top of page

Ceann na Seachdaine

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Sep 3, 2017
  • 3 min read

Diluain 28mh:

- Bha triùir chloinne air an goirteachadh ann an tubaist air rathad an A9 agus dùil ann a-nis gun nochd fear sa chùirt mun tubaist.

- An latha sàmhraidh as teotha a bh’ ann an-diugh san Lùnasdal, o chionn 1990. Ràinig an teas 28.2c aig Holbeach, ann an Lincolnshire.

Dimàirt 29mh:

- Tha sreath ùr de ‘Great British Bake Off’ gus tòiseachadh air Sianal Ceithir, às dèidh dhan BhBC an cùmhnant a chall còrr is bliadhna air ais. Seo a’ chiad uair a-riamh a bhios sanasachd ri faicinn sa phrògram agus gum bi am prògram ann an co-bhanntachd le companaidhean prìobhaideach.

- Ann an Àisia tha còrr is 1,400 marbh às dèidh monsun buaidh a thoirt air mu 40 millean daoine anns na h-Innseachan, Bangladais agus Neapàl. Thathar an dùil gum bi barrachd tuiltean ann an t-seachdain seo tighinn.

Diciadain 31mh:

- Tha Laura Nic an t-Saoir, an deugaire a chaidh a ghoirteachadh anns an ionnsaigh aig cuirm-ciùil ann am Manchester, a-nis air tilleadh a Bharraigh às dèidh greis mhòr a chur seachad anns an ospadal.

- Chuir Coirèa a Tuath arm-tilgidh a chaidh thairis air Seapan agus a landaig anns a’ Chuan Shèimh – is seo às dèidh do Choirèa a Tuath na Stàitean Aonaichte a bhagairt bomaichean a leigeil air Guam, eilean Aimearaganach anns a’ Chuan Shèimh.

Diardaoin 31d:

- Tha Ceannard a’ Phàrtaidh Làbaraich, Kezia Dugdale, air a dreuchd a leigeil dhi às dèidh dìreach dà bhliadhna, ’s ise ag ràdh gum feum am Pàrtaidh ceannard ùr airson nan ceithir bliadhna a tha romhpa suas gu ruige an Taghaidh ann an 2021.

- Dh’fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd an treasamh plana Gàidhlig aca an-diugh, ’s e a’ sealltainn gu bheil dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr san amharc dhan sgìre, a thuilleadh air a dhà dhiubh a tha ann mar-thà.

Dihaoine 1d:

- Thuirt Michel Barnier, neach-labhairt Brexit an Aonaidh Eòrpaich, nach eil mòran adhartais air tighinn air cùisean eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach a thaobh Brexit, ged as e seo an treasamh turas a tha iad air coinneachadh. Thuirt e cuideachd nach urrainn do dhùthaich sam bith a bhith taobh a-miugh an aonaidh chusbainnean agus làmh a ghabhail ris aig a’ cheart àm.

- Chaochail Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain aig aois 79. Bha e ainmeil mar chroaladair agus leasaiche cànain ann an Alba. Chuir e seachad ùine mhòr ann an Canada cuideachd.

- Chaochail Tormod MacGill-Eain, aois 80, sgrìobhadair agus cleasaiche ainmeil na Gàidhlig – a bha cuideachd na sheinneadair Gàidhlig.

Disathairne 2na:

- Thàinig fios bho Mhinistearachd an Dìon gum bi co-ionnanachd ann a-nis eadar fireannaich agus boireannaich a thaobh dhreuchdan bho seo a-mach. Tha an co-dhùnadh seo a’ ciallachadh gum faod na boireannaich na h-aon dreuchdan ri fireannaich a dhèanamh airson a’ chiad uair a-riamh. ’S e seo pàirt den sgeama nuadhachaidh aca.

- Tha a-nis còrr is 40 neach marbh agus suas ri 400,000 gun dachaigh anns na Stàitean Aonaichte às dèidh do huracan sgrios a dhèanamh air feadh Texas agus prìomh-bhaile Houston. Thuirt neach-riaghlaidh Thexas, Greg Abott, gur dòcha gum bi feum aca air còrr is $145billean bhon Riaghaltas gus rudan a chur ceart san sgìre.

Didòmhnaich 3mh:

- Tha Riaghaltas Coirèa a Tuath ag ràdh gun do chuir iad deuchainn air boma hàidhdreaidean an-diugh, agus gu bheil comas aca a-nis bomb niùclsach a chur ri arm-tilgidh. Chaidh an càineadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte agus Prìomhaire na Seapaine.

- Tha Nicola Sturgeon, Prìomh Mhinistear na h-Alba, air dearbhadh gun tig crìoch air a’ chàisg-pàighidh a tha air a bhith ann san roinn phoblaich fad bliadhna. Tha seo air a bhith san amharc fad mìosan, leis a’ Phàrtaidh Làbrach ag ràdh gur e “U-turn” a th’ ann às dèidh dha PNA bhòtadh an aghaidh phlanaichean a bh’ aig na Làbaraich seo a dhèanamh sa Chèitean.

Comments


bottom of page