top of page

Ceann na Seachdaine

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Oct 22, 2017
  • 5 min read

Diluain 16mh:

  • Tha còrr is 125,000 bradan air bàsachadh ann an tuathanasan-èisg ann an Eilean Leòdhais ri linn galar. Dhearbh Marine Harvest gun do bhàsaich na h-èisg o chionn ghoirid aig dà thuathanas-èisg ann an Loch Èireasort. Thathar ag ràdh gun do bhàsaich còrr is 5 tunnaichean de dh’èisg agus gu bheilear a’ feuchainn na cuirp a thoirt air falbh cho luath is as urrainn.

  • Bha feum aig Ball-Pàrlamaid bhon Phàrtaidh Spuinneadaireachd ann an Innis Tìle pàidse-sùla a chur oirra feasgar an-diugh ’s ise gu bhith ann an deasbad taghaidh air an telebhisean. Ghoirtich an nighean aice a sùil agus tha feum aice a-nis pàidse-sùla a chleachdadh. Chan i a-mhàin a chaidh a ghoirteachadh ann an saoghal poilitigs na h-Innis Tìle – bhris Ceann-suidhe na dùthcha a shròn an t-seachdain seo cuideachd.

Dimàirt 17mh:

  • Tha ìre na h-atmhorachd anns an Rìoghachd Aonaichte air àrdachadh gu 3%, an ìre as àirde o chionn còig bliadhna gu leth, a rèir figearan an Riaghaltais bhon t-Sultain. Thathar ag ràdh gur dòcha gun adhbhraich seo àrdachadh ann an ìrean rèidh, ’s e 0.25% an-dràsta. Tha Banca na Sasainn ag ràdh gur e Brexit is coireach air na h-àrdachaidhean seo agus gun cùm ìre na h-atmhorachd a’ fàs gu ruige an t-Samhain.

  • Neach-naidheachd sgrùdail, Caruana Galizia, 53 bliadhna dh’aois à Màlta air bàsachadh às dèidh ionnsaigh bomba air a’ chàr aice. Bha i ainmeil ann am Màlta ri linn a’ bhloga a bh’aice far am biodh i a’ sgrìobhadh aithrisean mu luchd-poilitigs na dùthcha agus breunachd. Thuirt a mac air Facebook às dèidh dha a mhàthair fhaghinn marbh gur e Riaghaltas Màlta agus na poilis as coireach agus gur e “stàit Mafia” a th’ anns an dùthaich. Chaidh iarraidh air sgrùdadh slàn a dhèanamh air an t-suidheachad le ceannard a’ Phàrlamaid Eòrpaich, Antonio Tajini.

Diciadain 18mh:

  • Cha tèid deasbad a chumail air Bile Ais-tharraing às an Aonadh Eòrpach air a’ mhìos seo, agus cuid den bheachd nach eil aonta gu leòr anns a’ Phàrtaidh Thòraidheach. Bha dùil ann gum biodh Taigh nan Cummantan a’ deasbad na Bile nuair a chur pàrtaidhean crìoch air na co-labhairtean aca, ach a-nis cha tèid bruidhinn mu dheidhinn gus 13mh den t-Samhain aig a’ char as tràithe. Tha teagamhan ann nach cùm Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ris a’ phlana a bh’ aca a thaobh an Aonaidh Eòrpaich fhàgail.

  • Thuirt Leas-phrìomhaire na Spàinne, Soraya Sáenz, an-diugh, gun gabhadh Riaghaltas na Spàinne os làimh chùisean riaghlaidh ann an Catalòinia mura stad Ceann-suidhe a’ cumail air le plana an Riaghaltais aige gus neo-eisimeileachd a ghairm. Chan eil ach aon latha air fhàgai a-nis agus mòran an dùil gun cuir Riaghaltas na Spàinne bun-reachd 155 an cèill a leigeadh leotha smachd a ghabhail air cùisean riaghlaidh ann an Catalòinia agus cur às dha riaghaltas na sgìre, nan thogradh iad. Thuirt Mgr. Puigdemont nach stadadh e agus ge b’e “miann na stàite” a bh’ ann an neo-eisimeileachd.

Diardaoin 19mh:

  • Tha Buill-Phàrlamaid a tha taiceil do Bhrexit ag iarraidh air a’ Phrìomh Mhinistear an t-Aonadh Eòrpach fhàgail gun gnothach a dhèanamh leotha. Tha iad cuideachd ag iarraidh gun stad ise a’ còmhradh ris an Aonadh Eòrpach mura an toisich ceannardan nan dùthchanan Eòrpach malairt a dheasbad an t-seachdain seo. Thathar an dùil gun can an t-Aonadh Eòrpach gum feum an Rìoghachd Aonaichte dearbhadh an t-suim airgid a bhios iad a’ pàigheadh gus an t-Aonadh fhàgail, mus lean iad orra le còmhraidhean a thaobh mhalairt.

