top of page

Ceann na Seachdaine


Diluain 9mh:

  • Thèid casg a chur air companaidhean a chuidicheas oileanaich ann a bhith a’ sgrìobhadh aistean aig oilthighean. Tha rannsachadh ùr bho QAA [Quality Assurance Agency] a’ sealltainn gu bheil companaidhean ann a ghabhas eadar £15 agus £7,000 not gus aistean oilthighe a sgrìobhadh do dh’oileanaich. Thuirt Ministear nan Oilthighean, Jo Johnson, gur dòcha gun cuireadh comharran-treòrachaidh stad air mealladh.

  • Ma choimheadar figearan a thugadh do BhBC Panorama, tha cunntasan de dh’ionnsaighean drabasta le cloinn an aghaidh cloinne eile a’ dol am meud. Ach chan eil anns a seo ach pàirt bheag de thrioblaid a tha gu math nas motha, sin a rèir eòlaiche air droch-dhìol an aghaidh cloinne. Dh’àrdaich figearan de dh’eucoirean ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh bho 4,603 ann an 2013/14 gu 7,866 ann an 2016/17.

Dimàirt 10mh:

  • Tha a h-uile coltas ann nach faigh daoine reothadh cosgais chonnaidh air na tha iad a’ pàigheadh am bliadhna, ged a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson prìsean a reothadh, sin a rèir Ofgem. Bhiodh seo a’ fàgail mu £300 a bharrachd aig mu 12 millean daoine gach bliadhna an taca ris na chosgas e an-dràsta. Tha Ofgem ag ràdh, ged nach tachair seo a-nis, gum bi sàbhladh de £120 aig mu mhillean duine thar a’ gheamraidh seo co-dhiù.

  • Thug Donald Trump, Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, dùbhlan don Rùnaire na Stàite aige, Rex Tillerson, deuchainn IQ a dhèanamh ’s daoine ag ràdh gu bheil seo mar phàirt den droch-chòr leantainneach eadarra. Tha seo a’ tighinn às dèidh do dh’aithris ann an iris ag ràdh gun tuirt Mgr. Tillerson gur e “glaoic” a bh’ ann am Mgr. Trump. Tha Donald Trump a’ smaoineachadh gur e “naidheachd fhuadain” a th’ ann ge-tà,ach mur h-eil, tha e cinnteach gum bhuannachadh e fhèin deuchainn sam bith.

Diciadain 11mh:

  • Thuirt Seannsalair an Ionmhais, Philip Hammond, nach cosg Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sgillinn air planaichean “Brexit gun aonta” gus “a’ mhionaid mu dheireadh”. Thuirt e nach eil e deònach airgead a thoirt air falbh bho bhuidseatan eile gus seasamh na RA a dhèanamh buileach soilleir dhan AE. A dh’aindeoin seo ge-tà, thuirt seann mhinistear gum bu chòir dhan Riaghaltas na milleanan a chur gu aon taobh air eagal ’s nach tig iad gu aonta math.

  • Tha Prìomh Mhinistear na Spàinne, Mariano Rajoy, air a ràdh gu bheil còig làithean aig Riaghaltas Catalòinia dearbhadh ma tha iad air neo-eisimeileachd a ghairm neo nach eil. Dh’iarr Riaghaltas Catalòinia air an t-Aonadh Eòrpach eadar-mheadhanachadh, ach dhiùilt Riaghaltas na Spàinne sin, ag ràdh nach eil e làghail agus gu bheil Spàinn aonaichte.

Diardaoin 12mh:

  • Thuirt labhraiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier, an-diugh gu bheil ‘gluasad’ air a bhith ann a thaobh chòmhraidhean air Brexit ach gu bheil “stad air tighinn” air na bhios Brexit a’ cosg agus gu bheil sin “buaireasach”. Thuirt an Rùnaire Brexit, David Davis, gun robh e an dòchas gun bhòtadh an t-AE airson cead a thoirt do chòmhraidhean a thaobh malairt an ath-sheachdain nuair a choinnicheas ceannardan an AE a-rithist.

  • Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gus nochdadh aig Co-chruinneachadh a’ Chearcaill Artaich ann an Reykjavík. Coinnichidh i ri Ceann-suidhe na h-Innis Tìle, agus riochdairean à Cùmhnant Frèam-obrach nan Nàiseanan Aonaichte air Atharrachadh Clìomaid gus bruidhinn air a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air Alba agus ciamar a chuireadh sin bacadh air adhartasan a thaobh chumhachd ath-nuadhachdail.

Dihaoine 13mh:

  • Thuirt Seannsalair an Ionmhais, Philip Hammon, air agallamh TBh an-diugh gur e “nàmhaidean” na Rìoghachd Aonaichte a bh’ ann am barganaichean an Aonaidh Eòrpaich. Chuir e teachdaireach an àirde air Twitter às dèidh làimh ag ràdh nach e deagh thaghadh fhacail a bh’ ann agus gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deiseil agus deònach obraicheadh còmhla ris an AE gu dòigheil.

  • Tha Ceann-suidhe a’ Choimmisein Eòrpaich air a ràdh nach bu toigh leis Catalòinia a bhith na stàit neo-eisimeileachd agus gum bu chòir dha Prìomh Mhinistear na Spàinne, Mariano Rajoy, smachd a ghabhail air an t-suideachadh an sin. Thuirt Mgr. Junker nach còrdadh e ris nan robh “90 stàitean anns an Aonadh Eòrpach an ceann 15 bliadhna eile” agus gur dòcha gum biodh e “ro dhoirbh” dhan AE dèiligeadh ris na stàitean seo. Chùm Riaghaltas Catalòinia reifreann air neo-eisimeileachd air 1mh an Dàmhair, far an do bhòt 90% gus dealachadh le Spàinn – ach cha do bhòt ach mu 43% den t-sluagh.

Disathairne 14mh:

  • Toisichidh tursan-adhair stèidhichte gu cunbhalach gu Eilean Naomh Eilidh agus tha dùil ann ri itealan bho Afraga a Deas nas anmoiche an-diugh. Thathar ag ràdh gur e seo am port-adhair neo-fheumaile a th’ ann san t-saoghal air sgàth cho doribh ’s e tha e landaig ann. Gu ruige seo, bha bàta a’ tighinn dhan eilean turas gach trì seachdainnean. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh gun seas an t-eilean air a cheann fhèin sam àm ri teachd, seach a bhith a’ faighinn airgead bhuapa.

  • Tha dùil ann gum bi an teas eadar 21 is 25 puing Celsius ann an ceann a deas Sasainn tron deireadh seachdain ri linn huracan Ophelia – sa chummantas san Dàmhair, tha an teas mu 15 puing Celsius. Tha an huracan a-nis os cionn a’ Chuain Shèimh ’s e na stoirm Ìre 2. Thathar ag ràdh gum bi gaothan suas gu 115msu ann an Alba agus Èirinn Diluain agus Dimàirt agus tòrr mòr uisge ann cuideachd, gu h-àraidh air taobh siar na Rìoghachd Aonaichte.

Didòmhnaich 15mh:

  • Ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh thèid iarraidh air daoine innse dè an gnèitheachd aca ’s iadsan a’ sireadh sheirbhisean slàinte. Thuirt labhraiche NHS Sasainn gum bi aig proifeiseantaich shlàinte faighneachd do dh’euslaintich, nas aosda na 16 bliadhna a dh’aois, dè an gnèitheachd aca gus dèanamh cinnteach “nach tèid leth-bhreith a dhèanamh air duine sam bith”. Chan fheum daoine freagairt a thoirt seachad, ach tha am buidheann “Family Doctor Association” fhathast den bheachd “gur dòcha gum biodh seo sàithteach agus mì-thaitneach”.

  • Tha a-nis còrr is 40 daoine marbh agus na ceudan a bharrachd air chall ann an California às dèidh do theintean fiadhaich sgrios cho mòr a dhèanamh air an sgìre. Chaidh còrr is 100,000 fhuadachadh às an sgìre agus tha fhathast mu 10,000 luchd-smàlaidh a’ strì an aghaidh 16 teintean mòra. Thuirt riaghladair Chalifornia gu bheil an sgrios a chaidh a dhèanamh gu ruige seo “do-chreidsinneach”.

bottom of page