Agallamh: Daibhidh C. MacChaluim
- Alasdair Laing
- Sep 23, 2017
- 4 min read
S e fear-ciùil Hip Hop a th’ ann an Daibhidh Corvid MacChaluim, 42, agus e air bruidhinn rinn gus beagan a bharrachd fiosrachaidh a thoirt seachad air cò e agus na bhios e a’ dèanamh.
Cait’ an d’rugadh sibh agus cait’ an deach ur togail? Innsibh beagan mur deidhinn.
Uill, rugadh mi ann an Ontario a Tuath, ann am baile Sudbury agus thogadh mi ann an Niagara Falls, agus iomadh baile beag eile. Tha a’ mhòr-chuid dhe mo theaghlach a’ fuireach anns a’ bhaile bhig cheadna, ‘s e ‘’North Bay’’ air neo ‘’Nord Baie’’ an t-ainm a th’ air. Nuair a bha mi fichead bliadhna a dh’aois, bha mi nam shiùbhlach, ’s thàinig mi gu Bhancoubhar airson a’ chiad turas.

Tha mi air a bhith a’ fuireach ann o chionn 15 bliadhna, ’s tha mac agus bean agam a-nis. Tha mi ag obair anns a’ chiad Ionad Slàinte nan Cainb Leigheasach ann an Canada, agus tha mi air obrachadh ann o chionn bharrachd ’s 12 bliadhna. Tha mi air a bhi nam MC Hip Hop o chionn bharrachd ’s fichead bliadhna, agus bidh mi a’ cluich ceòl tradisiunta sa Ghàidhlig agus Gaeilge, ceòl ròc punc, agus ceòl meatail cuideachd.
Cuin a thàinig sibh gus Gàidhlig ionnsachadh? Agus ciamar a dh’ionnsaich sibh Gàidhlig?
Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig timcheall air sia bliadhna air ais, nuair a fhuair mi cuireadh bho Jim Sutherland pàirt a ghabhail anns a’ phroiseact chiùil ‘’Struileag’’, agus ceòl rap a chlàradh ann an Gàidhlig.
Daibhidh C. MacChaluim
Dh’ionnsaich mi Gaeilge nuair a bha mi nam dheugaire, agus bha bun-stèidh mhath agam leis a’ chànain mar seo. Rinn mi cùrsa Ùlpan suas dhan 25mh ionad, rinn mi cuideachd an Cùrsa Inntrigidh le Sabhal Mòr Ostaig, agus thòisich mi leis a’ Chùrsa Adhartais - ach cha do chuir mi chrìoch air. Aig an àm seo, tha mi ag ionnsachadh Gaeilge a-rithist, gu sònraichte Gaeilge Uladh, oir tha teaghlach mo mhàthar à Èirinn a Tuath agus tha ùidh mhòr agam an cànan sin a chleachdadh. Tha e sàr-inntinneach rium, na bannan agus an dlùth-cheangal eadar Gàidhlig agus Gaeilge, agus leis a’ Chuimris agus na cànain Chèilteach gu lèir.
Dè thug oirbh an ceòl agaibh a dhèanamh?
Nuair a bha mi òg, bha Hip Hop òg cuideachd, agus chunnaic mi na dannsairean ‘’break’’ anns a’ phairc leis na ‘’boomboxes’’ anns na ’80an. Bha mi nam sheinneadair bho thùs, agus bidh mi an-còmhnaidh a’ cluich ciùil Èireannach le mo theaghlach ’s ceòl meatailt agus punc le mo bhràithrean. Thòisich mi air bàrdachd Rap a sgrìobhadh nuair a bha mi nam fhicheadan ’s nam aonaran, a’ fuirich ann am bothag bheag air a’ mhonadh anns na Kootenays. Bha bruadar ath-thathartach agam a h-uile oidhche - bha mi air an àrd-ùrlair, le maicreafòn nam laìmh, ach gun fhacal bàrdachd sam bith nam cheann! Bha feum mhòr orm bàrdachd a sgrìobhadh gun dàil, agus sgilean MC Hip Hop fhaighinn ’s a chleachdadh.
Thuirt Ice-T uaireigin, “feumaidh tu ochd bliadhna a chaitheamh ag ionnsachadh ’s a’ cleachdadh airson a bhith nad MC Hip Hop ceart’’, agus ’s e siud mo bheachd-sa cuideachd. Chan e rud furasda a th’ ann, ach sin mar bu chòir. ’S e ealain nan gaisgeach a th’ ann an Hip Hop, agus cuspair gu math tromchuiseach, ged nach fhaca tu e mar sin ann am meadhanan a’ mhòr chuid!

