Ceann na Seachdaine
- Alasdair Laing
- Aug 20, 2017
- 2 min read

Diluain 14mh:
- Seachdnar air am marbhadh agus seachdnar eile air an leòn às dèidh ionnsaigh air prìomh oifisean nan Nàiseanan Aonaichte ann an Timbuktu, Màili.
- Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum bu chòir aonadh-chusbainnean sealach a bhith ann leis an AE às dèidh Brexit.
Dimàirt 15mh:
- VisitScotland ag ràdh gu bheil mòran luchd-turais a’ tadhal air Alba dìreach air sgàth is gu bheil a’ Ghàidhlig gan tàladh an seo.
- Àrd-sgoil ùr do Dhùn Èideann, ’s e sin fear de na planaichean aig Coimhairle Dhùn Èideann. Thèid Gàidhlig a theagasg an-dràsta aig Àrd-sgoil James Gillespie, ach chan eilear an dùil gum bi àite gu leòr ann san àm ri teachd do sgoilearan.
Diciadain 16mh:
- Dh’fhaodadh ionnsaigh-sìobair an aghaidh Pàrlamaidh na h-Alba “maireachdain corra latha” a bharrachd, às dèidh do bhuidheann ionnsaigh shoirbheachail a dhèanamh air siostaman coimpiutaireachd na Pàrlamaid.
- Ball-Pàrlamaid Libearalach, Jo Swinson, fon phrosbaig agus ceistean gan togail mu ghnothaichean ionmhais rè àm an taghaidh.
Diardaoin 17mh:
- Ceannaircich a’ marbhadh 13, agus a’ leòn còrr is 100, ann am Barsalòna às dèidh do chuideigin daoine a bhualadh le bhàn aig astar air Las Ramblas, sràid gu math ainmeil ann an teis-meadhan a’ bhaile feasgar Diardaoin.
- Thachair teine mòr ann an Glaschu feasgar Diardoin, aig Margadh Mheasan Bhlochairn. Dh’adhbhraich seo a’ chrìoch-astair ìsleachadh air a’ mhòr-rathad M8 ri linn droch fhaicsinneachd.
Dihaoine 18mh:
- Sir Bruce Forsyth, actair agus preseantair TbH gu math ainmeil, marbh aig aois 89 às dèidh dha bhith tinn fad 18 mìosan.
- Ceistean air nochdadh mu Bhall-Pàrlamaid Libearalach eile a thaobh chosgaisean-taghaidh – chaidh còrr is 82,000 litrichean a chur a-mach, ach cha deach ach 750 stampaichean a chleachdadh ’s a chlàradh air na foirmean-cosgais oifigeil.
Disathairne 19mh:
- Fèill Pride Glaschu a’ tachairt Disathairne 19mh an Lùnasdal, agus còrr is 5,000 daoine a’ gabhail pàirt ann. Airson a’ chiad uair a-riamh, ghabh ceann-stàite pàirt san Fhèill nuair a nochd Nicola Sturgeon, Prìomh Mhinistear na h-Alba, airson òraid a thoirt seachad agus a taic a chur ris a’ ghnothach.
Didòmhnaich 20mh:
- Gille beag Breatannach/Astràilianach, seachd bliadhna dh’aois, marbh às dèidh do dh’ionnsaigh cheannairc a thachair ann an Barsalòna, Diardaoin 17mh an Lùnasdal. Aig an ìre seo, chaidh 13 mharbhadh agus chaidh còrr is 100 a leòn.
- Ceistean air nochdadh mu phrìs agus phrothaidean na h-ola anns an Rìoghachd Aonaichte ri linn an sgaraidh a choisinn an Nirribhidh ann an cìsean bho chompanaidhean na h-ola ann an 2015/16.
Comments