Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Oct 1, 2017
- 4 min read

Diluain 25mh:
Bhòtaidh na Cùrdastanaich an-diugh ann an reifreann connspaideach air neo-eisimeileachd. Tha Ceann-suidhe Cùrdastain ag ràdh gur e seo an dòigh as fheàrr gus na daoine anns an sgìre a chumail sàbhailte. Thuirt Prìomh Mhinistear Ioràc gu bheil an reifreann mì-laghail agus “gun gabhadh e na ceuman iomachaidh gus an dùthaich a chumail aonaichte”. Chan eil dùthaich eile a’ cur taic ris an reifreann, seach Iosrael, agus tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh gur e co-dheasbad an dòigh cheart air adhart.
Tha àrainn nam panda “air fàs nas lugha agus nas sgapte”, sin a-rèir dhealbhan-saideil ùra. Tha an àrainn aca air lùghdachadh 23% thairis air na 40 bliadhna a dh’fhalbh, ach a dh’aindeoin sin chan eil pandathan fhèin anns an aon chunnart ’s a bha iad. Tha figearan a’ sealltainn gu bheil còrr is 1,800 fhathast beò san t-saoghal.
Dimàirt 26mh:
Dh’fhoillsich an còmhlan-ciùil Albannach, Runrig, brath-naidheachd an-diugh ag ràdh gu bheil iad gus sgur a’ cluich an ath-bhliadhna. Tha an còmhlan air a bhith còmhla fad 45 bliadhna, agus ’s e 2018 a’ bhliadhna mu dheireadh a bhios aca còmhla – ’s iad gu bhith a’ cluich aig cuirm-ciùil ann an Sruighlea, Disathairne 18mh den Lùnasdal.
Èirinn gus reifreann a chumail ann an 2018 air casg-breith. Bhiodh feum aig a’ mhòr-chuid an taic a chur ris an reifreann gus artagail a h-ochd den bhun-reachd aca atharrachadh. Thàinig iarrtas bho Chomataidh Còraichean Daonna nan Nàiseanan Aonaichte an-uiridh agus bho bhuidhnean poblach cuideachd.
Diciadain 27mh:
Bheir Jeremy Corbyn co-labhairt nan Làbarach ann am Brighton gu crìoch an-diugh agus e ag ràdh gu bheil am pàrtaidh deiseil airson tilleadh mar riaghaltas. Canaidh Mgr. Corbyn gun tug adhartas nan Làbarach aig an taghadh choitchionn san Ogmhios rabhadh dha na Tòraidhean. Ann an Alba ge-tà, tha argamaid a’ dol eadar seann cheannard a’ Phàrtaidh Làbaraich, Kezia Dugdale, agus tagraichean ceannardais Anas Sarwar agus Richard Leonard, às dèidh dhi a ràdh gun robh “tòrr thrioblaidean taobh a-staigh a’ phàrtaidh” ann.
Dh’fhoillisch an Coimisean Eòrpach plana an-diugh gus 50,000 comraichean a tharraing a-steach dhan Roinn Eòrpa eadar 2018 agus 2020. A dh’aindeoin na targaid seo ge-tà, sheall figearan nach deach ach mu 32,000 comraichean às na 160,000 ris an robh iad an dùil a tharraing a-steach thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh.
Diardaoin 28mh:
Thuirt Comann nam Pàrant Nàiseanta gun lean iad orra a' strì airson foghlam Gàidhlig ann an sgire Chomhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear, ged a tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh nach tachair càil a thaobh sin. B' e seo a' chiad oidhirp fo Achd an Fhoghlaim 2016 air foghlam Gàidhlig iarraidh air ùghdarras ionadail agus leis a' chomhairle ag ràdh gun seas an co-dhùnadh sin, tha a’ bhuidheann a' cumail a-mach gu bheil seo a' dearbhadh laigsean san achd ùr.
