top of page

Samsung Gear Fit2 Pro

Ro-shealladh air a’ bhann-eacarsaich o Samsung a’ sealltainn gu bheil comas ‘Spotify far liodhne’ air agus gu bheil e uisge-dìonach gu 5 ATM.

A-rèir Even Blass, fear a tha na thùs earbsach agus a bhios cha-mhòr an-còmhnaidh ceart a thaobh ghnothaichean den leithid seo, tha Samsung gu bhith a’ cur air bhog bann-eacarsaich ùr an ath-sheachdain. Aig tachartas Unpacked, Diciadain 23mh Lùnasdal, thathar an dùil gun seall Samsung dhuinn a “band”-eacarsaich ùr aca, sin a-rèir làrach-lìn VentureBeat.

Tha e uisge-dìonach sìos gu 65 troighean aig a’ bhann-eacarsaich ùr agus tha cothrom ann a cheangal dhan aplacaid “Speedo On” agus snàmh leis, agus a h-uile càil a nì sibh a chlàradh. Chan eil na comasan sin aig a’ bhann-eacarsaich a tha ann an-dràsta, an Samsung Gear Fit2. Cuideachd, tha roghainn chiùil gu bhith ann far am faodar Spotify a chleachdadh far loidhne, agus bidh GPS ann cuideachd, mar a bha roimhe.

Obraichidh an Gear Fit2 Pro le fònaichean-làimhe iOS agus Android, agus thathar an dùil gum bi fo-sgrìobhadh sònraichte na lùib fad bliadhna a bheireas seiribhisean-eacarsaich Under Armour dhaibhsan a tha ga cheannach. Tha an strap air ùrachadh fhaighinn cuideachd, is e a-nis nas coltaiche ri strap uaireadair àbhaisteach. Chaidh am fiosrachadh seo a lorg le Even Blass ann an duilleagan-trèanaidh far an do nochd am bann-eacarsaich ùr.

Chan eilear cinnteach dè na bhios e fhathast, air neo cuin a bhios e ri fhaighinn anns na bùthan. Thathar cuideachd an dùil a’ fòn-làimhe as ùire aig Samsung fhaicinn aig an tachartas – an Samsung Galaxy Note 8 – agus seata-cinn GearVR ùr.

Tùs: The Verge, Evan Blass agus VentureBeat

bottom of page