top of page

Ceann na Seachdaine


Diluain 2na:

  • Thug fear ionnsaigh-gunna air daoine aig cuirm-ciùil country ann an Las Vegas an-diugh. Chaidh co-dhiù 59 a mharbhadh agus còrr is 520 a leòn is e a’ losgadh orra bhon 32na làr ann an taigh-òsta Mandalay Bay. Lorg na poilis 23 gunnaichean anns an t-seòmar aige, agus 19 gunnaichean a bharrachd anns an taigh aige fhèin. Thuirt Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte gur e “ionnsaigh gu tur olc” a bh’ ann.

  • Tha an companaidh Monarch Airways air a dhol fodha an-diugh, is còrr is 110,000 luchd-turais glacte thall thairis gun dòigh faighinn dhachaigh. Tha dùil ann cuideachd gun caill 2,500 an obair aca. Thuirt a’ chompanaidh gun tug ionnsaighean ceannairc agus còmhstr eadar na companaidhean buaidh mhòr orra.

Dimàirt 3mh:

  • Tha figearan ùra bho Chomhairle nan Eilean Siar a’ sealltainn gun deach na h-àireamhan de sgoilearan a bhios ag ionnsachadh na Gàidhlig san treasamh agus ceathramh bliadhna san àrd-sgoil an lùghad. Bha còrr is 80 ann an clasaichean do dh’fhileantaich ann an 2007, ach chan eil ach 24 ann a-nis. A thaobh luchd-ionnsachaidh, bha 114 ann o chionn deich bliadhna, ach chan eil ach 40 ann a-nis. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil cùisean beagan nas fheàrr am-bliadhna.

  • Thug Rìgh na Spàinne òraid seachad air telebhisean a-nochd ’s e a’ bruidhinn mun reifreann air neo-eisimeileachd a chaidh air adhart ann an Catalòinia Didòmhnaich. Thuirt e gun robh an fheadhainn a bhòt anns an reifreann “ag obair taobh a-muigh an lagha” agus gum biodh aig an stàit smachd a chumail air Catalòinia – ’s daoine an dùil gu bheil sin a’ ciallachadh gun cuir Riaghaltas na Spàinne às do Riaghaltas Catalòinia.

Diciadain 4mh:

  • Google air dà fòn-làimhe Pixel ùr a chur air bhog – am Pixel 2 agus am Pixel 2 XL. Reic a’ chompanaidh mu 2.8 aonadan den chiad Phixel an-uiridh agus iad am beachd “fada a bharrachd” a reic an turas seo. Tha comas aig an dà chamara air a’ Phixel 2 dealbhan-duine sònraichte a thogail, gun fheum air dàrna lionsa. ’S e an t-aon atharrachadh mòr nach eil port 3.5mm a-nis air a’ Phixel 2, coltach ris an iPhone 8 – feumar an USB-C a chleachdadh.

  • Thug am Prìomh Mhinistear Theresa May seachad òraid an-diugh aig Co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester, ach bha corra thrioblaid aice fad na h-òraide. Letheach-slighe troimhpe, thoisich i a’ casadaich gu dona, agus b’ fheudar dhi deoch uisge a ghabhail. An uair sin, thàinig comaig air an àrd ùrlar a thug P45 dhi agus thuit corra litrichean far an t-soighne air a cùlaibh cuideachd – a thug air daoine a ràdh gun robh an teachdaireachd aice gu litireil a’ tuiteam às a chèile.

Diardaoin 5mh:

  • Riaghaltas na Spàinne ag ràdh nach gabh iad ri “dubh-chìs” bho Riaghaltas Catalòinia. Thug Ceann-suidhe Catalòinia seachad òraid an-dè ag ràdh gum feum an dà Riaghaltas còmhradh ri chèile agus gu bheil Riaghaltas Catalòinia deiseil agus deònach neo-eisimeileachd a ghairm Diluain an ath-sheachdain. Cha do ghabh ach 42.2% de luchd-bhòtaidh pàirt anns an reifreann, ach chaidh còrr is 750,000 bhòtaichean a bharrachd a thoirt air falbh le Poilis na Spàinne.

