Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Nov 5, 2017
- 3 min read

Diluain 30mh:
Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air in-sheilbh a thòiseachadh air casaidean de shàrachadh feiseil sa Phàrtaidh. Thuirt brath-naidheachd bhon Phàrtaidh gun deach dithis a bhruidhinn riutha mu dheidhinn, ach chan eil ceangal eadar an dà rud. Thuirt seann cheannard Phàrtaidh Làbarach na h-Alba gu bheil e “soilleir gu bheil trioblaid ann taobh a-staigh Holyrood” agus dhearbh ceannard Phàrtaidh Thòraidhich na h-Alba, Ruth Davidson, gun dèanadh a’ phàrtaidh ath-sgrùdadh poileasaidh.
Tha a’ chompanaidh Netflix air crìoch a chur air a’ phrògram “House of Cards” às dèidh do chasaidean sàrachaidh feiseil nochdadh mu Kevin Spacey. Chaidh innse do Buzzfeed ann an agallamh le actair Anthony Rapp gun do dh’fheuch Mgr. Spacey a dhol a laighe còmhla ris, is esan 14 bliadhna a dh’aois aig an àm. Thuirt Mgr. Spacey gun robh e “dhà-rìribh duilich” mu na thachair agus gur e “dol a-mach fo mhisg” a bhiodh ann.
Dimàirt 31d:
Dh’fhaotadh gun caill suas ri 75,000 neach an obair aca ann an roinn an ionmhais ri linn Bhrexit, sin a rèir fhigearan Banca na Sasainn. Thathar a’ tuigsinn gur i an àireamh seo “cnàmh-sgeul reusanta” agus tha seans ann gun atharraicheadh seo mur am bi cùmhnant ann leis an Aonadh Eòrpach às dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte fhàgail. Tha JP Morgan am beachd 1,000 obraichean a ghluasad dhan mhòr-thìr agus tha UBS, banca anns an Eilbheis, am beachd co-dhiù 250 obraichean a ghluasad.
Tha còrr is 200 neach air bàsachadh ann an tubaist taobh a-staigh tunail ann an taobh tuath Choirèa a Tuath, a rèir seanail TBh anns an t-Seapain. Thàinig am fiosrachadh seo às dèidh do dhealbhan-saideil sealltainn gu bheil maoimean-talmhainn air a bhith ann faisg air Punggye-ri. ’S e deuchainn niùclasach a dh’adhbhraich seo agus bha crith-thalmhainn de neart 6.3 ann cuideachd.
Diciadain 1d:
Tha còignear charaidean air bàsachadh às dèidh na h-ionnsaigh cheannairc an-dè ann an Eadhraig Nuaidh. Chaidh ochdnar eile a mharbhadh, agus chaidh dusan eile a thoirt dhan ospadail ’s iad air an leòn, nuair a bhuail truca ann an daoine air slìghe-rothaireachd. Thathar a’ smaoineachadh gur e Sayfullo Saipov, 29 à Usbagastan, a thug ionnsaigh air na daoine, agus chuir am poileas peilear ann ’s esan a-nis ann an ospadail. ’S e seo an ionnsaigh as miosa a th’ air a bhith ann sa bhaile o chionn 11mh an t-Sultain 2011.
Choimhead 7.3 millean neach air a’ phrògram mu dheireadh anns an t-sreath ùir de Ghreat British Bake Off a-raoir. Ged as i seo an àireamh as motha de luchd-amhairc a th’ air a bhith aig Seanail a Ceithir bho na Geamannan Parailimpeach ann an 2012, choimhead cha mhòr dà uiread nas motha de dhaoine air a’ phrògram mu dheireadh den t-sreath mu dheireadh nuair a chaidh a chraoladh air BBC a h-Aon an-uiridh. Chaidh ainm a’ bhuannaiche fhoillseachadh na bu tràithe air Twitter mar mhearachd le tè dhe na preasantairean.
Diardaoin 2na:
Thig àrdachadh air ìre rèidh na Rìoghachd Aonaichte airson a’ chiad trup o chionn 10 bliadhna. Àrdaichidh an ìre bho 0.25% gu 0.5% air a’ mhìos seo. Tha seo a’ ciallachadh gum bi barrachd aig daoine ri phàigheadh airson na morgaidse aca, timcheall air £144 a bharrachd gach bliadhna sa chumantas, ach gum bi buannachd ann dhan fheadhainn aig a bheil sàbhalaichean anns a’ bhanca.
Lorgadh fànas mòr ùr ann am pioramaid mhòir Khufu. Chan eilear cinnteach carson a tha am fànas seo ann, air neo a bheil càil sam bith na bhroinn, seach nach eil dòigh fhurasta fhaighinn a-steach ann. Thathar a’ creidsinn gun deach a’ phioramaid seo a thogail eadar 2509 agus 2483 RC. Tha mar-thà trì fànasan anns a’ phioramaid, agus ’s e am fear as motha, “An Gailearaidh Mòr” am fear as iongantaiche.
Dihaoine 3mh:
Chaidh Ball-Phàrlamaid bhon Phàrtaidh Thòraidheach a chur às a’ phàrtaidh rè ùine an-diugh, gun fhios aige an toiseach, às dèidh casaidean “trom-chuiseach” a’ nochdadh na aghaidh agus fios a leigeil dhan phoileas mun deidhinn. Thuirt Charlie Elphike nach robh fios aige gun deach a chur às a’ phàrtaidh gus an do leugh e mu dheidhinn agus tha e a’ dol às àicheadh nan casaidean.
Komentarze