Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Sep 17, 2017
- 3 min read

Diluain 11mh
Tha 20 bliadhna air a bhith ann on a bhòt muinntir na h-Alba airson Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh a-rithist. Air an latha seo ann an 1997, bhòt còrr is 74% de dhaoine airson Pàrlamaid a stèidheachadh le cumhachdan cìse.
Tha figearan ùra bho Choimisean Cearrachais a’ sealltainn gu bheil fiachan de chòrr is £10,000 aig cuid de dh’oileanaich anns an Rìoghachd Aonaichte ri linn thrioblaidean cearrachais. Tha an Coimisean a’ cumail a-mach gu bheil trioblaid air mu 100,000 oileanaich cus airgid a chosg air cearrachas.
Dimàirt 12mh
Bhòt Buill-Phàrlamaid an-diugh gus taic a chuir ris an ‘EU Withdrawal Bill’. Bhòt 326 air a shon agus 290 na aghaidh, le seachdnar as a’ Phàrtaidh Làbrach a’ bhòtadh an aghaidh òrdain cheannard a’ Phàrtaidh, Jeremy Corbyn.
Chuir Apple am fòn-làimhe as ùire aca, an iPhone 8, air bhog an-diugh aig tachartas mòr ann an Taigh-cluiche Steve Jobs, an California. Sheall iad cuideachd an iPhone X – fòn-làimhe shònraichte mar chuimhneachan air a’ chiad iPhone a chruthaich iad o chionn deich bliadhna. Bidh cosgais £699, gu ruige £1149, an lùib nam fònaichean-làimhe ùra.
Diciadain 13mh
Ball-Pàrlamaid na h-Alba, John Mason, air a ràdh nach e eilean a th’ anns an Eilean Sgitheanach aig deasbad air Bile nan Eilean. Thuirt e nach e “eilean ceart” a th’ ann air sgàth ’s gu bheil drochaid ga cheangal ris an Tìr Mhòr is sin a’ ciallachadh nach eil na h-aon trioblaidean aig an eilean ri eileanan eile.
Riaghaltas na Spàinne air rabhadh a thoirt do Riaghaltas Catalòinia gun cuir iad stad air reifreann agus cùis sam bith ceangailte ri fear às dèidh do Riaghaltas Catalòinia a dhearbhadh gun leanadh iad orra reifreann air neo-eisimileachd a chumail 1d an Dàmhair.
Diardaoin 14mh
Thuirt Labhraiche Thaigh nan Cumantan ann an agallamh an-diugh gum bu choir an àireamh de mhorairean ann an Taigh nam Morairean a bhith air an geàrradh gu 400, seach còrr is 800 mar a tha an-dràsta – ’s e ag ràdh gu bheil e “gòrach” gu bheil Taigh nam Morairean nas motha na na Cumantan fhèin.
Chuir Coirèa a Tuath arm-tilgidh eile sna speuran thairis air an t-Seapain sa mhadainn, mu 7m. Chuir Riaghaltas na Seapaine rabhadh oifigeil a-mach dhan phobail agus chuir Coirèa a Deas dà arm-tilgidh sa mhuir faisg air Coirèa a Tuath mar rabhadh.
Dihaoine 15mh
Tha na poilis ag ràdh gur e ionnsaigh ceannairce a bh’ ann air treana aig stèisean Parsons Green aig 0820m faisg air Lunnainn. Chaidh cuid de dhaoine a leòn, is an làmhan is an casan loisgte. Thathar ag ràdh gun deach 22 a thoirt dhan ospadal.
Leig Riaghaltas na h-Innis Tìle mu sgaoil an-diugh nuair a choisich am pàrtaidh 'Àm Ri Teachd Soilleir' a-mach às a' cho-bhanntachd air sgàth ’s gun do dh'iarr athair a' Phrìomh Mhinisteir air maitheanas a thoirt do spuinneadair-cloinne
Disathairne 16mh
Riaghaltas Ionadail Chùrdastan air bhòtadh gus reifreann a chumail air neo-eisimileachd. Bhòt 65 air a son a-mach à 111 Buill-Phàrlamaid, ach cha tàinig còrr is 40 BP eile dhan choinneamh. Tha Righaltas Phoblachd Ioràc ag ra1dh gum bi reifreann mì-laghail.
Boris Johnson, Rùnaire Stàite nan Dùthchannan Cèin, air dearbhadh a-rithist gum faigh an t-Seirbheis Shlàinte Nàiseanta an £350m a gheall e san reifreann air ballrachd an Aonaidh Eòrpaich an-uiridh. Tha figearan oifigeil a’ sealltainn nach eil an Rìoghachd Aonaichte a’ cosg £350m gach seachdain a bhith na bhall den Aonadh Eòrpach ge-tà.
Didòmhnaich 17mh
Dithis fear air an cur fo ghreim a’ phoilis ’s iad fo chasaid cheannairce às dèidh na thachair aig stèisean Parsons Green, faisg air Lunnainn, madainn Dhihaoine. Chuir am poileas a’ chiad fhear fo ghreim an-dè, ’s esan aois 18 bliadhna a dh’aois, agus chuir iad am fear eile fo ghreim sa mhadainn an-diugh, ’s esan 21 bliadhna a dh’aois.
Tha na Nàiseanan Aonaichte ag ràdh gur e seo an “cothrom mu dheireadh” aig Aung San Suu Kyi, toisiche Myanmar, làmh an uachdar a ghabhail air na tha a’ tachairt san dùthaich. Tha daoine air a bhith a’ strì am measg a chèile agus feachdan Riaghaltais Myanmar ann an sgìre Rakhine, sgìre Bhudach far a bheil mòran Muslamaich a’ fuireach – ’s iad ag ràdh gur e cairtead-cinnidh a th’ ann.
תגובות