Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Oct 29, 2017
- 5 min read

Diluain 23mh:
Bhàsaich an neach-ciùil ainmeil George Young an-diugh, aois 70. Bha e na sgrìobhadair òrain agus riochdaire-ciùil anns a’ chòmhlan-chiùil AC/DC. Rinn George Young imrich a dh’Astràilia còmhla ri dhithis bhràithrean nuair a bha e na dheugaire. Bha e aithnichte as motha mar bhall den chòmhlan-chiùil The Easybeats ann an Sidnidh.
Chaidh Ball-Pàrlamaid a’ Phàrtaidh Làbaraich Jared O’Mara a chur às a dhreuchd nuair a thàinig e am follais gu robh e air a bhith a’ cur theachdaireachdan mì-thaitneach air loidhne. Dh’àidich e gun robh e ri gràin co-ghnèitheachd nuair a bha e na b’ òige, ach tha e a-nis air inntinn atharrachadh on uair sin. Thuirt e air beulaibh comataidh an-diugh gu bheil “nàire mhòr” air agus gu bheil e “dhà-rìribh duilich” mu na thachair.
Dimàirt 24mh:
A rèir rannsachadh ùr a rinn Oilthigh Harriot-Watt, feumaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an dùthaich a riaghaladh ann am “fìor dheagh dhòigh” mus tuig a’ mhòr-chuid gun dèanadh neo-eisimeileachd diofar sam bith. Sheall an rannsachadh gu bheil daoine air an cur fodha le poilitigs an-dràsta agus gu bheil iad nas buailtiche feitheamh gus am faic iad na thachras a thaobh Bhrexit mus beachdaich iad air neo-eisimeileachd a-rithist. Thathar ag ràdh gun robh Prìomh Mhinistear na h-Alba ceart a bhith a’ feitheamh gus reifreann eile a ghairm.
Tha Riaghaltas na h-Alba gus plana Cànan-soidhnidh na Breatainne a stèidheachadh gus taic a chumail ri daoine bodhair agus gus cothroman obrach agus beatha a bharrachd a thoirt do dhaoine aig a bheil cion-claisneachd. Bheir an riaghaltas còrr is £1.3m not do chathrannasan caill chlaisneachd thairis air na trì bliadhnaichean a tha romhainn.
Diciadain 25mh:
Tha Bòrd na Gàidhlig air dìon a chur air planaichean Gàidhlig na dùthcha às dèidh do chuid draghan a thogail mu èifeachdachd nam planaichean agus am feum a tha iad a’ dèanamh san fharsaingeachd. Tha Achd na Gàidhlig air a bhith ann o chionn dùsan bliadhna a-nis, ach tha cuid den bheachd nach robh, agus nach eil, e a’ dol fada gu leòr ’s iadsan air teagmhan a thogail mu dheidhinn. Tha iad a’ cumail a-mach nach eil na planaichean a’ dìon cor a’ chànain gu leòr agus gu bheil crìonadh fhathast ann a thaobh na h-uimhir de dhaoine aig a bheil Gàidhlig tha ag obair ann an oifisean comhairle.
Dhearbh am Prìomh Mhinistear an-diugh gum biodh cothrom aig Buill-Phàrlamaid bhòtadh air dreachd mu dheireadh a’ phlana Bhrexit an ath-bhliadhna. Ach, na bu tràithe san latha, thuirt an Rùnaire Brexit, David Davis, ge-tà gur dòcha nach biodh cothrom ann bhòtadh air gus am biodh an dùthaich taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt e gun robh seans nach biodh bhòt ann “ach aig a’ mhionaid mu dheireadh air an latha mu dheireadh”, ach chaidh innse aig Ceistean a’ Phrìomhaire le Theresa May gu bheil i “misneachail” gum bi bhòt ann mus fàg an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach.
Diardaoin 26mh:
Tha a’ chompanaidh-rèile Great Western Railway air dearbhadh nach eil plana sam bith aca soidhnichean Cuimris a chleachdadh air na trèanaichean aca, às dèidh do chuideigin faighneachd dhaibh air Twitter. Thuirt Coimiseanair na Cuimris gur e “cùis-iomagain” a th’ ann nach eil a’ chompanaidh a’ cur ris a’ chànan, ach a dh’aindeoin seo gum bi iad co-dhiù a’ leantainn orra ag iarraidh air, agus a’ cuideachadh, companaidhean ann a bhith a’ cleachdadh na Cuimris a rèir an toile fhèin.
