Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Sep 24, 2017
- 4 min read

Diluain 18mh:
Tha Righaltas Choirèa a Tuath ag ràdh nach cùr smachdan-bhann poilitigeach casg air an dùthaich a’ phrogram niùclasach aca a leasachadh. Dh’fhoillsich an Riaghaltas brath-naidheachd a’ càineadh nan Nàiseanan Aonaichte ’s e ag ràdh gun robh na smachdan-bhann “aingidh, mì-bheusalachd agus neo-dhaonnachail”.
Stoirm Maria na “storim uabhasach cunnartach” ’s i na stoirm Seòrsa 4 a-nis. Thathar deb bheachd gun lean Storim Maria an aon slighe ’s a bh’ aig Hurcan Irma dà sheachdain air ais – agus gun dèan a storim air a’ Charaibeach. Tha rabhadh hurcan ann air feadh nan eilean, a leithid Dominica, Eilean Naoimh Lùisea agus Eileanan Bhreatanach na Maighdinn.
Dimàirt 19mh:
Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Cuimrigh na planaichean aca a thaobh a’ Bhile ‘EU Withdrawal’ an-diugh, ’s iad ag ràdh gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ feuchainn smachd a ghabhail air cumhachdan a dh’fhaodadh tighinn fo smachd nan righaltasan ionadail – a leithid iasgach, barr-bìdh ghin-atharraichte agus taic tuathanais.
Bha crith-thalmhainn ann an Morelos, Meagsago san fheasgair 120km air falbh bho Mexico City fhèin. ’S e crith-thalmhainn 7.1 a bh’ ann, agus chaidh còrr is 300 duine aig a’ char as lugha a mharbhadh. Bha crith-thalmhainn eile ann na bu tràithe sa mhìos cuideachd, far an deach 90 a mharbhadh.
Diciadain 20mh:
Poileas na Spàinne air 13 duine a tha ag obair ann an Riaghaltas Catalòinia a chur fo ghrèim. Nam measg, tha Ministear an Ionmhais agus leas-rùnaire iar-cheann-shuidhe Catalòinia. Thuirt Ceann-suidhe Catalòinia gu bheil “suidheachadh èiginneach” ann a-nis agus Spàinn air smachd a ghabhail air cumachdan an Riaghaltais. Tha Prìomh Mhinistear na Spàinne air a ràdh gu robh “feum aig an stàite an làmh a ghabhail ris an t-suidheachadh”.
Thèid barrachd dhaoine fhastadh gus dèiligeadh ri sanasachd air Facebook às dèidh dhan chompanaidh àiteachadh nach robh iad dha-rìribh a’ coimhead air na rudan a nochd air an làrach-lìn fhèin – feadhainn an-aghiadh Iùdhaich nam measg. Thuirt àrd oifigear-obrachaidh a’ chompanaidh gu bheil i air a gràineachadh leis na sanasan a nochd ann agus gur iadsan as coireach, ged a b’ e mearachd a bh’ ann.
Diardaoin 21d:
Dithis cionntach às dèidh dhaibh a bhith ri feis ann an taigh-bidh Dominoes ann an Scarborough sa Ghearran. Chuala cùirt gun robh an dithis ri feis-beòil agus feis fad cha-mhòr fichead mionaid, ’s luchd-obrach agus custumairean eile ann aig an àm. Tha iad air a’ chùis a chur ann an dàil, ach ’s dòcha gun toirear binn-phrìosain seachad fhathast.
Thathar an dùil gun gairm Prìomh Mhinistear na Rìoghachd Aonaichte, Theresa May, gu bheil i deònach €20bn a phàigheadh agus dà bhliadhna de dh’eadar-ghluasad a chur an sàs gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Tha seo a’ tighinn às dèidh dha labhraiche Brexit an Aonaidh Eòrpaich ag ràdh nach eil plana ceart air neo tuigse idir aig Riaghaltas Bhreatainne air cùisean Brexit.
Dihaoine 22na:
Thèid iarraidh air bancaichean agus comainn thogalaich coimhead ri cuntasan banca gus taic a chumail ris an Riaghaltas in-imrichean mì-laghail a ghlacadh. Chaidh reachdas tron Phàrlamaid an-uiridh mar dhòigh smachd fhaighinn air an t-suidheachadh, ach tha cuid draghail nach tèid a thoirt gu buil ceart ’s e a’ bualadh air daoine aig a bheil cead fuirich san dùthaich gu laghail.
Thuirt Ceannard Chorèa a Tuath, Kim Jong-un, gu bheil na rudan a tha Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Donald Trump, ag ràdh gun chiall. Thuirt Kim Jong-Un gu bheil Donald Trump "a-mach às a rian". Cuideachd, tha Ceannard na dùthcha air a ràdh gun cuir iad bomba haidhraidean as a’ chuan Shèimh gus sealltainn dè cho cunnartach is cumhachdach ’s a tha Coirèa a Tuath.
Disathairne 23mh:
An uairead de dhaoine le ballrachd san Urrais Nàiseanta [Sasainn, a’ Chuimrigh + Èirinn a Tuath] a-nis nas àirde na còig millean airson a’ chiad turas. Cha robh ach 278,000 buill aca ann an 1970, nuair a thòisich iad a’ cunntadh. ’S e Clachan nam Fuamhair an t-àite as còrdaichte ri daoine, le 665,681 duine a’ tadhail ann. Tha 330,000 buill cuideachd aig Urras Nàiseanta na h-Alba, agus ’s e Taigh-tasgaidh Raibeirt Burns an t-àite as frithealaichte.
Thuirt Ministreachd Mhalairt na Sìona gun cuir iad casg air an uimhir de dh’ola a gheibh Coirèa a Tuath bhuapa agus cuideachd chaidh innse gun sguir iad a’ ceannach obair-chlòtha bho Choirèa a Tuath, ’s iad an dùil buaidh a thoirt air eaconomaidh na dùthcha air sàilleibh smachdan-bhann nan Nàiseanan Aonaichte.
Didòmhnaich 24mh:
Tha nam milleanan de dhaoine anns a’ Ghearamailt a’ bhòtadh an-diugh anns an taghadh feadarail. Tha dùil ann gum bi àireamh mhòr de dhaoine a’ bhòtadh leis gur e seo an taghadh as cudromaiche, agus as cugallaiche, a th’ air a bhith ann fad bliadhnaichean. Tha a h-uile coltas ann gun cùm Angela Merkel, Seansailear na Gearmailte, oirre as an dreuchd aice, ach teagamhan ann a thaobh cruth an riaghaltais.
Thòisich Co-làbhairt a’ Phàrtaidh Làbraich an-diugh ’s Ceannard a’ Phàrtaidh, Jeremy Corbyn, ag ràdh gun èist e ri buill a’ Phàrtaidh agus na draghan aca a thaobh Bhrexit agus a’ fàgail margadh singilte an Aonaidh Eòrpaich – ach esan cuideachd ag ràdh gur dòcha gum biodh buaidh air sin air comas an an riaghaltais dèiligeadh ri cùisean a thaobh an eaconomaidh agus obraichean daonna.
Comments