2001, agus chaidh Albais agus Gàidhlig na h-Alba a dhìon leis, chan eil Albais fhathast am bitheantas am beatha làitheil na h-Alba. A bharrachd air sin, cha chualas ’s cha do leughas Albais leam nuair a bha mi fhèin ann an sgoil ach Burns. ’S i cànan brèagha a th’ ann an Albais agus ’s truagh nach eil i air a h-aithneachadh gu h-oifigeil mar Chànan Nàiseanta. Ged a tha i na pàirt cudromach ann an cultar ’s dualchas na h-Alba, chan fhaca sinn am meud leasachaidh na tha ag iomairt airson leasachadh na Gàidhlig.

Airson a bhith a’ freagairt mo charaid, tha mi den bheachd nach eil e cothromach nach eil Albais a’ faighinn ach beagan fiù ’s nuair a bhios Gàidhlig a’ faighinn cuid taic airgid ’s cuid taic laghail, air cho beag ’s a tha sin. Ach chan i Gàidhlig a tha as coireach airson droch-staid leasachadh na h-Albais. ’S e dleastanas luchd-iomairt na h-Albais a th’ ann airson barrachd taic airgid ’s barrachd taic oifigeil a’ cothachadh. Ri linn sin, ’s urrainn do luchd-iomairt na h-Albais sealltainn air eachdraidh leasachadh na Gàidhlig mar eisimpleir feumail dhaibh nuair a bhios iad a’ dealbhadh an iomairt fhèin.

Suas le Albais

Chuala mi iomadh dhuine a’ càineadh taic aig a bheil Gàidhlig air sgàth ’s nach eil Albais a’ faighinn an aon uiread de thaic, ach ro thric, tha mi an amharas nach eil Albais aca co-dhiù. Airson an adhbhar sin, canaidh mi Suas le Albais agus gu math thèid leatha! An uair sin, tha mi an dòchas gun dùin daoine aig a bheil claon-bhàidh do Ghàidhlig an cab.

Comments


bottom of page