Leas-cheannard a’ Phàrtaidh Làbaraich air a chur às a phàrtaidh rè ùine
- Alasdair Laing
- Nov 16, 2017
- 2 min read

Tha Ailig Rowley, a leig dheth na dreuchdan aige às dèidh casaidean a’ nochdadh na aghaidh, a-nis air a chur às a’ phàrtaidh fhèin rè ùine, ’s e ag ràdh nach eil na chaidh a ràdh fìor. Thàinig fios tràth Diciadain gun robh Mgr. Rowley air teachdaireachdan droch-dhìolach a chur dhan seann chèile aige. Ann am brath-naidheachd, thuirt Mgr. Rowley gu bheil e a’ dol às àicheadh agus gun obraicheadh e gus a chliù a choisinn air ais. Seo am Ball-Phàrlamaid Làbarach James Kelly:
“Bu chòirear coimhead ris na casaidean a tha seo ann an dòigh chothromach agus follaiseach. Thèid a’ chùis a sgrùdadh gu mionaideach a’ cleachdadh mhodhan gearain a’ Phàrtaidh Làbaraich.
Ach, ri linn cho trom-chùiseach ’s a tha na casaidean seo, tha a’ phàrtaidh aig Hollyrood air co-dhùnadh a ruighinn a’ chuip a thoirt air falbh bho Mhgr. Rowley fhad ’s a bhios sgrùdadh ga dhèanamh.”
Ged a tha Mgr. Rowley ag ràdh nach eil na casaidean seo fìor, leig e dheth na dreuchdan aige feasgar Diciadain is e ag ràdh gum feumar coimhead ris na casaidean seo anns an dòigh cheart a thaobh phròiseis a’ phàrtaidh fhèin. Cuiridh e e fhèin air adhart airson ceasnachadh.
Tha draghan cuideachd air nochdadh gu bheil fios air a bhith aig a’ phàrtaidh mu na casaidean seo o chionn còrr is mìos, nuair a chaidh innse dhaibh an toiseach le luchd-naidheachd. Mar fhreagairt air an fhiosrachadh seo, thug luchd-lagha Mgr. Rowley, Steel + Shamash, rabhadh seachad ag ràdh nach eil cead ann na casaidean sin a chur ann an clò.
Thuirt neach labhairt bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gu bheil seo a’ sealltainn gu bheil fios air a bhith aig a’ phàrtaidh fad sheachdainean agus nach eil iad air càil a dhèanamh mu dheidhinn.
Comments