top of page

Atharrachadh mòr air an t-saoghal phoilitigeach an ann Innis Tìle - Pàirt 1

Sealladh air poilitigs an latha an-diugh ann an Innis Tìle

Innis Tìle

“Krepp/a f [-u, ur] 1. Staing, duilgheadas 2. Staing eacanomach.”

Thug na h-Innis Tìlich ciall ùr do sheann fhacal às dèidh na thachair ann an Staing Eacanomach na h-Innis Tìle 2008-2010. ’S ann air an fhacal seo a thàinig, agus a thig, atharraichidhean ann am politigs na h-Innis Tìle a mhaireas fad bhliadhnaichean. Cuideachd, thall ann an Innis Tìle, dìreach mar a tha bhos an seo san Rìoghachd Aonaichte, chan eil luchd-bhòtaidh idir cho dileach ri aon phàrtaidh san aon dòigh ’s a bha na ginealaichean a thàinig romhpa. Tha an suidheachadh seo car na annas ann an Innis Tìle – feumaidh pàrtaidhean, a bha riamh a’ strì an aghaidh cach a chèile, suidhe sìos cruinn còmhla a chòmhradh mu na tha an dàn dhan dùthaich aca.

Anns an t-sreath artagailean a tha seo, coimheadaidh sinn air ais air Taghadh na h-Innis Tìle san Dàmhair 2016 agus an eachdraidh phoilitigeach a dh’adhbhraich an taghadh sin sa chiad dol-a-mach – ’s e sia mìosan nas tràithe na bha dùil. Thàinig iomadh duilgheadas air Innis Tìle anns na bliadhnaichean às dèidh 2007, ’s iadsan a thug buaidh air an t-slighe phoilitigich air a bheil an dùthaich. Chuir eachdraidh phoilitigeach na dùthcha, poilitigs an latha an-diugh agus mì-rùn muinntir an àite a h-uile càil bun-os-cionn tràth ann an 2016.

Pìobairean Aona-phuirt

Nan robh rud nas deimhinne na sneachd air mullach Beinn Esja sa gheamhradh, ’b e gum bitheadh am Pàrtaidh Neo-eisimileachd agus am Pàrtaidh Adhartach a’ riaghladh na dùthcha gu sìorraidh bràth. On a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1929, gu ruige an taghaidh 2009, ’b e am Pàrtaidh Neo-eisimileachd an fheachd a bu mhotha ann am poilitigs na dùthcha, le taic sa chiad dol-a-mach bhon Phàrtaidh Adhartach. Cha robh dùil ann gun tigeadh stad air a’ chumhachd a bh’ aig an dà phàrtaidh a bha seo, gus an do thòisich an staing eacanomach a’ gabhail greim bàsmhor air a h-uile càil, agus a h-uile duine. Ge-tà, fiù ’s anns an taghadh èiginneach, a thachair air sgàth chaismeachdan is togail fianais sna sràidean a mhair mìosan, cha b’ urrainn do na Tìlich cuidhteas fhaighinn air an dileas a bh’ aca – le 39% fhathast a’ cur taic ris na seann phàrtaidhean. Cha d’rinn am figear sin cus diofar ge-tà an taca ris an uiread de bhòtaichean a choisinn an Comann Deamocratach Sòisealta agus Pàrtaidh Uaine an Taoibh Chlì. Airson a’ chiad uair an ann cha mhòr 100 bliadhna thàinig riaghaltas seasmhach gu bhith gun ghuth air a’ Phàrtaidh Neo-eisimileachd. Cha do mhair seo fada ge-tà – thill am Pàrtaidh Neo-eisimileachd agus am Pàrtaidh Adhartach a’ riaghladh na dùthcha ann an 2013.

Ged a bhios a’ mhòr-chuid gu tradiseanta a’ bhòtadh airson an dà phrìomh phàrtaidh, bidh a’ chòrr aca a’ cur an cuid taice ris an iomadachd is an eadar-dhealachadh de phàrtaidhean eile a tha a-nis mar phàirt de dhealbh-tìre poilitigeach na dùthcha. Ann an Innis Tìle, eu-coltach ris na bhios a’ tachairt san Rìoghachd Aonaichte, cha tachair taghadh gun phàrtaidh ùr a’ nochdadh, pàrtaidh a’ briseadh air falbh bho phàrtaidh eile, pàrtaidhean a tha ann mar-thà ag atharrachadh neo seann phàrtaidhean a’ tighinn air ais. Gu dearbh fhèin, ’b e ‘Ath-nuathachadh’ am pàrtaidh as soirbheachail ann an 2016 – a thòisich dìreach sia mìosan ron taghadh fhèin. Bhris iad air falbh bhon Phàrtaidh Neo-eisimileachd, a bha a’ riaghladh aig an àm, air sgàth ’s na beachdan a bh’ aca a thaobh ballrachd an Aonaidh Eòrpaich agus na h-eaconamaidh. ’S e pàrtaidh an taobh fada-dheis a th’ anns an ‘Icelandic Front’, buidheann de sheann phàrtaidhean agus feadhainn ùra. ’S e th’ ann an ‘Dawn’ ach buidheann de Bhuill-Pàrlamaid gu tur eadar-dhealaichte nach aontaich ris na pàrtaidhean eile. ’S e “Pàrtaidh nan Daoine’ pàrtaidh a bhios a’ strì gu làidir airson chòraichean dhaoine ciorramach agus daoine bochda.

Chaidh am pìos seo a sgrìobhadh an toiseach anns an t-Samhain 2016. Chuir Alasdair Laing dà bhliadhna [2015-2017] seachad a’ fuireach agus ag obair ann an Reykavík, prìomh-bhaile na h-Innis Tìle. Bha e an sàs ann am poilitigs na dùthcha fad ’s a bha e ann agus tha e fhathast na bhall de Phàrtaidh nan Spuinneadairean.

bottom of page