top of page

Bheir NHS Shasainn innealan spòrsa do chòrr is 5,000 neach


Tinneas an t-Siùcair, Pixabay

Bheir NHS Shasainn innealan spòrsa, coltach ri Fitbits, do dhaoine air feadh na dùthcha ann an ochd sgìrean, feuch casg a chur air gnè a dhà de thinneas an t-siùcair. Tha an-dràsta mu thrì mhillean neach a’ fulang leis an tinneas agus seo a’ cosg an NHS mu £8bn.

Tha dùil gun tig gnè a dhà de thinneas an t-siùcair air dà mhillean neach a bharrachd ro 2025, a thuilleadh air na milleanan air a bheil e an-dràsta. Air sàilleibh sin, tha NHS Shasainn airson innealan spòrsa a thoirt do chòrr is 5,000 neach ann an ochd sgìrean.

Tha an-dràsta 22,000 a’ faighinn a’ bhàis tràth le tinneas an t-siùcair gach bliadhna, agus dùil gun àrdaich cosgais dhan NHS gu £17bn gu ruige 2035. Thathar an dòchas gun cuidich an deuchainn seo casg a chur air an tinneas.

Coimheadaidh an t-inneal ri ìrean gnìomhachd, pàtaranan cadail agus na calaraidhean a dh’itheas daoine. Bidh app ann cuideachd a chuidicheas le dòigh-ithe.

Thuirt Ceannard NHS Shasainn, Simon Stevens, gu bheil “seo a’ dearbhadh gu bheil an NHS a’ cur an gnìomh siostaman practaigeach agus cudromach gus cobhair a thoirt do dhaoine”. Thuirt Slàinte Phoblaich Shasainn gur i an sgeama-paidhleat seo “an ath-cheum tuigseach” airson casg a chur air an tinneas.

bottom of page