Atharrachadh mòr air an t-saoghal phoilitigeach an ann Innis Tìle - Pàirt 2
- Alasdair Laing
- Sep 4, 2017
- 4 min read
Sealladh air poilitigs an latha an-diugh ann an Innis Tìle.

San Eadar-ama
’S e Innis Tìle dùthaich gu math sìtheil gun thrioblaidean mòra a rèir na smaoineachas is a leughas sinn ma deidhinn. Ach, às dèidh na thachair ann an 2007 tha mòran rudan air tachairt; thàinig sgrios, agus ath-nuathachadh, air roinn nam bancaichean, thuit Margadh Ionmhais na h-Innis Tìle gu mòr, thàinig an Riaghaltas a bh’ ann a bìth, thàinig leudachadh mòr ann am fiachan nàiseanta agus dachaigh, chaidh ìrean chinn-cosnaidh suas, dh’fhalbh àireamh mhòr de dhaoine à Innis Tìle, dh’èirich suidheachadh èiginneach san t-Seirbheis Shlàinte agus ann an roinn an fhoghlaim, leig cuid de Bhuill-Phàrlamaid dhiubh an obair ri linn choirbeachd, thachair stailc phoileis agus stailcean nan roinntean poblach agus, mu dheireadh, bha caismeachdan mòra air na sràidean ann a thaobh dhòigh riaghlaidh na dùthcha, ghnothaichean ionmhais agus chòraichean daonna. Cuideachd, tha cùis ballrachd an Aonaidh Eòrpaich fhathast ann – rud air nach bruidhinn luchd-poilitigs na dùthcha.
Ann an 2009 ghabh an Comann Deamocratach Sòisealta agus Pàrtaidh Uaine an Taoibh Chlì stùir air an dùthaich agus cha robh beatha furasta dhaibh – a’ feuchainn ri dèiligeadh ris an Staing Ionmhais agus an coire a thàinig orra air sgàth ’s na thachair nuair a bha an Comann Deamocratach Sòisealta a’ riaghladh leis a’ Phàrtaidh Neo-eisimileachd eadar 2007 agus 2009 an toiseach. Bha aca cuideachd ri cobhair a thoirt dhan mhargadh airgid, am Margadh Ionmhais a chur ceart agus pacaid faochaidh fèich a chur air dòigh do dhaoine aig an robh fiachan cho mòr ’s nach b’ urrainn dhaibh a’ cumail orra na fiachan-taigheadais aca a phàigheadh. Cho fad ’s a bha seo a’ tachairt, bha an Righaltas cuideachd a’ tòiseachadh air còmhradh leis an Aondadh Eòrpach mu bhallrachd gus eaconomaidh na dùthcha a rèiteachadh, ged a bha còrr is 75% den t-sluagh an aghaidh a’ phlana sin. Thuilleadh air a h-uile càil sin, bha Righaltas na h-Innse Tìle ag obair air plana gus faochadh a thoirt do dhùthchannan eile a chaill sùimean mòra airgid phoblaich nuair a chiadh bancaichean nàiseanta na h-Innis Tìle fodha. Chaidh reifreann a chumail air a’ chùis seo trì tursan agus gach turas bhòt sluagh na h-Innis Tìle an aghaidh air an robh an Righaltas ag amas. Às dèidh dhaibh an treasamh reifreann a chumail, chleachd Ceann-suidhe na h-Innis Tìle na cumhachdan poilitigeach aige gus stad a chur air planaichean an Righaltais.
Ann an 2013 dh’fhàs mì-thoilicheas muinntir an àite gu mòr leis mar a bha an Comann Deamocratach Sòisealta agus Pàrtaidh Uaine an Taoibh Chlì a’ riaghladh na dùthcha – bha na ceithir pàrtaidhean a chaidh a thaghadh ann an 2009 a-nis air sgàinneadh nan naoi. Aig àm an taghaidh chaill an dà phàrtaidh a bha a’ riaghladh a’ chuid as motha den taic aca dhan Phàrtaidh Neo-eisimileachd agus am Pàrtaidh Adhartach – fhuair an dà phàrtaidh sin còrr is 50% den bhòt. Rud a thachair gun dùil ge-tà ’s e is gun d’fhuair Pàrtaidh nan Spuinneadairean 5.1% den bhòt – 0.1% thairis air an ìre de thaic a dh’fheumas pàrtaidh gus Buill-Phàrlamaid fhaghinn. Choisinn iad trì Buill-Phàrlamaid agus thug sin dhaibh cothrom ceistean a thogail mu ghnothaichean na dùthcha agus inbhe a’ Phàrtaidh a thogail agus a shealltainn dhan dùthaich gum b’ fhiach e bhòtadh air an son ged a bha mòran den bheachd nach robh ann ach togail fianais a bhith a’ cur taic riutha. ’S ann an seo a bhios an t-slighe air adhart gu 2016 a’ tòiseachadh.
Innis Tìle ann an 2016
Ann an 2015 thàinig crìonadh mòr air an taic dhan Phàrtaidh Neo-eisimileachd nuair a thòisich luchd-bhòtaidh a’ cur an taic ri pàrtaidh eile, Pàrtaidh nan Spuinneadairean. Gu ruige 2016 dh’fhàs an ìre de thaic a bh’aca sna cunntasan-beachd gach seachdain – bhiodh iad an uair sin mòr gu leòr gus riaghladh air an ceann fhèin gun thaic no cuideachadh bho phàrtaidh eile, le dùil gum biodh taghadh ann as t-Earrach 2017. Ràinig iad 43% as na cunntasan-beachd sa Ghiblean nuair a chaidh na Pàipearan Panama, pàipearan ionmhais chèin dhìomhair, fhoillseachadh. Sheall na pàipearan sin gun robh a’ Phrìomh Mhinistear agus a bhean, Ministear an Ionmhais agus ceannard a’ Phàrtaidh Adhartaich, an Ceann-suidhe agus a bhean agus 25% de mhinistearan a’ chabineit an sàs ann an gnothaichean ionmhais a bha mì-mhoralta. Dh’adhbhraich am fiosrachadh sin na caismeachdan a bu mhotha ann an Innis Tìle a bha ann a-riamh, le còrr is 22,000 daoine a’ togail fianais taobh a-miugh Pàrlamaid na h-Innis Tìle. Bha caismeachd ann gach latha fad còrr is dà sheachdain agus, air sgàth sin, leig a’ Phrìomh Mhinstear dheth a dhreuchd agus thàinig fios nach robh an Ceann-suidhe airson ainm a chur air adhart, airson an 7mh turas, dha taghadh a’ chinn-shuidhe a bha gu bhith ann san Ògmhios.
Chaidh am pìos seo a sgrìobhadh an toiseach anns an t-Samhain 2016. Chuir Alasdair Laing dà bhliadhna [2015-2017] seachad a’ fuireach agus ag obair ann an Reykavík, prìomh-bhaile na h-Innis Tìle. Bha e an sàs ann am poilitigs na dùthcha fad ’s a bha e ann agus tha e fhathast na bhall de Phàrtaidh nan Spuinneadairean.
Comments