top of page

Ceann na Seachdaine

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Nov 12, 2017
  • 4 min read

Diluain 6mh:

  • Na Pàipearan Pàrras – Dè th’ annta?

’S e th’ anns na Pàipearan Pàrras ach pàipearan ionmhais a sheallas cunntasan far chladach aig daoine agus companaidhean gu math mòra agus beartach. Tha na cùisean ionmhais aig ceudan de luchd-poilitigs, luchd iomraiteach agus daoine beartach a-nis ann ri leughadh. An lùib seo, tha fiosrachadh mionaideach ann a thaobh chompanaidhean, instituidean ionmhais agus cunntasairean sònraichte a chuidich ann a bhith a’ falbhachadh airgid gu cunntasan far chladach gus nach biodh aig daoine cìsean a phàigheadh.

Mar a thachair an-uiridh, leis na Pàipearan Panama, lorg a’ chompanaidh naidheachd Süddeutsche Zeitung am fiosrachadh le taic bho Bhuidhean nan Luchd-naidheachd Sgrùdail Eadar-nàiseanta. Bha BBC Panorama agus am pàipear-naidheachd “The Guardian” an sàs ann cuideachd.

Dimàirt 7mh:

  • Reicean meanbh-reic air àrdachadh dìreach 0.2% air a’ mhìos sa chaidh, an taca ri 2.4% aig an àm seo an-uiridh. Cha deach reicean aodach suas mar a bha dùil agus seo ag adhbhrachadh prothaidean ìosal. Tha dragh ann gun toir seo buaidh air prothaidean thar na Nollaige. Dh’fhoillsich a’ chompanaidh Next an-diugh gun do chaill iad còrr is £10m not anns na sia mìosan sa chaidh, an taca ri fàs de còrr is £59m an-uiridh.

  • Chaidh iarraidh air Riaghaltas Choirèa a Tuath tighinn cruinn còmhla le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte agus ceannardan an t-saoghail eile gus beachdachadh air cuidhteas fhaighinn air na bomaichean-niùclasach aca. Bha Mgr. Trump a’ bruidhinn air seo còmhla ri Mgr. Moon, Ceann-suidhe Choirèa a Deas, ’s iad ag iarraidh air an Sìona agus an Ruis barrachd impidh a chur air Coirèa a Tuath.

Diciadain 8mh:

  • Tha Priti Patel, Rùnaire Leasachaidh Eadar-nàiseanta, air a dreuchd a leigeil dhith an-diugh ri linn connspaid far an do choinnich i ri oifigich Iosrealach agus Prìomh Mhinistear na dùthcha gun fhios aig daoine eile ann an Riaghaltas Westminster. Chaidh iarraidh oirre tilleadh bho obair oifigeil ann an Afraga leis a’ Phrìomh Mhinistear agus bha iad ann an coinneamh a mhair 45 mionaidean. ’S i an dàrna mhinstear a th’ air an dreuch fhàgail an ceann seachdain – dh’fhàg Sir Philip Hammond an dreuch aige às dèidh do chasaidean sàrachaidh feiseil nochdadh ma dheidhinn..

  • Thuirt Ministear nan Dùthchannan Cèin anns an Spàinn gu bheil Riaghaltas na Spàinne am beachd reifreann a chumail air feadh na rìoghachd a dh’fhaighneachd am biodh daoine deònach bun-reachd na dùthcha atharrachadh gus cead a thoirt do stàitean reifreannan air neo-eisimeileachd a chumail gu laghail. Thuirt Prìomh Mhinistear na Spàinne gun robh e cuideachd ag iarraidh gun bhòt àireamh mhòr de dhaoine anns an taghadh an ath-mhìos gus am b’ urrainn don dùthaich “faighinn seachad air an staing a tha seo”.

Diardaoin 9mh:

  • Sheall deuchainnean togsaig-eòlais gun do mharbh Niels Hoegel, nurs anns a’ Ghearmailt, co-dhiù 100 euslainteach ann an dà ospadal eadar-dhealaichte eadar 1999 agus 2005. B’ fheudar do luchd-sgrùdaidh 130 cuirp a thoirt às an uaighean feuch an robh ìocshlainte ann a dh’fhaodadh stad a chur air na siostaman cridh-shoiteach aca. Ma gheibhear cionntach e, ’s e fear dhe na sreath-mhurtairean as miosa a bhios ann on dàrna chogadh.

