top of page

Atharrachadh mòr air an t-saoghal phoilitigeach an ann Innis Tìle - Pàirt 3

  • Writer: Alasdair Laing
    Alasdair Laing
  • Sep 11, 2017
  • 3 min read

Sealladh air poilitigs an latha an-diugh ann an Innis Tìle.

Toraidhean an Taghaidh

Cha robh toraidhean an taghaidh 2016 soilleir idir, ach air pàipear a-mhàin. Fhuair am Pàrtaidh Neo-eisimileachd tòrr a bharrachd taic na bha dùil, ach cha d’rinn am Pàrtaidh Adhartach a’ chùis idir – ’s iad air na toraidhean a bu miosa aca a chosnadh bho chionn 100 bliadhna. Rinn Pàrtaidh Uaine an Taoibh Chlì glè mhath, b’ iadsan a bha san dàrna àite gu nàiseanta, agus sa chiad àite ann an ‘Roinn a’ Phrìomh Bhaile’. Ach, air an làimh eile, cha mhòr nach do chaill an Comunn Deamocratach Sòisealta an taic aca uile gu lèir. Cha do choisinn iad ach 5.7% den bhòt nàiseanta – 0.7% thairis air an ìre as lugha de thaic a dh’fheumadh iad gus Buill-Phàrlamaid fhaighinn. Rinn Ath-Nuadhachadh, am pàrtaidh ùr meadhan-dheis, a’ chùis ge-tà agus choisinn iad 11% den bhòt nàiseanta – na toraidhean a b’ fheàrr a-riamh airson pàrtaidh gu tur ùr. Ghlèidh am pàrtaidh Àm ri Teachd Soilleir an taic a bh’ aca ann an 2013. Dh’adhbhraich na toraidhean seo trioblaid dha Pàrtaidh nan Spuinneadairean ge-tà agus ged a sheall cunntsan-beachd ìrean de thaic gu math àrd na bu tràithe sa bhliadhna, cha do choisinn iad ach 15% den bhòt nàiseanta agus 10 Buill-Phàrlamaid a-mach à 63.

Airson an dàrna thuras a-riamh ann an eachdraidh na h-Innis Tìle, bha seachd pàrtaidhean ann am Pàrlamaid na h-Innis Tìle agus, air sgàth nan riaghailtean a tha ann, dh’fheumadh trì dhiubh, no tuilleadh, obair còmhla gus Riaghaltas ceart a stèidheachadh. Agus b’ e a’ chnap-starra a bh’ ann gun tuirt cha mhòr gach pàrtaidh nach biodh iad deònach obair ann an co-bhanntachd leis na pàrtaidhean riaghlaidh mar a bha, is sin a’ ciallachadh gum b’ fheudar dhaibh rudeigin gu tur eadar-dhealaichte is ùr a dhèanamh.

Bhathar an dòchas gun adhbhraicheadh an suidheachadh seo Riaghaltas a bhiodh na b’ èifeachdaiche agus na b’ fhosgailte, a ghabhadh a-steach poileasaidhean agus beachdan pàrtaidhean taobh a-miugh an Riaghaltais cuideachd. Bha fiù ’s beachd ann far an rachadh Riaghaltas a chruthachadh le pàrtaidhean nach robh air obrachadh còmhla roimhe gus toil agus beachdan an luchd-bhòtaidh a riochdachadh na b’ fheàrr. Bha còmhraidhean a’ dol eadar am pàrtaidh a chaidh a thaghadh leis a’ Cheann-suidhe, am Pàrtaidh Neo-eisimileachd, agus trì pàrtaidhean eile – Àm ri Teachd Soilleir, Ath-Nuadhachadh agus Pàrtaidh Uaine an Taoibh Chlì. Chaidh cuireadh a thoirt dhan a h-uile pàrtaidh eile coinneachadh leis a’ Cheann-suidhe cuideachd. An rud as iongantaiche ge-tà, b’ e gun tuirt a h-uile pàrtaidh nach biodh iad idir deònach obair còmhla ris a’ Phàtaidh Adhartach – co-dhùnadh do-chreidsinneach ann am poilitigs na h-Innis Tìle.

Ged a bhios trioblaidean ann riaghaltas sam bith a stèidheachadh, eadar an Cèitean agus an t-Samhain 2016, thàinig atharrachadh mòr air an dòigh anns an robh an Riaghaltas fhèin ag obair – le pàrtaidhean ag ràdh gun do dh’obraich iad còmhla fada na b’ fheàrr na dh’obraich iad riamh roimhe, agus gun do dh’fheuch iad ris a h-uile càil a chaidh aontachadh gu h-oifigeil a shealltainn dhan phobail, ann an dòigh fhosgailte ruigsinneach. B’ ann air leth cudromach a bha seo, seach gun robh e a’ sealltainn gur dòcha nach biodh an t-slighe air adhart cho doirbh agus nach toireadh e ro fhada cùisean an Righaltais ùir a rèiteachadh. Ach, co-dhiù no co-dheth, cha robh fios aig daoine dè an coltas a bhiodh air an Righaltas ùr, ’s iad an dùil gum biodh co-dhùnadh soilleir ann taobh a-staigh seachdain. Agus bha cuid an dùil gum biodh aig a’ Cheann-suidhe ùr ri a làmh a chur ri cùisean cuideachd, dìreach mar a chaidh a dhèanamh ann an 2013.

Suas leis na boireannaich!

Nuair a smoaineachas mi air na h-Innis Tìlich agus na dòighean bhòtaidh aca, bidh an abairt Innis Tìleach “Þangað leitar klárinn sem hann er kvaldastur” a’ tighinn thugam, a bhios a’ ciallachadh rudeigin coltach ri ‘thèid an t-each dhan àite far a bheil e sa chunnart as motha’. Tha eachdraidh fhada aig na h-Innis Tìlich air oidhirpean cùisean na dùthcha a dhèanamh nas fheàrr dhaibh, ach sa bhitheantas chan obraich a h-uile càil mar bu chòir. Ged nach tàinig atharrachadh cho mòr sin air cruth Righaltas na h-Innis Tìle a thaobh nam pàrtaidhean riaghlaidh, tha a-nis 30 boireannaich nam Buill-Phàrlamaid, an àireamh as àirde a-riamh ann an Innis Tìle – air neo 48% de na Buill-Phàrlamaid air fad. Tha seo a’ ciallachadh gur ann san treasamh àite san t-saoghal a tha Pàrlamaid na h-Innis Tìle a thaobh cothromachadh gnè.

Chaidh na h-artagailean seo a sgrìobhadh an toiseach anns an t-Samhain 2016. Chuir Alasdair Laing dà bhliadhna [2015-2017] seachad a’ fuireach agus ag obair ann an Reykavík, prìomh-bhaile na h-Innis Tìle. Bha e an sàs ann am poilitigs na dùthcha fad ’s a bha e ann agus tha e fhathast na bhall de Phàrtaidh nan Spuinneadairean.

Kommentare


bottom of page