  • Fhuair an Sealainn Nuadh Prìomh Mhinstear ùr an-diugh às dèidh còrr is mìos bhon a chaidh an taghadh nàiseanta a chumail anns an t-Sultain. Tha Jacinda Arden, 37, gu bhith na Prìomh Mhinistear leis gun do choisinn am Pàrtaidh Làbarach 46 a-mach à 120 buill-phàrlamaid, agus iad gu bhith ag obair ann an co-bhanntachd leis a’ phàrtaidh ‘New Zealand First’ – le taic bhon Phàrtaidh Uaine gus bhòtaichean a bhuannachd anns an –t-seòmar.

Dihaoine 20mh:

  • Dh’fhoillsich a’ chompanaidh theicneòlais Samsung ùrachadh airson a’ chuidiche bhiortail aca, Bixby. Tha a’ chompanaidh ag ràdh gum bi comas aig Bixby 2.0 a ruith air innealan eile, seach fònaichean-làimhe a-mhàin. Tha trioblaidean air a bhith an lùib Bixby ron a seo, agus cha robh e fiù ’s air a’ fòn-làimhe as ùire aca, an Galaxy S8, aig an fhìor thoiseach. Thathar ag ràdh gum bi e doirbh dha Samsung làmh an uachdar fhaighinn air an gnìomhchas le Bixby, ri linn Chuidiche Google agus eile.

  • Thàinig am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu crìoch an-diugh ann an Loch Abar às dèidh seachdain loma-làn thachartasan. Ghabh co-dhiù 3,600 duine pàirt anns an fhèis, agus b’ e seo am bliadhna as motha a-riamh a thaobh na h-uiread de dh’fharpaisichean. B’ ann anns a’ Ghearasdan a bha am Mòd am bliadhna-sa agus thathar an dùil gun cur e suas gu £3 millean not dhan eaconomaidh ionadail.

Disathairne 21d:

  • Chaidh taghadh a chumail anns an t-Seic an t-seachdain seo ’s e Andrej Babis am Prìomh Mhinistear as ùire, is esan 63 bliadhna a dh’aois agus luach £3 billean air. Choisinn am pàrtaidh ANO [‘Tha’] mu 30% den bhòt gu h-iomlan agus tha 78 a-mach à 200 buill-phàrlamaid aca, ach chan eil sin gu leòr gus smachd builleach fhaighinn. Chan eil Mgr. Babis ag iarraidh gun gabh an t-Seic ris an Euro, ach tha e ag ràdh gun cùm e an dùthaich anns an Aonadh Eòrpach. Choisinn am Pàrtaidh Spuinneadaireachd faisg air 11% den bhòt agus 22 bhall-phàrlamaid.

  • A’ bruidhinn aig co-labhairt Pàrtaidh Uaine na h-Alba an-diugh, rinn co-neach-tionail Patrick Harvie soilleir na rudan a dh’fheumas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a choileanadh ma bhios iad gus taic riaghlaidh fhaighinn agus am buidseat 2018-19 a thoirt gu buill. Dh’iarr Mgr. Harvie gun tèid ìre na cìs teachd a-steach àrdachadh dhaibhsan leis na tuarastalan as àirde agus gun tèid a lùghdachadh dhan fheadhainn nach eil a’ cosnadh mòran airgead. Tha am pàrtaidh cuideachd ag iarraidh gun cuir am Pàrtaidh Nàiseanta às dhan phlana a th’ aca gus Cìs Luchd-siubhail Adhair lùghdachadh. Chan eil ach 6 buill-phàrlamaid aig na h-Uainich, ach tha co-chothrom na cumhachd aca gu tric.

Didòmhnaich 22na:

  • Riaghaltas na Spàinne air a ràdh nach e coup d’état a th’ anns na tha iad a’ dèanamh ann an Catalòinia agus gur e “deamocrasaidh” a th’ ann an gnìomh. Bha còrr is 450,000 a’ caismeachd sna sràidean ann am Barsalòna feasgar an-dè agus Ceann-suidhe air òraid a thoirt seachad ag ràdh nach gèill an riaghaltas aige do dh’iarrtasan na Spàinne. Tha Riaghaltasna Spàinne ag ràdh gun cuir iad na ministearan aca fhèin a-steach dha Riaghaltas Catalòinia agus gur dòcha gun cuir iad Ceann-suidhe na stàite fo ghrèim.

  • Dà stàit anns an Eadailt gus bhòtadh an-diugh ann an reifreannan air barrachd fèin-riaghlaidh agus cumhachdan cìse fhaighinn. Tha Lombardy, ann an ceann a tuath na dùthcha, agus Veneto, far a bheil Bheinis, ann an taobh an ear thuath na dùthcha ag iarraidh gun tèid barrachd smachd a thoirt dhaibh a thaobh airgid – ’s iad ag ràdh gu bheil cùs den airgead a chosnas iad ga chosg gu deas. Tha dùil ann gum bhòt a’ mhòr-chuid anns gach stàit airson barrachd chumhachdan, ach chan e bhòtaichean seasmhach a th’ annta.

Comments


bottom of page