  • Tha a’ chompanaidh Vodafone am beachd bann-leathann snàith-fhradharcach a thabhann do chòrr is còig millean thaighean air feadh na Rìoghachd Aonaichte ro 2025. Tha iad ag ràdh gum bi an t-seirbheis aca nas fheàrr agus nas saoire na th’ aig companaidhean eile, agus gum faigh custamairean astaran eadar-lìon 1,000mbps. Tha coltas ann ge-tà nach eil a’ chompanaidh BT gu bhith toilichte mu dheidhinn, leis gu bheil OpenReach ann mar-thà a bhios a’ dèiligeadh ri gnothaichean eadar-lìon na dùthcha, sin a rèir an eòlaiche Mark Newman.

Dihaoine 10mh:

  • Thàinig fios an-diugh gu bheil a’ chompanaidh YouTube gus casg a chur air bhidiothan ‘cloinne’ a th’ air a bhith air an deasachadh gu bhith mì-thlachdmhor. Ann an cuid de bhidiothan, tha caractaran cloinne rim faicinn ann an suidheachaidhean feiseil air neo ainneartach. Nochd draghan anns a’ bhlog aig James Bridle, sgrìobhadair, is am measg cuid dhe na h-eisimpleirean a thug e seachad, bha bhideo anns an robh Spiderman agus Elsa, caractar san fhiolm Frozen, a’ losgadh air daoine le beart-ghunna.

  • A rèir riaghailtean ùra a thèid a chur an gnìomh ann an 2019, bidh aig companaidhean cian-conaltraidh ri airgead-dìolaidh a thoirt dha custamairean aig a bheil trioblaidean leis an t-seirbheis bhann-leathann is fòn aca. Gheibh daoine £8 gach latha fhad ’s nach eil an t-seirbheis aca ag obair mar bu chòir. Tha co-dhiù 90% de na companaidhean cian-conaltraidh gu bhith an sàs anns an sgeama nuair a thòisicheas e, is dùil ri PlusNet agus EE cuideachd.

Disathairne 11mh:

  • Chaidh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte agus Ceannard Coirèa a Tuath trìd a chèile uair eile air Twitter a-nochd is Donald Trump a’ toirt slaic air Kim Jong-Un a’ canail gu bheil e “beag is reamhar”. Thachair seo às dèidh do Mhinistreachd nan Dùthchannan Cèin aig Coirèa a Tuath a chanail gu bheil Trump “aosta”. Fhad ’s a bha an ceann-suidhe trang air na meadhanan sòisealta, bha trì soithichean-itealan às na Stàitean Aonaichte a’ dol an sàs ann an eacarsaich-chogaidh sa Chuan Shèimh an Iar, airson neart na dùthcha a shealltainn do Choirèa a Tuath.

  • Feasgar an-diugh, bha còrr is 750,000 neach a’ caismeachd ann am prìomh-bhaile Chatalòinia ’s iad ag iarraidh gun leigte buill-Phàrlamaid Chatalòinia a-mach às a’ phrìosan. Chaidh ochdnar a chur dhan phriosan o chionn dà sheachdain às dèidh do bhritheamh casaidean a thogail nan aghaidh gun robh iad ri brathadh, aramach agus a’ cumail reifreann mì-laghail air neo-eisimeileachd air a’ mhìos sa chaidh.

Didòmhnaich 12na:

  • Chaidh nàdar de bhoma-pìoba a lorg ann an Omagh na bu tràithe an-diugh le Feachd Poilis Èirinn a Tuath. Bhathar an dùil seirbheis cuimhneachain a chumail gus Là a’ Chuimhneachaidh a chomharrachadh nuair a thàinig fios gun do lorgadh rud às an robhar amharasach. O chionn 19 bliadhna spreadh boma-càir san deach 29 daoine a mharbhadh san aon bhaile, agus o chionn 30 bliadhna fhuair 12 daoine bàs nuair a thugadh ionnsaigh boma air tachartas Là a’ Chuimhneachaidh ann an Enniskillen.

  • Bha crith-thalmhainn de neart 7.2 ann air a’ chrìoch a tuath eadar Ioràn agus Ioràc a-nochd, faisg air Halabja. Thathar a’ tuigsinn gun deach co-dhiù trichead aig a’ char as lugha a mharbhadh. Bhathas ga fearachadh ann am prìomh-bhaile Ioràc cuideachd, ’s seirbhisean èiginneach ag ràdh gun deach sgrios a dhèanamh ann an ochd bailtean.

Comments


bottom of page