Às Dèidh Barcelona
- Eòghann MacRìseard
- Sep 6, 2017
- 3 min read

Bha mi air leth brònach nuair a chuala mi mu dheidhinn an ionnsaigh ceannairceach ann an Catalòinia an t-seachdain seo chaidh. Tha mi gu math eòlach air an sgìre agus thadhail mi air Catalòinia gu tric nuair a bha mi na b’ òige. ’S truagh gun do thachair sin ann an aon de na bailtean as breagha far a bheil daoine o feadh an t-saoghail a’ tadhal ann. A bharrachd air sin, ’s truagh gu bheil sinn a’ faicinn cus ionnsaighean coltach ris ann an iomadh dhùthaich fad bliadhnaichean.
Ach nuair a bha luchd-ainneirt, mar ceannaircich agus Neo-Nàsaich, a’ dèanamh cron oirnn le gunnaichean agus bomaichean còig bliadhna air ais, b’ fheàrr leotha sgriosadh a-nis le càraichean agus carbaidean eile seach buill-airm gnàthach. Tha e gu math follaiseach gu bheil sin nas fhasa dhaibh, gu h-àraid anns an Roinn Eòrpa far a bheil smachd gunnaichean gu math teann. Uime sin, tha eagal orm nach biodh e iongantach nan chitheamaid barrachd ionnsaighean ann an carbaidean anns an àm ri teachd coltach ri na h-ionnsaighean ann am Barcelona, Charlottesville, Nice, Lunnainn agus Berlin, agus bhiodh e anabarrach nas duilghe airson na poilis a bhith gar dìon. Ri linn sin, feumaidh sinn faighnich, ciamar a bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail tèarainnte?

Air an adhbhar sin, tha Meàr Nice Christian Estrosi a’ cur air bhog co-labhairt aig am bi meàran agus ceannardan eile a’ coinneachadh ri chèile anns an t-Sultain airson na ceiste seo a fhreagairt. ’S ann an Lunnainn a thathar a’ togail ballaichean-bacaidh gus am bac carbaidean o bhith a’ bualadh daoine air na cabhsairean. Chunnaic sinn tuilleadh ceuman tèarainteachd aig fèis Dhùn Èideann am-bliadhna cuideachd. ’S mathaid gum biodh sgeamaichean coltach ris feumail agus ’s mathaid gum bi sgeamaichean eile a’ tighinn a-mach à Nice an ath-mhìos. Ach air sgàth ’s gun tuirt Jonathan Evans an t-seann cheannard MI5 gu bheil e gu math coltach gum faic sinn ionnsaighean ceannairchaich airson fichead no tricead bliadhna, ’s mathaid nach eil fuasgladh simplidh ann idir.
Tha e cudromach a bhith a’ cuimhneachadh gu bheil ionnsaighean gu math tearc, fiù ’s anns na bailtean mòra mar Lunnainn, Paris, Berlin agus Barcelona. A bharrachd air sin, chunnaic sinn coimhearsnachdan a’ tighinn còmhla às dèidh gach ionnsaigh agus a’ sealltainn do luchd-ainneirt nach eil eagal orra agus bidh sinn an-còmhnaidh a’ seasamh an aghaidh gràin agus ainneart. ’S e sàr-eisimpleir a th’ ann am Barcelona air sgàth ’s nach fhaca sinn duine sam bith a’ tòireachadh coimhearsnachd air choireigin anns a’ bhaile às dèidh na h-ionnsaighe, mar a’ choimhearsnachd Muslamach. Cuideachd thànaig mìltean air La Rambla ri chèile às dèidh na h-ionnsaigh agus chuir milleanan gaol agus dùrachdan gu muinntir Bharcelona tro meadhanan sòisealta.

Tha e cudromach a bhith gar dìon agus ’s dòcha gum bu chòir dhuinn barrachd phoilis a chur air na t-sràidean. Tha e gu math coltach gum biodh diofar luchd-ainneirt ag iarraidh cron a dhèanamh oirnn, ge be a bhios sinn a’ dèanamh. ’S mathaid gu bheil e as cudromaiche a bhith a’ cumail air adhart mar as àbhaist agus bu chòir dhuinn uile sealltainn gum bi sinn a’ seasamh an aghaidh gràin agus ainneart gu bràth.
Is ann am Fìobha a thogadh Eòghann ach dh’ionnsaich e Gàidhlig anns an t-Sabhal Mhòr agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e ann an 2017 le ceum ann an Ceilteis. Tha ùidh aige ann am poilitigs, ceòl, eachdraidh agus cultaran o fheadh an t-saoghail. Còrdaidh ris a bhith ag ionnsachadh cànain no a’ coiseachd thar nam beann (nuair a tha i tioram gu leòr). Nam biodh an tìde aige, tha e airson taic a chuir ri tachartasan Gàidhlig agus a’ brosnachadh a’ chànain.
Comments