Thèid deasbad a chumail le Pàrlamaid Chatalòinia an-diugh air an dòigh as fheàrr air adhart dhan sgìre nuair a chuireas Riaghaltas na Spàinne reachd 155 an gnìomh, a bhios a’ leigeil leotha smachd a ghabhail air cùisean Riaghaltas Catalòinia. Chùm Riaghaltas Catalòinia reifreann air neo-eisimeileachd air 1 Dàmhair, san do bhòt 90% airson neo-eisimeileachd, ach tha Riaghaltas na Spàinne ag ràdh nach e bhòt laghail a bh’ ann. Tha teagmhan ann air gach taobh dhen deasbad, agus tha an t-Aonadh Eòrpach air a dhèanamh soilleir nach eil iad airson Catalòinia neo-eisimeileach fhaicinn.
Dihaoine 27mh:
Chaidh an geama Super Mario as ùire fhoillseachadh an-diugh le Nintendo. ’S ann air a’ chonsoil ùr Nintendo Switch a tha Super Mario Odyssey, agus tha cuid den bheachd gur e seo an geama as fheàrr a-riamh san t-saoghail. Sin beachd làrach-lìn GameRankings, far a bheil sgòr iomlan de 98.79% aige mar-thà. Tha an làrach-lìn ainmeil MetaCritic a’ sealltainn gu bheil 97/100 aige ge-tà agus gur e Super Mario Odyssey an seachdamh geama as fheàrr a-riamh.
Tha leas-Phrìomhaire agus ceathrar Bhall-Pàrlamaid air na dreuchdan aca a chall ann an Astràilia air sgàth ’s gun do bhreith Àrd-chùirt Astràilia gur e saoranaich dhà-fhillteach a th’ annta. Tha seo neo-cheadaichte ann am bun-reachd Astràilia. Thuirt an leas-Phrìomhaire, Barnaby Joyce, aig a bheil saoranachd de Shealan Nuadh, nach robh fiù ’s fios aige agus gun seas e airson ath-thaghadh a-nis gu bheil e air an t-saoranachd sin a leigeil seachad.
Disathairne 28mh:
Thèid taghadh coitcheann a chumail an-diugh ann an Innis Tìle, an treasamh fear taobh a-staigh còig bliadhna, ’s dùil ann gun caill na pàrtaidhean-riaghalaidh a’ mhor-chuid th’ aca an-dràsta. Ged a tha am pàrtaidh riaghlaidh, Sjálstæðisflokkurinn, fhathast air thoiseach air an fheadhainn eile, chaill an dà phàrtaidh eile a bh’ anns a’ cho-bhanntachd a’ mhòr-chuid den taic a bh’ aca air ais ann an 2016. Tha dùil ann a-nis ri co-bhanntachd eile le trì no ceithir pàrtaidhean – ach dh’fhaodadh gun toir seo ùine fhada a rèiteachadh.
Tha còrr is dà mhillean neach air coimhead air an teusas PhD aig Stephen Hawking thairis air na beagan làithean a dh’fhalbh, sin a rèir Oilthigh Chambridge. Tha cuideachd còrr is 500,000 neach air an teusas a luadachadh a-nuas. Sgrìobh Stephen Hawkings an teusas, “Properties of Expanding Universes”, nuair a bha e 24 bliadhna a dh’aois.
Didòmhnaich 29mh:
Tha caismeachd mhòr air a bhith a’ dol fad an latha an-diugh ann am Barsalòna is iad a’ cur an cuid taice ri aonachd na Spàinne. Bha iad a’ togail fianais an aghaidh a’ cho-dhùnaidh a rinn Pàrlamaid Chatalòinia Dihaoine neo-eisimeileachd a ghairm, ga sgaradh on Spàinn. Bha co-dhiù 300,000 neach an sàs ann, a rèir a’ phoilis ionadail. Sheall cunntas-beachd ùr gu bheil 55% mì-thoilichte gun do ghairm a’ Phàrlamaid neo-eisimeileachd, ach chan eil e cho soilleir dè an ìre de thaic a th’ ann san sgìre cur às dhan Riaghaltas.
Thàinig fios an-dè agus an-diugh gu bheil cuid de bhoireannaich ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fo shàrachadh feiseil san obair làitheil aca. Lorg am pàipear-naidheachd Mail on Sunday fios gun deach iarraidh air an t-seann rùnaire a bh’ aig Ball-Phàrlamaid Thòraidheach, Mark Garnier, dà dhèideag feise a cheannachd dha. Thuirt am Prìomh Mhinistear an-diugh gun tèid coimhead ri seo gu h-oifigeil le Oifis a’ Chaibineid agus gu bheil i airson na daoine a bhios ag obair do luchd-poilitigs “ a dhìon” anns an àite-obrach.
Comments