  • Chaidh rannsachadh fhoillseachadh air casaidean drabastachd chloinne an aghaidh an t-seann Phrìomhaire Mhinistear Tòraidheach, Sir Edward Heath, an-diugh. Thuirt Poilis Wiltshire, a rinn an rannsachaidh, nam biodh Sir Edward beò, gum biodh iad air a cheasnachadh mu shia de na casaidean uile gu lèir. Thuirt iad ge-tà, gu bheil e glè chudromach mothachadh ged a bhiodh iad air a cheasnachadh, nach biodh sin a' fàgail ciont sam bith air.

Dihaoine 6mh:

  • Tha pàipearan dìomhair a’ sealltainn gun do reic Prìomh Mhinistear na h-Innis Tìle, Bjarni Benediktsson, a h-uile maoin a bh’ aige anns a’ chunntas bhanca Glitnir “Sjóður 9” beagan uairean mus do thachair staing an ionmhais 2008. Thug e a-mach 30m ISK [£250,000] 9 làithean ron staing ionmhais agus reic e 21m ISK [£175,000] a bharrachd air 6mh an Dàmhair 2008. Tha Bjarni Benediktsson a’ dol às àicheadh na casaidean seo ge-tà, ’s e ag ràdh air Facebook nach d’rinn e càil ceàrr is gun robh fios aig a h-uile duine air cho cugallach ’s a bha staid nam bancaichean aig an àm sin.

  • Prìsean mhorgaidsean le reatan-suidhichte gus àrdachadh. Thathar ag ràdh gun àrdaich na morgaidsean seo mu £11 gach mìos, air neo mu £130 gach bliadhna, ma bhios morgaidse de £125,000 agaibh. Tha Banca na Sasainn air a ràdh gun tèid reatan san fharsaingeachd suas “ann an àm nach bi ro fhada”.

Disathairne 7mh:

  • Fear, aois 27, à Sruighlea fo chasaid mì-iomchaidheachd phoblach ann an Dubai, anns na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, às dèidh dha a làmh a chur air cruachan fir eile anns an Rock Bottom Bar. Cuideachd an t-seachdain seo, chaidh fear a chur sa phrìosan nuair a dh’fheuch e nòta-airgid fuadain £20 atharrachadh. Bha e sa phrìosan fad trì latha, ach tha e air tilleadh a dh’Alba a-nis.

  • Chaidh staid eiginneach a ghairm ann an 4 stàitean ann an taobh a deas nan Stàitean Aonaichte an-diugh ri linn hurcan Nate. Tha an hurcan a-nis aig Ìre 2 agus tha oiteagan gaoithe suas gu 90msu ann air Costa a’ Chamais. Tha Nate air 25 daoine a mharbhadh mar-thà is e na stoirm troipigeach ann an Niocaragua agus Costa Rìcea

Didòmhnaich 8d:

  • Riaghaltas na h-Alba gus sgeama ùr a chruthachadh far am faigh daoine a dh’atharraicheas an dreuchd aca £20,000 gus trèanadh mar thidsear matamataigs, saidheans, teicneòlas air neo innealadaireachd. ’S iad na cuspairean ‘STEM’ agus tha gainnead de thidsearan ann, a rèir figearan an Riaghaltais. Thuirt ceannard nan Tòraidhean Albannach, Ruth Davidson, gur e beachd math a th’ ann – ach b’ ann leothsan a bha e an toiseach. Thuirt labhraiche foghlaim a’ Phàrtaidh Làbraich, Iain Gray, an aon rud cuideachd.

  • Chan eil ach seachdain ri dhol gus an seann phunnd a chleachdadh, mus bi aig a h-uile duine ris an fhear ùr a chleachdadh na àite. Thuirt labhraiche bhon Taigh-cùinnidh Rìoghail gun deach cha mhòr 1.2 billean a thilleadh mar-thà, ach tha mu 500 millean fhathast ann ri thilleadh. An t-adhbhar gun do dh’atharraich iad cruth a’ phunnd ’s e gu bheil 1 a-mach à gach 30 fuadain ’s iad ag iarraidh gum bi am fear ùr nas earbsaiche.

bottom of page