Thuirt Rùnaire Bhrexit na Rìoghachd Aonaichte, David Davis, gun deach “ceumanan mòra air adhart” a dhèanamh aig a’ choinneimh as ùire air Brexit eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach. Air an taobh eile ge-tà, tha barganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier, ag ràdh gu bheil astar fada ri dhol fhathast agus tha “beàrn mòr” ann eadar an dà thaobh air cuid de chùisean cudromach.
Dihaoine 29mh:
Thagh buill UKIP ceannard ùr an-dè. Bhuannaich Henry Bolton aois 54, a bha roimhe na thagraiche Lib Deamach agus na shaighdear, le 30% den bhòt agus e a-nis an ceathramh ceannard aig a’ Phàrtaidh taobh a-staigh bliadhna gu leth. Dh’fhàg Nigel Farrage ann an 2015, agus cha robh Diance James ann ach airson 18 làithean, mus d’fhuair Paul Nuttal an obair an-uiridh. Lùghdaich bhòt UKIP bho 12.8% ann an 2015 gu dìreach 1.8% san taghadh anns an Ògmhios am bliadhna.
Tha tuiltean mòra air sgrios a dhèanamh ann an taobh an ear na h-Innis Tìle às dèidh dha Abhainn Jökulsá tuileachadh. Tha prìomh rathad na dùthcha, Slìghe an Nàisein a h-Aon, air a bhith dùinte corra latha ’s e air a dhroch mhilleadh. Tha dùil ann nach fosgail e gu Diluain no Dimàirt. Bha còrr is 200 luchd-turais air an glacadh agus b’ fheudar dha heileacoptair an sàbhaladh.
Disathairne 30mh:
Prìomh Mhinistear na Rìoghachd Aonaichte a’ gealltainn gun cùm i cosgaisean oilthighe ann an Sasainn aig an aon ìre ’s a tha iad an-dràsta - £9,250 gach bliadhna fad trì bliadhna. Thèid an ìre cosnaidh far am feum daoine na cìsean aca a phàigheadh air ais àrdachadh gu £25,000 sa bhliadhna. Tha seo a’ tighinn às dèidh dhan Phàrtaidh Thòraidheach beachdadh air cìsean a chur an àirde – eu-coltach ris a’ Phàrtaidh Làbrach, ’s iad am beachd cur às do chìsean oilthighe uile gu lèir.
Thàinig lagh ùr a-steach gu reachdas na Frainge an-diugh far am feum teachdaireachd rabhaidh nochdadh air dealbh-cuirp sam bith a chaidh a dheasachadh le a leithid Photoshop, mar eisimpleir. Bho seo a-mach, bidh feum aig companaidhean “photographie retoucheé” [“dealbh deasaichte”] ri sgrìobhadh air dealbhan-cuirp deasaichte ann an irisean agus air loidhne, air neo ’s dòcha gum bi aca ri cìs €37,500 a phàigheadh.
Didòmhnaich 1d:
Bhòtaidh daoine ann an Catalòinia an-diugh ann an reifreann air neo-eisimeileachd, ged a tha Riaghaltas na Spàinne ag ràdh gu bheil e mì-laghail agus neo-ceadaichte. Tha dùil ann gun gabh suas ri 60% den t-sluagh pàirt anns an reifreann, agus mas e is gum bhòt daoine airson neo-eisimeileachd tha Riaghaltas na Catalòinia ag ràdh gun iarr iad còmhraidhean le Riaghaltas na Spàinne agus an t-Aonadh Eòrpach mun t-slighe air adhart dhan sgìre. Tha Poilis na Spàinne air co-dhiù 280 daoine a ghoirteachadh às dèidh dhaibh ionnsaigh a thoirt orra sna sràidean is iad a’ feuchainn ri stad a chur orra bhòtadh.
Tha OJ Simpson, a bha roimhe na chluicheadair ball-coise Amaireaganach agus cleasaiche, fo chead-saoraidh a-nis às dèidh dha 9 bliadhnaichean a chur seachad ann am prìosan fo chasaid mèirle le armachd.
Comments