Cia mheud clàr a tha sibh air a dhèanamh, agus a bheil sibh a’ cleachdadh chànan eile a bharrachd air Gàidhlig?
Rinn mi dà chlàr LP agus aon clàr EP ann am Beurla, agus an clàr EP ùr agam ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi mo chlàr LP deireannach mu dheidhinn mo dhualchais Chèiltich, ach ann am Beurla, ’s nuair chuala Jim Sutherland e, chuir e teachdaireachd a dh’fhaighneachd dhomh am b’ urrainn dhomh òrain rap a dhèanamh ann an Gàidhlig. Chuir e cuireadh dhomh gus tighinn a dh’Alba airson òrain a ghabhail air an àrd ùrlair aig na Gèamaichean Co-Fhlaitheas leis a’ phròiseact Struileag ann an Glaschù, 2014.
Sgrìobh mi na trì òrain airson ‘’Cungaidhean Leighis’’ ann an Gàidhlig, agus an dèidh sin, rinn mi eadar-theangachadh filidheach gu Bearla. ’S e an t-amas a bh’ agam dreach a thoirt ri daoine nach eil comasach a’ Ghàidhlig a thuigsinn, ach aig a bheil ùidh no a luachachadh ann an ceòl Hip Hop, ’s a’ Bheurla no a’ Ghàidhlig - air neo cànan sam bith.
Tha ùidh mhòr agam ann an seanchas nan Gàidheil, agus ’s e sin cuspair nan òran gu lèir. Thagh mi trì linn eachdraidheil agus sgrìobh mi mun deidhinn ’s na daoine a bh’ ann, a’ cleachdadh mo shùil gheur ’s mo bhlas gharbh!
Tha ùidh mhòr agam air cànain ionnsachadh, agus tha cuid Ghaeilge, Ghaelg, Chuimris, ’s Fhraingis agam cuideachd. Bu mhath leam a bhith fileanta anns gach cànan Cèilteach.

A bheil sibh den bheachd gu bheil e cudromach gun gabh daoine an cothrom rudan cruthachail a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig?
Tha e cudromach gun teagamh, agus nam bheachd-sa tha e gu tùr deatamach. Mur am bi daoine a’ dèanamh obair ùr chruthachail anns a’ Ghàidhlig, bidh i chò marbh ri Laideann, ’s cha bhi sin fada. B’ fheàrr leam a bhi a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba no Èirinn, a’ bruidhinn Gàidhlig fad an là agus mi nam thuathanach, ach ’s e an t-aonamh linn air fhichead a th’ ann an-drasta, ’s tha mi a’ fuireach ann am Bhancoubhar nam mhogh-teicnolach, a’ dèanamh cèol Hip Hop ’s a’ toirt seachad leighis dha na daoine bochda. ’S e sin an saoghal a th’ againn, math no dona.
Feumaidh sinn dòigh a lorg airson maireachdainn is soirbheachadh ann, le ’r seanchas ’s dùthchas gar stiùireadh, ach gun a bhith air ar ceangal gu teann le traidisean. ’S e saoghal ioma-chultarail a th’ ann cuideachd, agus tha mòran leasanan ri ionnsachadh bho dhùthchannan eile, gu h-àraidh mun dì-cholonachadh. Tha e glè chudromach dhòmh-sa na bannan eadar na dùthchannan Cèilteach a bhrosnachadh ’s a neartachadh gus taic a thoirt dha ar cànanan, ma tha sinn airson ’s gum mair iad fada san àm ri teachd. Mhair sinn tro amannan eagalach mar-thà, ’s tha mi ’n dòchas gum bi sinn ann gu bràth!
Comments